BPAan a’ lorg fàilligeadh dona ann siostam chungaidhean-leighis nach eil a’ cur euslaintich sa phrìomh àite

30.06.2020

Lorg sgrùdadh Comataidh Phàrlamaid na h-Alba air solar is iarrtas airson chungaidhean-leighis nach robh an siostam co-leantaileach agus nach bi e a’ cur euslaintich sa phrìomh àite. Tha an rannsachadh, a tha a’ dèanamh 129 molaidhean, a’ nochdadh fìor dhroch fhàilligeadh ann an NHS na h-Alba a thaobh siostaman ùrachadh, dàta a chruinneachadh agus a cho-roinn, no mion-sgrùdadh brìoghmhor a dhèanamh air buaidh chungaidhean air euslaintich fa-leth.

Tha aithisg na Comataidh Slàinte is Spòrs a’ toirt cunntas air siostam a tha ‘fo uallach feachdan a’ mhargaidh, biùrocrasaidh na roinne poblaich agus dìth ghoireasan, ceannardas neo-chunbhalach agus dìth smaoineachadh coileanta, ro-innleachdail agus mac-meanmna, ceangailte ri dìth dàta sam bith, cha mhòr, a ghabhas a chleachdadh.’ 

Tha feum air ath-sgrùdadh den t-siostam mar chùis èiginn a nì comasach cruinneachadh agus sgrùdadh làidir de dhàta, a dhèanadh cinnteach gum biodh na cinn-uidhe a b’ fheàrr ann do dh' euslaintich agus na sàbhalaidhean cosgais as motha don NHS. 

Tha a’ Chomataidh cuideachd a’ sealltainn fàilligeadh ann an àrd-cheannardas gus an siostam atharrachadh. Tha an aithisg a’ dèanamh soilleir dragh na Comataidh nach robh an fheadhainn a bu chòir na duilgheadasan sin fhuasgladh a’ dèanamh dad ach a’ gearan mu fhàilligeadh mòr san t-siostam gun a bhith a’ feuchainn ri dèiligeadh ris. Tha iad air iarraidh air àrd-stiùirichean air feadh na seirbheis slàinte an ceannardas a tha a dhìth a nochdadh gus ro-innleachdan agus fuasglaidhean a lorg airson dèiligeadh ris na cùisean sin gu sgiobalta. 

Thuirt Lewis Dòmhnallach BPA, Neach-gairm na Comataidh Slàinte is Spòrs: 

“Tha fàilligeadh ann a bhith ag atharrachadh, ag adhartachadh agus ag ùrachadh an t-siostaim a th’ ann an-dràsta a’ dol nas fhaide na solar agus iarrtas airson chungaidhean. 

“Fhuair sinn gun tug cion aire air eòlas dhaoine a thaobh a bhith a’ gabhail chungaidhean buaidh air an t-siostam aig a h-uile ìre. Tha an dìth, cha mhòr uile gu lèir, de chruinneachadh dàta, no roinn dàta air feadh na seirbheis slàinte ro èiginn Covid-19, no mion-sgrùdadh air buaidh cungaidh-leigheis air euslaintich, duilich a chreidsinn. Gu sìmplidh, tha euslaintich airidh air siostam nas fheàrr na seo. 

“Tha an fhianais againn air dèanamh soilleir a-rithist fàilligeadh domhainn anns na siostaman IT slàinte againn. Feumar ath-sgrùdadh iomlan a dhèanamh orra gus an urrainnear dàta a chruinneachadh, a mhion-sgrùdadh agus a cho-roinn ann an dòigh òrdail air feadh an NHS. Chan eil teagamh nach e obair anabarrach mòr a tha seo, ach tha e riatanach siostam iomchaidh a lìbhrigeadh gu sgiobalta a leasaicheas ​​cinn-uidhe euslainteach, a mheudaicheas èifeachdas agus a lùghdaicheas ​​cosgaisean.” 

Thuirt e cuideachd: 

“A-rithist is a-rithist tron ​​rannsachadh seo tha sinn air faicinn gur e an àbhaist do phroifeiseantaich mheidigeach òrdugh-cungaidh a sgrìobhadh seach beachdachadh air roghainnean eile a tha ag amas air dòigh-beatha an àite chungaidhean, agus chan urrainn seo leantainn air adhart. Mhìnich an aithisg againn an-uiridh luach òrdachadh-leighis sòisealta ach tha e soilleir, a dh’aindeoin nam buannachdan mòra a th’ ann, gu bheil e fhathast air a mheas gu beag feum, ma thathas a’ beachdachadh air idir. Feumaidh seo atharrachadh gun dàil.” 

Tha a’ Chomataidh cuideachd a’ ceasnachadh dìth cunntachalachd dhotairean teaghlaich mar luchd-chùmhnaint taobh a-muigh. Tha iad ag ràdh nach gabhar ris an dòigh-obrach a th’ ann an-dràsta, a bhios a’ pàigheadh ​​dotairean teaghlaich bhon sporan phoblach gun sgrùdadh no measadh air na rinn iad. 

Tha a’ Chomataidh cuideachd airson gum bi cungadairean coimhearsnachd a’ gabhail pàirt fada nas motha ann an cùram euslainteach, ag ràdh gu bheil dìth structar foirmeil a’ ciallachadh gu bheil na sgilean agus an t-eòlas aca gu tric a’ dol a dhìth. Tha an aithisg a’ cur an cèill uabhas gun deach còmhraidhean eadar cungadairean coimhearsnachd le euslaintich mu èifeachdas chungaidhean, agus an robh daoine gan gabhail, a chlàradh air bileagan Post It agus aig a’ char as miosa gun deach iad à cuimhne gun chlàradh idir. 

Faodaidh tu èisteachd ris a’ phodcast againn leis an Neach-gairm mun aithisg seo an seo: https://www.podbean.com/eu/pb-sg3v5-e17d77 

CRÌOCH 

Cùl-fhiosrachadh

Tha leth-bhreac den aithisg an cois seo.

Dh’aontaich a’ Chomataidh Slàinte is Spòrs sgrùdadh a chumail air solar is iarrtas airson chungaidhean-leigheis leis cho tric ’s a chaidh a’ chùis a thogail aig a’ Chomataidh le riochdairean bùird slàinte agus bùird slàinte speisealta mar phàirt den phrògram sgrùdaidh aca. 

Bha an rannsachadh ag amas air ceithir raointean sònraichte: 

· Ceannach (a’ gabhail a-steach solar agus riaghladh prìsean chungaidhean-leigheis, raon glèidhte aig ìre na RA);

· Òrdachadh (a’ buntainn ri gach neach aig a bheil cead òrdughan-cungaidh a sgrìobhadh);

· Riarachadh (a’ buntainn ri ospadalan, bùithtean-chungaidhean agus dotairean-teaghlaich); agus

· Caitheamh (a’ coimhead air èifeachdas, dearcnachadh agus call). 

Airson tuilleadh fiosrachaidh mun rannsachadh tadhail air Làrach-lìn Phàrlamaid na h-Alba.

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.