Comataidh air bile fhoillseachadh gus stad a chur air a’ chleachdadh a bhith a’ faighinn cothrom tràth air fiosrachadh eaconamach

09.09.2020

Tha Buill air Comataidh Eaconamaidh, Lùtha agus Obair Chothromach aig Taigh an Ròid ar Bile Comataidh fhoillseachadh an-diugh a chuireadh srian air cothrom ro sgaoileadh (PRA) a tha aig Ministearan agus oifigearan Riaghaltas na h-Alba air fiosrachadh eaconamach bunaiteach.

Is e PRA an cleachdadh cothrom air àireamhan oifigeil, agus an aithris sgrìobhte nan lùib, a thoirt seachad ro fhoillseachadh do dhaoine sònraichte nach eil an sàs ann a bhith gan cur ri chèile. Sa chuid as motha de shuidheachaidhean, tha seo a’ bualadh air Ministearan an Riaghaltais agus na h-oifigearan a bheir comhairle dhaibh.

Na bu thràithe am-bliadhna, thàinig na Comataidh do bheachd na mòr-chuid gum bu chòir gun tigeadh an cleachdadh de chothrom tràth air àireamhan eaconamach, is e sin GDP agus Clàr nan Reic airson Alba, gu crìch.

Thuirt Neach-gairm na Comataidh, Gordon Lindhurst BPA:

“Is e maoin phoblach a tha ann an staitistig agus b’ e raon-ùghdarrais an rannsachaidh a bha againn an toiseach cruinneas, feumalachd agus tuigse air fiosrachadh eaconamach a sgrùdadh. Ann a bhith a’ toirt an rannsachaidh gu crìch, dh’aontaich a’ mhòr-chuid de na Buill gun robh reachdas a dhìth.

“Bha a’ chuid a bu mhotha buileach de na h-eòlaichean a thug fianais don Chomataidh den aon bheachd nach bu chòir gun rachadh an cleachdadh de chothrom ro sgaoileadh airson ministearan an riaghaltais, a chaidh a thoirt gu crìch ann an àiteachan eile san RA le ONS agus Banca Shasainn, a chumail a’ dol ann an Alba.

“Chuir a’ Chomataidh roimhpe gnìomh a ghabhail an dèidh do Riaghaltas na h-Alba taghadh gun a bheachd air a’ chùis atharrachadh.”

Thuirt Mgh. Lindhurst cuideachd:

“Is iad cothrom co-ionann agus an sgaoileadh as tràithe na prionnsapalan a tha aig cridhe a’ Bhile Chomataidh seo.

“Faodar tional fiosrachaidh, air a’ chiad sealladh, a mheas mar cheist shònraichte ach tha e na chuid gu math bunaiteach de cho-dhùnaidhean an riaghaltais, ann an gnìomhachas, ann am poileasaidh sòisealta, sna meadhanan agus ann an inntinn an t-sluaigh agus is e sin as coireach a sgrìobh a’ Chomataidh am bile seo leis na h-amasan is na cinn-chrìche na bhroinn.”

Tha trì sreathan bunaiteach anns a Bhile, a dh’fheuchadh ri:

• PRA a thoirt air falbh buileach airson dà sheòrsa shònraichte (GDP agus Reicean) de dh’àireamhan eaconamach
• Dòigh-dèiligidh ann an ìrean a thoirt a-steach agus ath-bhreithneachadh neo-eisimeileach air buaidh toirt air falbh PRA air GDP is Reicean.
• PRA nan àireamhan eaconamach far a bheil còig là-obrach an ìre as fhaide an-dràsta a lùghdachadh bho chòig là-obrach gu aon là-obrach.

Cùl-fhiosrachadh

Gheibhear am bile air fhoillseachadh an seo

Gheibhear an aithisg a chaidh fhoillseachadh na bu thràithe am-bliadhna a’ moladh Bile Comataidh an seo.

Fhuair a’ chomataidh a’ chòir Bile a thoirt a-steach an dèidh bhòt na Pàrlamaid airson dreach de dh’aithisg nam molaidhean aice san t-Sultain an-uiridh.

An-dràsta fo Òrdugh Achd Cothrom Ro Sgaoileadh air Staitistig Oifigeil (Alba) 2008, tha PRA air staitistig dhìomhair don mhargadh ceadaichte aon là-obrach ro fhoillseachadh, agus airson fios eile còig là-obrach air a’ char as motha ron fhoillseachadh.

Cha robh buill an SNP air a’ Chomataidh aig an àm ag iarraidh dol air adhart le Bile Comataidh agus dh’eas-aontaich iad ris a’ Mholadh mu Bhile Comataidh.  

Chan eil am Bile:

• A’ toirt air falbh còir sam bith air cothrom aig Riaghaltas na h-Alba no a chuid mhinistearan a ghleidheas Riaghaltas na RA no roinnean sònraichte ann an Whitehall air staitistig;
• A’ dèanamh sònrachadh sam bith air sreathan sam bith de dh’fhios seach na seòrsaichean sin de staitistig eaconamach a shònraichear. Chan atharraich e, mar eisimpleir, an suidheachadh mu staitistig air slàinte no foghlam; agus
• A’ ceasnachadh ionracas no dreuchdalachd luchd-staitistig Riaghaltas na h-Alba no sheirbheiseach catharra eile ag obair le dàta eaconamach no dàta eile.

Fiosrachadh nam Meadhanan

Tim Hustler: 07511 670 492
Conaltradh Text Relay di-beathte
[email protected]


Fiosrachadh poblach

· Loidhne nan ceist: 0800 092 7500 no 0131 348 5395 (Gàidhlig)

· [email protected]

· Teacsa 07786 209 888

· Faighnich ceist air-loidhne air còmhradh beò

· Tha sinn cuideachd a’ cur fàilte air conaltradh a’ cleachdadh seirbheis Text Relay no Cànan-soidhnidh Bhreatainn tro contactSCOTLAND-BSL. 

Faodaidh tu ar leantainn cuideachd air twitter @scotparl agus cumail ris an uair le Comataidh Eaconamaidh, Obraichean agus Obair Chothromach @SP_Economy

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.