Bu chòir gum faodadh luchd-dreuchd sochairean a thogail às leth luchd-tagraidh ach feumaidh innealan-dìona a bhith ann, tha Comataidh aig Taigh an Ròid ag ràdh

09.06.2020

Tha Buill air Comataidh Tèarainteachd Shòisealta aig Taigh an Ròid air taic a chur ri Bile a leigeadh le tagraichean inbheach shochairean, a dh’aontaicheas, neach-dreuchd ainmeachadh gus sochairean a thagradh às an leth. Tha iad air rabhadh a thoirt, ge-tà, gun fheum innealan-dìona freagarrach a bhith ann gus casg a chur air foill agus brath air daoine so-leònte.

Mhol a’ Chomataidh gun tèid am Bile atharrachadh gus prionnsapalan mu dhìon a thoirt a-steach, mar bhunait ris an fhios mhionaideach air mar a dh’obraicheas siostam an luchd-dreuchd agus a dhìon bho mhì-ghnàthachadh. Tha iad air earail a thoirt do Riaghaltas na h-Alba stiùireadh mionaideach a thoirt air adhart, a bu chòir a bhith reachdail cuideachd.

Dh’fhoillsich a’ Chomataidh an Aithisg aig Ìre 1 aice mar fhreagairt air Bile Rianachd Tèarainteachd Shòisealta agus Ballrachd Thribiunal (Alba) a tha a’ dèanamh atharrachaidhean air Achd Tèarainteachd Shòisealta 2018. Tha iad cuideachd air taic a chur ri atharrachadh a leigeadh le luchd-slàinte, seach luchd-leigheis, dearbhadh gu bheil tagraiche tinn gu bàs, a’ ciallachadh gun rachadh an tagradh air sochairean aca a dhèanamh gu luath.

Thuirt Raibeart Doris BPA, Neach-gairm Comataidh Tèarainteachd Shòisealta: 

“Tha a’ Chomataidh a’ cur fàilte air an reachdas seo agus a’ cur a taice gu mòr ri prionnsapalan coitcheann a’ Bhile seo a’ leigeadh le neach sam bith a bhios a’ faighinn shochairean cuideigin ainmeachadh gus sochairean a thogail às an leth.

“Tha beachdan chun na Comataidh bho Choimisean Co-ionannachd agus Chòraichean Daonna (EHRC) agus bho Chomann Lagha na h-Alba a’ mìneachadh ge-tà, gun dìon a bhith san reachdas, nach biodh siostam an luchd-dreuchd ri reachdas chòraichean daonna agus gum faodte brath a ghabhail air. 

“Is e am prìomh dhìon a tha aig Riaghaltas na h-Alba gun fheumar cead a thoirt. Bu chòir don reachdas dol nas fhaide, ge-tà, agus dìon a bharrachd a cur a-steach mar an comas dùbhlan a thoirt do cho-dhùnaidhean mu luchd-dreuchd, ath-bhreithneachaidhean a ghabhail bho àm gu àm agus aimhreitean fhuasgladh.

“Tha sinn cuideachd ag iarraidh gu mòr gun tèid atharrachaidhean a thoirt air adhart aig Ìre 2, a dhèanadh cinnteach gum bi dleastanas ann fios innse do dhaoine mun airidheachd a tha aca air sochairean a chòrr, Pàigheadh-cloinn na h-Alba nam measg.”

Cùl-fhiosrachadh 

Chaidh am Bile a thoirt a-steach air 27 Giblean 2020 le Rùnaire a’ Chaibineit airson Tèarainteachd Shòisealta agus Daoine nas Sine. Ann an litir chun na Comataidh air 1 Cèitean 2020, mhìnich Rùnaire a’ Chaibineit carson a bha i den bheachd gun robh feum air a’ Bhile ann an èiginn agus dh’iarr i clàr-ama nas luaithe gus a sgrùdadh.

Airson barrachd fiosrachaidh mun obair aig Comataidh Tèarainteachd Shòisealta, rach gu: https://www.parliament.scot/parliamentarybusiness/CurrentCommittees/social-security-committee.aspx

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.