BPA a’ sireadh bheachdan air tighinn a-mach à bacadh-gluasaid

07.05.2020

Tha Comataidh Covid-19 Phàrlamaid na h-Alba, a bhios fo dhleastanas beachdachadh air atharrachadh sam bith air reachdas bacadh-gluasaid, air co-chomhairle a thòiseachadh gus beachdan a shireadh air tighinn às a’ bhacadh-gluasaid a th’ ann an-dràsta.

Tha a’ ghairm bheachdan an dùil fiosrachadh a thoirt do BhPA a tha a’ coimhead air frèam-obrach Riaghaltas na h-Alba airson a bhith a’ dèanamh cho-dhùnaidhean, agus a’ beachdachadh air molaidhean sam bith gus na riaghailtean làithreach atharrachadh. Tha a’ Chomataidh a’ tuigsinn gum feum co-dhùnaidhean san àm ri teachd cothromachadh a dhèanamh air iarrtas, buannachd agus cron, agus tha iad airson dèanamh cinnteach gun tèid èisteachd ri raon farsaing de ghuthan mus tigear gu co-dhùnaidhean deireannach.

Faodar tagraidhean a chur chun na comataidh suas gu 29 Cèitean le bhith a’ cur post-d gu [email protected] Tha a’ Chomataidh gu sònraichte airson beachdan a chruinneachadh air:

· An ro-innleachd iomlan air a mhìneachadh anns an Fhrèam-obrach airson Dèanamh Cho-dhùnaidhean aig Riaghaltas na h-Alba;

· An comas airson diofar dhòighean-obrach a leantainn ann an diofar raointean – air feadh Alba no an RA;

· Misneachd a’ phobaill a chumail an-àirde ann am freagairt na roinne poblaich do COVID-19 fhad ’s a tha iad a’ lasachadh nam bacaidhean làithreach;

· Mar a dh’fhaodadh diofar luchd-ùidh a bhith an sàs anns a’ phròiseas co-dhùnaidh mu bhith a’ lasachadh chuingealachaidh, agus dè a chuidicheadh ​​le bhith a’ faighinn taic fharsaing a dh’aindeoin rèite sam bith a dh’fheumar a dhèanamh;

· Am b’ urrainnear na pròiseasan co-dhùnaidh gnàthach a chleachd Riaghaltas na h-Alba gus freagairt ri COVID-19 a leasachadh, agus nam b’ urrainnear, ciamar;

· Dè cho làidir ’s a tha an dàta a tha ga chleachdadh mar taic fiosrachaidh don fhreagairt;

· Ciamar a bu chòir ro-innleachd teachdaireachd Riaghaltas na h-Alba a leasachadh mar a ghluaiseas sinn a-mach às a’ bhacadh-gluasaid a tha ann an-dràsta (agus, is dòcha, nam feumadh sinn bacaidhean eile no bacaidhean a bharrachd a chruthachadh san àm ri teachd). 

A’ bruidhinn mar a chaidh a’ ghairm bheachdan a-mach, thuirt Neach-gairm na Comataidh, Murchadh Friseal BPA:

“Is e suidheachadh toinnte gun samhail a tha seo a tha ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba co-dhùnaidhean duilich a dhèanamh, a’ toirt a-steach cùisean a tha a’ farpais an aghaidh a chèile, agus cothromachadh a bhios dùbhlanach.

“Mar as còir, gu ruige seo, tha sinn air a bhith gu mòr an urra ri dotairean agus luchd-saidheans. Ach mar a ghluaiseas sinn a-steach do na h-ath ìrean den fhreagairt ri Covid-19, mar Chomataidh tha sinn mothachail gum feumar raon farsaing de bheachdan a ghabhail a-steach.

“Chan eil freagairtean soilleir no ‘ceart’ anns na còmhraidhean agus na deasbadan anns na seachdainean agus na mìosan a tha romhainn, agus tha e deatamach a bhith a’ tuigsinn na tha diofar roinnean den chomann-shòisealta a’ smaoineachadh gus rèite, no co-dhiù aonta farsaing, a lorg mun t-slighe air adhart.

“Gus ar cuideachadh agus sinn a’ feuchainn ris an t-slighe sin a lorg, tha sinn ag iarraidh air daoine – buidhnean gnìomhachais, buidhnean carthannais, an comann catharra, agus muinntir a’ phobaill, le ùidh – freagairt ghoirid a chur thugainn a’ mìneachadh am beachdan air mar as urrainn dhuinn agus a bu chòir dhuinn an cothromachadh ceart a lorg.”      

Cùl-fhiosrachadh

Gheibhear duilleagan-lìn co-cheangailte ris a’ ghairm bheachdan an seo.
Tha frèam-obrach Riaghaltas na h-Alba airson a bhith a’ dèanamh cho-dhùnaidhean air an làrach-lìn aca an seo.

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.