Dè cho deiseil ’s a bha sinn airson a’ ghalair sgaoilte Covid-19 agus ciamar a dheasaicheas sinn airson galar sgaoilte san àm ri teachd, tha Comataidh Pàrlamaid a’ faighneachd

15.05.2020

Bidh Comataidh Slàinte is Spòrs Phàrlamaid na h-Alba a’ sgrùdadh planadh èiginn agus dìon nàiseanta na dùthcha às dèidh sgaoileadh COVID-19.

Tha a’ Chomataidh airson tuigsinn dè cho deiseil ’s a bha sinn airson a’ ghalair sgaoilte agus an gabhadh Riaghaltas na h-Alba dèiligeadh ann an dòigh na b’ fheàrr ri sgaoileadh corònabhìorais no galaran eile san àm ri teachd.

Tha an obair seo a’ dol air adhart mar phàirt de shreath rannsachaidhean goirid leis a’ Chomataidh a thaobh freagairt an Riaghaltais ris a’ ghalar sgaoilte.

Thuirt Lewis Dòmhnallach BPA, Neach-gairm na Comataidh Slàinte is Spòrs:

“Le sgaoileadh ùr den ghalar air aithris anns a’ Ghearmailt, Korea a-Deas agus Sìona o chionn ghoirid, agus le cuid de dh’eòlaichean ag ràdh gu bheil dàrna ionnsaigh den ghalar buailteach tachairt, feumaidh sinn beachdachadh air dè cho deiseil ’s a tha an Riaghaltas gus dèiligeadh ris an t-suidheachadh seo.

“Thairis air na seachdainean a tha romhainn, beachdaichidh a’ Chomataidh air tagraidhean sgrìobhte bho eòlaichean slàinte phoblaich agus acadaimigich air dòighean gus dèiligeadh ri Corònabhìoras no galaran sgaoilte eile san àm ri teachd.

“Faighnichidh an rannsachadh againn an robh dealbhadh iomchaidh gus ar n-ullachadh airson an sgaoileadh galair seo, an gabhadh dad a dhèanamh na b’ fheàrr, agus dè na leasanan a dh’fhaoidte ionnsachadh bho COVID-19 a bheir cothrom don dùthaich a bhith nas ullaichte san àm ri teachd.”

Tha a’ Chomataidh Slàinte is Spòrs a’ cur fios dhìreach gu buidhnean buntainneach, leis an t-seisean fianais phoblaich air dìon agus dealbhadh èiginn a’ dol air adhart anns na beagan sheachdainean a tha romhainn.

Cùl-fhiosrachadh

Airson tuilleadh fiosrachaidh mu obair na Comataidh Slàinte is Spòrs, faic làrach-lìn Phàrlamaid na h-Alba. 

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.