Feumar soilleireachd a thaobh ceumannan èigneachaidh gus ‘lagh ruith sprèidh’ a dhèanamh èifeachdach, tha Comataidh aig Taigh an Ròid ag ràdh

14.12.2020

Feumaidh reachdas ùr a chuireadh an-àirde na peanasan air daoine aig a bheil coin a bhios a’ ruith, a’ toirt ionnsaigh air no a’ marbhadh beathaichean tuathanais atharrachadh mòr agus stiùireadh soilleir a thaobh mar a dh’obraicheas e ma tha e gu bhith a’ coileanadh an amais aige gus tachartasan ris an canar “ruith sprèidh" a lùghdachadh, a rèir BPA.

Thuirt Comataidh Eaconamaidh Dùthchail is Co-cheangailteachd aig Taigh an Ròid gu bheil iad a’ cur taic ri prionnsapalan coitcheann a' Bhile Chon (Dìon Sprèidh) (Atharrachadh) (Alba), ach chuir iad draghan an cèill mu èifeachdas nan ullachaidhean èigneachaidh agus casaid sa Bhile agus an dìth soilleireachd a thaobh mar a chuirear an reachdas an gnìomh gu practaigeach.

Bhiodh am Bile Buill, a chaidh a thoirt a-steach le Emma Harper BPA, a’ stèidheachadh chumhachdan a bharrachd airson sgrùdadh agus èigneachadh na h-eucoir agus a’ cur an-àirde am peanas as àirde gu sia mìosan sa phrìosan, càin de £5,000, no an dà chuid.

Anns an aithisg ìre 1 aca a chaidh fhoillseachadh an-diugh (Diluain) thuirt a’ Chomataidh ged a dh’fhaodadh gun gabhadh peanasan nas àirde fhìreanachadh, nach robh iad cinnteach gum biodh cumhachdan air binn nas àirde a-mhàin nan casg, agus cheasnaich iad an robh feum air na ceumannan co-cheangailte ri dìoladh luchd-seilbh sprèidh leis na bha ann de chothroman dhaibh tro na cùirtean a thaobh seo mar-thà.

Bhiodh am Bile (a leudaicheas am mìneachadh air “sprèidh” gu bhith a’ toirt a-steach seòrsaichean a bharrachd de bheathaichean tuathanais leithid làmathan, fèidh, agus buabhaill, a’ leigeil le cùirt òrdugh a dhèanamh cuideachd a’ casg dhaoine a chaidh a dhìteadh bho bhith a’ sealbhachadh no a’ cumail cù, no gam bacadh bho bhith a' toirt chon do fhearann àiteachais far a bheil sprèidh.
Ach, thug a’ Chomataidh fa-near fianais gum faodadh nach biodh na h-òrdughan casg a chaidh a mholadh a rèir a’ Chùmhnaint Eòrpaich air Còraichean Daonna agus dh’iarr iad soilleireachadh a thaobh mar a bhiodh na h-òrdughan sin air an cur an gnìomh, an èigneachadh agus air an sgrùdadh.

Tha am Bile a’ toirt chumhachdan ùra do na poileis agus luchd-sgrùdaidh gus cù a ghlacadh airson an neach-seilbh aige aithneachadh no fianais a chruinneachadh, ach tha an aithisg ag iarraidh gun tèid ullachaidhean a thoirt a-mach a cheadaicheadh buidhnean sgrùdaidh ùra a chruthachadh, oir tha iad den bheachd nach bu chòir uallach airson dèiligeadh ri a leithid de dh’eucoir a bhith ach aig na poileis a-mhàin.

Shaoil a’ Chomataidh a-rithist gum bu chòir cur às do mholaidhean gus cumhachd inntrigidh, rannsachaidh agus glacaidh a thoirt do na poileis às aonais barantas nuair a thathar a’ sgrùdadh chùisean ruith sprèidh, às dèidh dhaibh fìor dhragh a nochdadh mu dè cho riatanach agus laghail ’s a bhiodh leithid de chumhachd.

Thuirt Neach-gairm na Comataidh, Eideard Mountain BPA:

“Ann am prionnsapal tha a’ Chomataidh taiceil do reachdas ùr a bheireadh a-steach cumhachdan èigneachaidh nas cruaidhe agus a mheudaicheadh peanasan airson ruith sprèidh, oir faodaidh ionnsaighean chon beathaichean tuathanais a chur ann an èiginn agus cosgais mhòr adhbharachadh do thuathanaich. Ach, tha an fhianais bho luchd-ùidh air grunn raointean a nochdadh anns a’ Bhile a tha a’ Chomataidh a’ meas feumach air barrachd soilleireachd agus/no atharrachadh gus cuideachadh le bhith a’ coileanadh amasan a’ Bhile agus ga dhèanamh cho èifeachdach sa ghabhas. 

“Gu h-àraidh, tha an aithisg againn a’ togail dhraghan mu dheidhinn dìth soilleireachd a thaobh rùn, freagarrachd agus cleachdadh practaigeach grunn de na h-ullachaidhean èigneachaidh agus casaid sa Bhile. Tha sinn cuideachd air iarraidh gun tèid na molaidhean sònraichte a thaobh buidhnean sgrùdaidh ùra a chruthachadh agus na molaidhean a thaobh cumhachd inntrigidh, sgrùdaidh agus glacaidh a thoirt do na poileis às aonais barantas ann an cùisean ruith sprèidh a thoirt às a’ Bhile.

“Tha sinn air iarraidh air a’ Bhall a tha os cionn a’ Bhile obair le Riaghaltas na h-Alba gus dèiligeadh ris na cùisean sin airson dèanamh cinnteach gun urrainn don reachdas a shlighe a chrìochnachadh ro dheireadh an t-seisein phàrlamaidich seo."

Gheibhear aithisg ìre 1 na Comataidh an seo.

Cùl-fhiosrachadh

Chaidh am Bile Buill a thoirt a-steach le Emma Harper BPA air 14 Cèitean 2020. Bidh e ag ùrachadh an lagha air “ruith sprèidh”, sa mhòr-chuid le bhith ag atharrachadh na h-Achd Chon (Dìon Sprèidh) 1953.

Bidh am Bile:

• ag àrdachadh a’ pheanais as àirde gu càin de £5,000 no prìosan airson sia mìosan

• a’ leigeil leis na cùirtean casg a chur air neach a chaidh a dhìteadh bho bhith a’ sealbhachadh cù no leigeil leis a’ chù aca a dhol air fearann àiteachais

• a’ toirt barrachd chumhachdan do na poileis a bhith a’ rannsachadh agus ag èigneachadh eucoir ruith sprèidh, a’ toirt a-steach dol air fearann gus cù a chomharrachadh, a ghlacadh agus fianais a chruinneachadh bhuaithe

• a’ leigeil le buidhnean eile cumhachdan ionann fhaighinn

• a’ leudachadh na h-eucoir “ruith sprèidh” gus dèiligeadh ri seòrsachan a bharrachd de bheathach tuathanais

• ag ath-mhìneachadh na h-eucoir mar a bhith “a’ toirt ionnsaigh air no a’ cur dragh air sprèidh”, leis an rùn a bhith a’ daingneachadh cho dona sa dh’fhaodas e a bhith.

Fiosrachadh Mheadhanan

Baktosch Gillan: 07866  163 636

Fàilte ro ghairmean Text Relay

[email protected]

Bidh Buidheann Chorporra Pàrlamaid na h-Alba a’ làimhseachadh dàta luchd-naidheachd gu tèarainte gus aithris air obair Pàrlamaid na h-Alba a dhèanamh comasach, a rèir riatanasan dìon dàta làithreach. Tha a’ chòir agad dì-chlàradh aig àm sam bith. Airson tuilleadh fiosrachaidh faic ar Sanas Prìobhaideachd.

Fiosrachadh Comataidh

Clàrcan: 0131  348 5211

[email protected]

Fàilte ro ghairmean Text Relay

Fiosrachadh poblach

• Loidhne-fòn airson cheistean 0800 092 7500 no 0131 348 5395 (Gàidhlig)
• [email protected]
• Teacsa 07786 209 888
• Cuir ceist tro live chat
• Cuiridh sinn cuideachd fàilte ro ghairmean tron t-seirbheis Text Relay no ann an Cànan Soidhnidh Bhreatainn tro .contactSCOTLAND-BSL

Faodaidh tu cuideachd ar leantainn air Twitter @scotparl agus am fiosrachadh as ùire bhon Chomataidh a chluinntinn @SP_RECcttee
Dèan like oirnn air Facebook airson an fhios agus nan tachartasan as ùire. No faigh a-mach tuilleadh air 
YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.