Comataidh aig Taigh an Ròid ag iarraidh bheachdan air Bile Sàsachadh Luchd-tàrsainn (Mì-ghnàthachadh Cloinne ann an Cùram) Alba

24.08.2020

Tha Comataidh Foghlaim agus Sgilean aig Pàrlamaid na h-Alba ag iarraidh bheachdan air Bile Sàsachadh Luchd-tàrsainn (Mì-ghnàthachadh Cloinne ann an Cùram) Alba.

Tha e mar amas aig a’ Bhile sgeama-sàsachaidh a chruthachadh airson luchd-tàrsainn mì-ghnàthachadh eachdraidheil air cloinn ann an cùram ann an Alba.  

Chaidh an sgeama a dhealbhadh gus aghaidh a chur air a’ chron air adhbharachadh le mì-ghnàthachadh eachdraidheil ann an caochladh shuidheachaidhean de chùram ann an Alba.  

Thuirt Neach-gairm na Comataidh, Clare NicAdhaimh BPA: 

“Seo mìr cudromach reachdais a tha ag iarraidh ceuman practaigeach a thoirt seachad gus aghaidh a chur air a’ chron air adhbharachadh le mì-ghnàthachadh eachdraidheil air cloinn ann an cùram ann an Alba. 

“Tha e mar amas aig a’ Bhile urram agus spèis a thoirt do luchd-tàrsainn. Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gum buin e ri bhith a’ cur aghaidh le iochd air an ana-ceartas a chaidh a dhèanamh san àm a dh’fhalbh.

“Tha sinn ag iarraidh beachdan a chluinntinn an toir am Bile na tha e a’ feuchainn ri dhèanamh gu buil agus an cruthaich am Bile sgeama-sàsachaidh èifeachdach do luchd-tàrsainn. 

“Tha a’ Chomataidh againn, uime sin, ag iarraidh cluinntinn bho luchd-tàrsainn an toir am Bile na h-amasan seo a-mach, far a bheil e mothachail air feumalachdan luchd-tàrsainn agus an toir e seachad sgeama de shàsachadh brìgheil. 

Is e an ceann-latha deireannach airson nam beachdan 2 Dàmhair 2020. 

Mar a chuireas tu a-steach beachdan air a’ Bhile: 

Gheibhear fiosrachadh làn air mar a chuireas tu beachdan a-steach air làrach na Comataidh an seo

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.