Iarrtas air Pàrlamaid na h-Alba gabhail ri Bile Èiginneach Corònabhìorais na RA

23.03.2020

Air Dimàirt (24 Màrt), nì BPA bho air feadh Phàrlamaid na h-Alba sgrùdadh air Bile Èiginneach Corònabhìorais na RA a tha san amharc. Chaidh Meòrachan Cead Reachdail (LCM) a chur a-steach ag iarraidh cead BPA gum bi Pàrlamaid na RA ag atharrachadh laghan aig a bheil buaidh air cumhachdan tiomnaichte na h-Alba.

Chaidh Bile Èiginneach Corònabhìorais a chur sìos ann an Westminster an t-seachdain sa chaidh mar fhreagairt air galar lèir-sgaoilte Covid19. Tha am Bile a’ toirt a-steach ceumannan sealach a bheir cumhachdan farsainge do mhinistearan gus dèiligeadh ri suidheachadh Covid19. Tha Riaghaltas na RA ag ràdh nach lean beatha a’ Bhile ach dà bhliadhna, ach dh’ fhaodte seo a leudachadh ma tha sin riatanach.

Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh anns a’ mheòrachan aca gu bheil feum air cead ann an grunn raointean, nam measg:

· Clàradh èiginneach de nursaichean agus proifeiseantaich slàinte is cùraim eile.

· Atharrachadh sealach air reachdas slàinte inntinn agus comas inntinn.

· Urrasachd airson gnìomhachd seirbheis slàinte co-cheangailte ri galar sgaoilte.

· Clàradh bàis is marbh-bhreith msaa agus ath-sgrùdadh air teisteanasan adhbhar bàis agus losgadh-cuirp ann an Alba.

· Dùnadh sealach de dh’ionadan foghlaim agus togalaichean cùram-cloinne.

· Cumhachdan co-cheangailte ri daoine a dh’fhaodadh a bhith air an galar a ghlacadh; a’ toirt nan cumhachdan riatanach do dh’oifigearan slàinte poblach, constabalan agus oifigearan in-imrich ann an Alba ma dh’fheumar an cleachdadh.

· Cumhachdan gus stiùireadh a thoirt seachad a thaobh thachartasan, cruinneachaidhean agus togalaichean.

· Banachdach agus ion-dìon ann an Alba a’ leasachadh phrògraman eile airson banachdach a lìbhrigeadh.

· Clàradh èiginneach de luchd-obrach sòisealta ann an Alba.

· Cumhachdan gus buidhnean prìobhaideach a stiùireadh a tha an sàs ann an gnìomhachas riaghladh bàis gus dèiligeadh ri cùisean sam bith a tha a’ tighinn am bàrr a thaobh còmhdhail, stòradh agus faighinn cuidhteas cuirp.

· Dì-buntainneas sealach airson eucoirean foillseachaidh.

· Taghaidhean Phàrlamaid na h-Alba a chur dheth airson suidheachain fhalamh sgìrean-taghaidh agus taghaidhean ùghdarrasan ionadail ann an Alba a chur dheth airson dreuchdan bàna.

· Cuir stad air casg air tilleadh gu obair tro sgeama peinnsein Sheirbheis na Slàinte.

· Ullachaidhean èiginneach a thaobh luchd-cleachdaidh a chruthaicheadh ​​eisgeachd chuingealaichte don riatanas gum feumar a bhith air liosta luchd-cleachdaidh gus obair mar dhotair teaghlaich anns an NHS ann an Alba.

· Coimiseanairean Breithneachaidh sealach a chur an dreuchd. 

Aig 9 madainn Dimàirt, cluinnidh BPA air Comataidh Slàinte is Spòrs na Pàrlamaid bho Jeane Freeman BPA, Rùnaire a’ Chaibineit airson Slàinte is Spòrs.

Aig 10.30m, bheir Mìcheal Russell, Rùnaire a’ Chaibineit airson Bun-reachd, Roinn Eòrpa agus Cùisean Taobh a-muigh, fianais don Chomataidh Ionmhais is Bun-reachd.

Às dèidh sgrùdadh comataidh sa mhadainn, thèid iarraidh air an làn Phàrlamaid aontachadh ris a’ ghluasad cead. Is e an gluasad, a thèid a chur a-steach le Rùnaire a’ Chaibineit airson na Bun-reachd, Roinn Eòrpa agus Cùisean Taobh a-muigh, le taic bho Rùnaire a’ Chaibineit airson Slàinte is Spòrs:

“Gu bheil a’ Phàrlamaid ag aontachadh gum bu chòir na h-ullachaidhean buntainneach anns a’ Bhile Corònabhìorais, a chaidh a thoirt a-steach ann an Taigh nan Cumantan air 19 Màrt 2020, cho fad ’s a tha iad fo chomas reachdail Phàrlamaid na h-Alba no ag atharrachadh comas Ministearan na h-Alba, am beachdachadh le Pàrlamaid na RA.”

Le ùmhlachd do aonta pàrlamaideach, tha dùil gum faigh Bile Corònabhìorais na RA Aonta Rìoghail agus gum bi e na lagh ro dheireadh a’ Mhàirt.

Seall beò air-loidhne:

Faodaidh tu coimhead air gnothaichean comataidh agus seòmair beò Dimàirt air Tbh Phàrlamaid na h-Alba: https://www.scottishparliament.tv/

Tha brath-ullachaidh SPICe air LCM Bile Corònabhìorais ri fhaighinn an seo: https://www.parliament.scot/S5_Finance/General%20Documents/SPICe_LCM_Committee_briefing.pdf

Gheibhear làn fhiosrachadh mun Bhile an seo: https://services.parliament.uk/Bills/2019-21/Coronavirus.html

Tha barrachd fiosrachaidh mu LCM Riaghaltas na h-Alba ri fhaighinn an seo: https://www.parliament.scot/S5_Bills/SPLCM-S05-36.pdf

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.