Comataidh aig Taigh an Ròid ag iarraidh bheachdan gus modh-ceadachaidh a dhèanamh nas fhasa do dh’fhèilltean-spòrs a’ siubhal a chuidicheas gus an dòigh-beatha aca a ghleidheadh

12.10.2020

Tha Comataidh aig Pàrlamaid na h-Alba ri sgrùdadh a dhèanamh air molaidhean a chruthaicheadh siostam-ceadachaidh ùr do dh’fhèilltean-spòrs a’ siubhal (travelling funfairs). 

Tha Comataidh Riaghaltais Ionadail agus Choimhearsnachdan air gairm a sgaoileadh ag iarraidh bheachdan air Bile Ceadachadh Fhèilltean-spòrs (Alba), a tha na Bhile Buill air a mholadh le Richard Lyle BPA. Tha am Bile seo a’ feuchainn ri dòigh-beatha luchd nam fèilltean ann an Alba a dhìon le bhith a’ dèanamh siostam a’ cheadachaidh nas fhasa agus a’ lùghdachadh cosgais iarratas-ceadachaidh.

Tha fèilltean-spòrs a’ siubhal gan ceadachadh an-dràsta fo Achd Riaghlaidh Chatharra (Alba) 1982, a leigeas le ùghdarrasan ionadail ceadan-fèisteis an dà chuid sealach agus poblach iomlan a thoirt seachad. Tha seo air a bhith a’ ciallachadh gun do ghabh diofar chomhairlean ri diofar dhòighean-dèiligidh a thaobh a bhith gan toirt a-mach. Tha rannsachadh a chaidh a dhèanamh mar thaic ris a’ Bhile a’ leigeil fhaicinn cuideachd gum faod na cìsean airson ceadachadh atharrachadh thar nan comhairlean – bho £50 gu na mìltean de notaichean.

Bheireadh am Bile fèilltean-spòrs a’ siubhal bho Achd 1982; bheireadh e mìneachadh air na tha ‘fèill-spòrs a’ siubhal’ a’ ciallachadh, agus siostam fa leth a chruthachadh dhaibh, ag iarraidh air neach sam bith a’ cumail fèill-spòrs cead a thug an t-ùghdarras ionadail seachad a bhith aca. Mhaireadh an cead fad sia seachdainean air a’ char as fhaide le cìs shuidhichte de £50, a ghabhas socrachadh a-rithist ach dìreach air an aon rèir ri atmhorachd.

Agus e a’ bruidhinn nuair a chaidh a’ ghairm airson beachdan a sgaoileadh, thuirt Neach-gairm na Comataidh Seumas Ó Dornáin BPA:

“Tha muinntir na h-Alba air tlachd a ghabhail à fèilltean-spòrs thar nan linntean. Ach tha am Ball air am Bi9le seo a thoirt air adhart seach gu bheil e den bheachd gu bheil malairt nam fèilltean-spòrs ann an staing dha-rìribh, agus gu bheil a cuid dhuilgheadasan a’ dol air ais nas fhaide na èiginn na slàinte a tha ann an-dràsta. Tha e a’ creidsinn mura tèid an siostam-ceadachaidh a tha ann an-dràsta atharrachadh gu bheil dòigh-beatha nam fèilltean-spòrs bho shean ann an cunnart, mar a tha agus na h-obraichean na lùib. 

“Tha e mar amas aig an t-siostam ùr a thathar a’ moladh ceannach chead a dhèanamh nas luaithe, mas fhasa agus nas saoire. An-dràsta, faodaidh ùghdarrasan ionadail diofar dhòighean-dèiligidh a ghabhail nuair a thig e gu ceadachadh, agus chruthaicheadh am Bile seo aon siostam seach sin leis na comhairlean uile a’ leantainn nan aon riaghailtean.

“Bu mhath gu mòr leis a’ Chomataidh an cruthaicheadh am Bile seo an cothromachadh ceart. An lùib seo tha èisteachd bhon ghnìomhachas mu na duilgheadasan a’ tighinn orra, a’ cluinntinn a bheil comhairlean a’ faireachdainn gun toir an siostam ùr an ìre cheart de smachd agus cluinntinn a bheil coimhearsnachdan ionadail an dùil gun cuireadh an siostam ùr air chomas gum faigh iad cluas ri claisneachd.

“Tha sinn cuideachd ag iarraidh cluinntinn mun bhuaidh ionmhasail a bheireadh an reachdas, chan ann a-mhàin air luchd nam fèilltean agus luchd-obrachaidh eile, ach cuideachd air ùghdarrasan ionadail agus air a’ choimhearsnachd anns an fharsaingeachd.”

Tha a’ ghairm airson beachdan a’ tighinn gu crìch 7 Dùbhlachd 2020 agus faodaidh tu na beachdan agad a nochdadh an seo:
https://yourviews.parliament.scot/lgc/funfairs

Cùl-fhiosrachadh

Airson barrachd fiosrachaidh mu chomataidh Riaghaltais Ionadail agus Choimhearsnachdan, tadhail air làrach-lìn Pàrlamaid na h-Alba.

Tha Bile nam Fèilltean-spòrs a’ Siubhal (Ceadachadh) (Alba) na Bhile Buill a chaidh a thoirt a-steach le Richard Lyle BPA air 29 Giblean 2020, chan ann le Riaghaltas na h-Alba. Faodaidh tu am Bile agus na sgrìobhainnean na chois a leughadh an seo.

Bidh Buidheann Chorporra Pàrlamaid na h-Alba a’ giullachd dàta luchd-naidheachd gu tèarainte gus am bi e air chomas dhaibh aithisg a thoirt mu obair Pàrlamaid na h-Alba, a rèir nam feumalachdan a tha ann an-dràsta mu dhìon dàta. Tha de chòir agad tarraing a-mach às aig àm sam bith. Airson barrachd fiosrachaidh, seallaibh an Sanas mu Phrìobhaideachd againn.

Fiosrachadh nam Meadhanan

Warren Hardie: 0131 348 5479
Conaltradh Text Relay di-beathte
[email protected]

Fiosrachadh mun chomataidh

Peter McGrath: 0131 348 5206
Conaltradh Text Relay di-beathte
[email protected]

Fiosrachadh poblach 

· Loidhne nan ceist: 0131 348 5395 (Gàidhlig) no 0800 092 7500 (Beurla)

· [email protected]

· Teacsa 07786 209 888

· Faighnich ceist air-loidhne air còmhradh beò

· Tha sinn cuideachd a’ cur fàilte air conaltradh a’ cleachdadh seirbheis Text Relay no Cànan-soidhnidh Bhreatainn tro contactSCOTLAND-BSL.

Faodaidh tu ar leantainn cuideachd air twitter @scotparl. agus cumail suas ris a’ Chomataidh, @SP_LocalGovt

Thoir meas dhuinn air Facebook airson ùrachaidhean air naidheachdan is tachartasan

No faigh a-mach barrachd air YouTube  

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.