Tha Comataidh na h-Àrainneachd, Atharrachadh Gnàth-shìde agus Ath-leasachadh Fearainn aig Taigh an Ròid air rannsachadh mu Ath-shlànachadh Uaine a chur air bhog

29.06.2020

Tha Comataidh na h-Àrainneachd, Atharrachadh Gnàth-shìde agus Ath-leasachadh Fearainn aig Taigh an Ròid air rannsachadh a chur air bhog air mar as urrainn do dh’Alba dèanamh cinnteach gu bheil ath-shlànachadh uaine, ceart is làidir aig cridhe ar freagairt air na dùbhlanan sòisealta is eacanomaigeach an lùib èiginn-slàinte COVID-19.

Feuchaidh an rannsachadh ris na prionnsapalan, cothroman, gnìomhan bunaiteach gus atharrachadh a thoirt, na prìomhachasan a tha ann an-dràsta fhèin, ceannas agus riaghladh a tha a dhìth mar bhunait ri ath-shlànachadh uaine èifeachdach a shònrachadh cho math ris na bacaidhean a dh’fhaodadh a bhith air toirt gu buil. 

Tha a’ Chomataidh air gairm a sgaoileadh ag iarraidh bheachdan a chuidicheas gus cruth a chur air an rannsachadh aice sna seachdainean romhainn. 

Thuirt Gillian Mhàrtainn BPA, Neach-gairm Comataidh na h-Àrainneachd, Atharrachadh Gnàth-shìde agus Ath-leasachadh Fearainn: 

“Tha an galar a sgaoil air feadh na cruinne air dùbhlanan gun dàil adhbharachadh anns cha mhòr gach ìre de bheatha an latha an-diugh. Ach mus tàinig COVID-19, bha an dùbhlan as motha agus as cudromaiche oirnn mar-thà – Atharrachadh Gnàth-shìde. Tha sinn air sealltainn gun tèid againn, mar dhùthaich, air ar giùlan agus air beachdan atharrachadh a chum maith a’ chumantais. agus tha e a’ dèanamh ciall san dòigh-smaoineachaidh seo, gun gabh sinn an cothrom ar cuid chleachdaidhean is bheachdan atharrachadh gus ar toirt às an èiginn ann an dòigh a tha uaine is seasmhach. Cuidichidh treòrachadh air ùrachadh sinn gus ar cuid thargaidean a thaobh na Gnàth-shìde airson 2030, 2040 agus 2045 a thoirt a-mach agus aig an aon àm eaconamaidh nas làidire, nas glaine agus nas sùbailte  a chruthachadh.” 

“Ma tha beachdan agad air mar bu cheart dhuinn dol air adhart bho seo, bu mhath gu mòr leis a’ Chomataidh againn cluinntinn bhuat. Faodaidh tu bhith nad eòlaiche mun àrainneachd ; a’ buntainn ri buidheann san treas roinn no buidheann-iomairt ; bho ùghdarras poblach no bho bhuidheann poblach neo-roinneil no dìreach nad bhall den phoball. Tha ur cuid bheachdan uile cudromach agus bidh iad a’ cuideachadh rinn na co-dhùnaidhean a bheir sinn do Phàrlamaid na h-Alba a thoirt a-mach.

Chuireadh a’ Chomataidh fàilte gu sònraichte air beachdan air na ceistean a leanas-

  • A bheil na prionnsapalan mu leasachadh seasmhach agus an fheadhainn a tha Comataidh Atharrachadh Gnàth-shìde na RA, nam frèam coileanta gus ath-shlànachadh uaine èifeachdach a threòrachadh ann an Alba?
  • Dè na cnapan-starra as motha a tha ann air lìbhrigeadh ath-shlànachaidh uaine (san roinn agus / no sa choimhearsnachd agad)?
  • Dè na poileasaidhean, gnìomhan agus prìomhachasan bunaiteach a tha a dhìth gus ath-slànachadh a lìbhrigeadh (san roinn agus / no sa choimhearsnachd agad)?
  • Ciamar a bu chòir do Bhuidseat 2021/22 taic a chur ri ath-shlànachadh uaine is seasmhach agus glasadh ann an carbon a sheachnadh?
  • Dè am maoineachadh a tha a dhìth gus ath-shlànachadh uaine is seasmhach a lìbhrigeadh?

Is e an ceann-latha deireannach gus beachdan a chur a-steach Dihaoine 7 Lùnastal 2020. Gus freagairt a thoirt don rannsachadh seo, gheibhear gairm na Comataidh airson fianais an seo : https://www.parliament.scot/parliamentarybusiness/CurrentCommittees/115472.aspx  

Cùl-fhiosrachadh 

Anns a’ Ghiblean 2019, ghairm am Prìomh Mhinistear èiginn mun chlìomaid. Bhon uair sin, tha Riaghaltas na h-Alba air targaid neoni lom de bhrùchdadh nan taighean-glainne a shocrachadh airson 2045, agus tha Coimisean an Trasnaidh Chòir air molaidhean–eadar-amail a dhèanamh gus “fàs a thoirt air eaconamaidh fharsaing, neoni lom”. An dèidh gabhail ri targaid neoni lom agus deuchainn a chur air targaidean eadar-amail de 75% ro dheireadh 2030 agus 90% ro dheireadh 2040, ghabh am Prìomh Mhinistear os làimh am Plana mu Atharrachadh na Gnàth-shìde atharrachadh (CCP) an taobh a-staigh sia mìosan an dèidh de Bhile Atharrachadh Gnàth-shìde (Targaidean Lùghdachaidhean Brùchdaidh) Aonta Rìoghail fhaotainn air 31 Dàmhair 2019. 

Ro èiginn-slàinte COVID-19, bha caochladh chomataidhean pàrlamaideach air aonta a chur ri dòigh-dèiligidh còmhla gus an t-ùrachadh air Plana Atharrachadh Gnàth-shìde ris an robh dùil anns a’ Ghiblean 2020 a sgrùdadh. B’ iad sin: 

Sgrìobh Rùnaire a’ Chaibineit airson na h-Àrainneachd, Atharrachadh Gnàth-shìde agus Ath-leasachadh Fearainn don Chomataidh air 1 Giblean 2020 ge-tà a dh’innse gum biodh Riaghaltas na h-Alba a’ gabhail beachd às ùr air na bha san amharc aige mun Phlana air ùrachadh mar phàirt de dh’ath-shlànachadh uaine bho ChOVID-19 agus gun robh e air comhairle iarraidh air Comataidh Atharrachadh Gnàth-shìde na RA (CCC) air seo. Tha CCC air na beachdan aice a nochdadh bhon uair sin air na priionnsapalan** a bu chòir a bhith mar bhunait ri ath-shlànachadh neoni lom agus chuir iad cuideam air cuid de phrìomhachas gus cur an gnìomh. 

O chionn ghoirid, rinn Comataidh ECCLR deasbad air paramadairean ath-shlànachaidh uaine le Rùnaire a’ Chaibineit air 15 Ògmhios 2020. Air 16 Ògmhios 2020thuirt Rùnaire a’ Chaibineit am fianais na Pàrlamaid gun robh i an dòchas plana air ùrachadh a nochdadh anns an Dùbhlachd ri chur a rèir buidseat na h-Alba, ma ghabhas e dèanamh. Nochdaidh am plana o chionn ghoirid slighe air adhart comasach, mar phàirt de dh’ath-shlànachadh uaine, gus targaidean na h-Alba air thoiseach air an t-saoghal-mhòr mun ghnàth-shìde san ùine gu 2032.’

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.