Comataidh Ionmhais Thaigh an Ròid a’ gairm rannsachadh air buaidh Covid-19 air buidseat Riaghaltas na h-Alba airson 2021/22

09.06.2020

Chaidh rannsachadh pàrlamaideach air buaidh Covid-19 air Buidseat Riaghaltas na h-Alba airson 2021/22 a ghairm le Comataidh Ionmhais is Bun-reachd Thaigh an Ròid.

Chaidh rannsachadh pàrlamaideach air buaidh Covid-19 air Buidseat Riaghaltas na h-Alba airson 2021/22 a ghairm le Comataidh Ionmhais is Bun-reachd Thaigh an Ròid.

Anns a’ ghairm fianais aice tha a’ chomataidh ag ràdh gun cuireadh iad fàilte air beachdan mu na bu chòir a bhith ann am prìomhachasan Riaghaltas na h-Alba nuair a tha iad a’ dèiligeadh ri buaidh Covid-19 ann am buidseat na h-ath bhliadhna. 

Beachdaichidh rannsachadh na comataidh cuideachd a bheil feum air atharrachaidhean sealach air an Fhrèam-obrach Fhiosgail mar fhreagairt ri buaidh eaconamach is fiosgail Covid-19. 

Thuirt Neach-gairm na Comataidh Ionmhais agus Bun-reachd Bruce Crawford BPA:

“Gun teagamh, ’s e amannan gun samhail a tha seo, agus tha ìrean de mhì-chinnt agus caochlaideachd ann nach fhacas riamh roimhe mu choinneimh buidseat na h-Alba airson 2021/22. 

“Bidh an rannsachadh pàrlamaideach seo a’ sgrùdadh dè na prìomhachasan a bu chòir a bhith aig Riaghaltas na h-Alba airson na h-ath bhliadhna nuair a bhios iad a’ feuchainn ri dèiligeadh ri buaidh eaconamach is fiosgail Covid-19.” 

Cùl-fhiosrachadh

Anns a’ ghairm fianais aice, chuireadh a’ Chomataidh fàilte air beachdan mu na leanas: 

• Dè na prìomhachasan a bu chòir a bhith ann am Buidseat 2021-22 airson dèiligeadh ri buaidh COVID-19;

• Ciamar a bu chòir do Bhuidseat 2021-22 dèiligeadh ris na h-ìrean de mhì-chinnt agus mi-sheasmhachd ann an ionmhas poblach a tha ag èirigh bhon èiginn slàinte phoblaich ann an dòigh a bheir beagan cinnt do bhuidhnean poblach gus a bhith a’ dealbhadh agus a’ riaghladh am buidseatan fhèin; 

• Leis a’ mhì-chinnt agus mi-sheasmhachd a th’ ann, dè na h-atharrachaidhean ann am pròiseas a’ bhuidseit a bu chòir tachairt taobh a-staigh an riaghaltais agus na pàrlamaid gus dèanamh cinnteach gu bheil soilleireachd gu leòr agus cunntachalachd Ministreil ann an àrainneachd fhiosgail a tha ag atharrachadh gu luath; 

• Dè na cunnartan a th’ ann do Bhuidseat na h-Alba ag èirigh bho COVID-19 a bhith a’ toirt buaidh eadar-dhealaichte air Alba an dà chuid a thaobh a’ bhuaidh air eaconamaidh na h-Alba an coimeas ris a’ chòrr den RA agus a’ bhuaidh air caiteachas poblach, a’ toirt a-steach sochairean tèarainteachd shòisealta tiomnaichte, an coimeas ris a’ chòrr den RA; 

• Dè a’ bhuaidh a th’ air poileasaidh cìse Riaghaltas na h-Alba a tha ag èirigh bho COVID-19 agus dè na h-atharrachaidhean, ma tha gin ann, air am bu chòir beachdachadh; 

• A bheil feum air atharrachaidhean sealach air an Fhrèam-obrach Fhiosgail mar fhreagairt ri buaidh eaconamach is fiosgail COVID-19 agus, ma tha, dè na prìomhachasan agus dè na cunnartan a th’ ann; 

• Ciamar a bu chòir don MTFS dèiligeadh ris a’ mì-chinnt a tha ag èirigh bhon èiginn slàinte leantainneach. 

• A bheil cunnartan buidseit a bharrachd ag èirigh bho dheireadh na h-ùine eadar-ghluasaid às dèidh Brexit a’ toirt a-steach gum faodadh buaidh eadar-dhealaichte a bhith air eaconamaidh na h-Alba an coimeas ris a’ chòrr den RA agus ma tha, ciamar a bu chòir dèiligeadh ris na cunnartan sin ann am Buidseat 2021-22. 

Is e an ceann-latha airson fianais a chur a-steach chun na comataidh 7 Lùnastal 2020. 

Lorg gairm fianais na comataidh an seo.

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.