Buill neo-ghnìomhach ùra air bòrd Sgrùdadh Alba air an ainmeachadh

08.07.2020

Thèid dithis ball neo-ghnìomhach ùra a chur an dreuchd le Coimisean na h-Alba airson an Sgrùdaidh Phoblaich an dèidh eacarsaich-fhastaidh fhosgailte a chumail, thathar air ainmeachadh.

Tòisichidh Jackie Mann ann an dreuchd air 10 Iuchar 2020 agus tòisichidh Cailean Crosby ann an dreuchd 1 Dàmhair 2020. 

Tha na dreuchdan a’ tighinn aig àm làn atharrachaidhean nach beag air ballrachd Sgrùdadh Alba: 

· Chaidh an t-Ollamh Ailean MacAlasdair a chur an dreuchd mar Chathraiche Sgrùdadh Alba air 1 Giblean 2020 

· Thòisich Steafan Boyle na dhreuchd mar Àrd-neach-sgrùdaidh na h-Alba air 1 Iuchar 2020. 

· Leigidh an Dr Graham Speur an dreuchd dheth mar Chathraiche Coimisean nan Cunntasan air 31 Iuchar 2020. 

· Fàgaidh Heather Logan a dreuchd mar bhall neo-ghnìomhach air 30 Sultain 2020. 

Fiosrachadh eachdraidh-beatha nam ball neo-ghnìomhach ùra air a’ bhòrd 

Jackie Mann 

Tha Ms Mann air a bhith ag obair barrachd is 30 bliadhna ann an Goireasan Daonna san RA agus thall thairis, gu sònraichte ann an gnìomhachais na h-Ola agus a’ Ghais. Tha i air a bhith ag obair ann an caochladh àiteachan thall thairis, na Stàitean Aonaichte, an Roinn-Eòrpa, san Ear Mheadhanach, agus roinnean Àisia a’ Chuain Shèimh nam measg.    

Tha Ms Mann air a bhith na ball air bòrd Leasachadh an Luchd-obrach Òig ann an Ceann Ear-thuath na h-Alba o chionn còig bliadhna, bha i air Pannal na Cloinne ann an Alba fad 10 bliadhna agus tha i na Maor-ceartais ann an Siorramachd a’ Mhonaidh, na Gàidhealtachd agus nan Eilean. 

Cailean Crosby: 

Thug Mgh. Crosby, a tha na Fhear-cunntais Cairte agus na Fhear-lagha, a’ chuid as motha den rèis aige ann an Seirbheisean Ionmhasail agus bha e na cheannard air companaidh air a riaghladh. An dèidh dha dreuchdan atharrachadh ann an 2009, rinn e NXD agus dreuchd mar chathraiche le ceangal ann an raon farsaing de Bhuidhnean Albannach san roinn phoblaich, san treas roinn agus san roinn phrìobhaidich, Leasachadh Eaconamach, Ùrachadh Bailteil, Turasachd, TF, Foghlam agus Còmhdhail nam measg. 

Tha eòlas farsaing aige air comataidhean-sgrùdaidh agus comataidhean-ionmhais agus gus o chionn ghoirid bha e na bhall de bhuidheann-riaghlaidh de ICAS agus den chomataidh-sgrùdaidh aige. Fad a rèise tha e air a bhith an sàs anns an treas roinn agus chaidh OBE a bhuileachadh air airson a chuid sheirbheisean do Thaigheadas Sòisealta a’ frithealadh air comataidh MhicPhàidein – a’ bhuidheann a bha ann mus tàinig OSCR. 

Ìocadh 

Is e an ìre làitheil a tha ann do Bhuill Sgrùdadh Alba £323.76 

Cùl-fhiosrachadh mu Sgrùdadh Alba 

Tha Sgrùdadh Alba na bhuidhinn chorporra a chaidh a stèidheachadh fo Achd Ionmhas agus Cunntachalachd Phoblach (Alba) 2000. 

Tha Sgrùdadh Alba air a dhèanamh suas de: 

· Àrd-neach-sgrùdaidh na h-Alba;

· Cathraiche Coimisean nan Cunntasan; agus

· Triùir bhall eile air an cur an dreuchd le SCPA.  

Fo ullachaidhean Achd Ionmhas agus Cunntachalachd Phoblach (Alba) 2000, tha na buill neo-ghnìomhach de Sgrùdadh Alba gan cur an dreuchd le SPCA fad ùine gun a bhith nas fhaide na 3 bliadhna agus faodaidh gun tèid an cur an dreuchd a-rithist le coileanadh riarachail fad aon ùine a bharrachd eile ma tha an SPCA den bheachd gu bheil iad freagarrach an cur an dreuchd a-rithist. 

Gheibhear barrachd mu Sgrùdadh Alba an seo: https://www.audit-scotland.gov.uk/

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.