Pàrlamaid na h-Alba a’ cur stad sealach air com-pàirteachadh poblach air sgàth Corònabhìoras Covid-19

16.03.2020

Tha Pàrlamaid na h-Alba air a ràdh gum bi iad a’ cur stad sealach air gnìomhan com-pàirteachadh poblach agus iad a’ cur prìomhachas air taic do ghnothach pàrlamaideach agus freagairt ri cùis a’ Chorònabhìorais.

Tha na h-atharrachaidhean sin gan dèanamh gus a bhith cinnteach gu bheil a’ Phàrlamaid a’ coileanadh a cuid dhleastanasan deatamach a thaobh reachdas a chur air adhart, cothrom a thoirt do Bhuill beachdan muinntir na h-Alba a riochdachadh agus sgrùdadh a dhèanamh air gnìomhan Riaghaltas na h-Alba, gu sònraichte ann an co-theacsa nàiseanta agus eadar-nàiseanta na freagairt do Covid-19. Tha e cuideachd air na h-atharrachaidhean a dhèanamh gus cunnart do luchd-tadhail agus luchd-obrach a lùghdachadh.

Bho Dhimàirt 17 Màrt, thèid na seirbheisean a leanas a chur dheth:

· Tachartasan, a’ toirt a-steach Tachartasan is Taisbeanaidhean le Taic Bhall;

· Cuairtean, a’ toirt a-steach Cuairtean Bhall;

· Coinneamhan CPG ann an Taigh an Ròid;

· An cafaidh poblach agus a’ bhùth;

· Inntrigeadh don togalach airson a’ mhòr-shluaigh Diluain, Dihaoine agus Disathairne;

· Foghlam a-staigh agus a-muigh agus com-pàirteachadh coimhearsnachd;

· Cuairtean Oifis Dhàimhean Eadar-nàiseanta a-steach agus a-mach;

· Siubhal cèin air adhbhar Comataidh.

Bidh Taigh an Ròid a-nis ruigsinneach do luchd-tadhail airson choinneamhan co-cheangailte ri gnothach pàrlamaideach no sgìre-taghaidh.

Bidh na gailearaidhean poblach anns an t-Seòmar agus na Comataidhean fhathast fosgailte nuair a bhios a’ Phàrlamaid na suidhe, ged a thathas a’ brosnachadh a’ phobaill a bhith a’ coimhead air-loidhne aig www.scottishparliament.tv.

A’ bruidhinn nuair a chaidh an gairm a-mach, thuirt an t-Oifigear Riaghlaidh, Am Fìor Urr. Coinneach Mac an Tòisich, BPA:

“Leis gach latha a thèid seachad, tha e a’ fàs nas soilleire gur e suidheachadh fìor dhùbhlanach a tha romhainn an-dràsta agus sna seachdainean ri thighinn.

“Tha a h-uile pàrtaidh anns a’ Phàrlamaid air aontachadh gum feum sinn ceumannan a bharrachd a ghabhail gus prìomhachas a thoirt do Ghnothach Seòmair agus Comataidh.

“Ged a tha fosgarrachd agus ruigsinneachd mar chlach-oisinn aig Pàrlamaid na h-Alba, tha coltas ann gum faic na seachdainean a tha romhainn atharrachaidhean mòra air mar a bhios sinn ag obair.

“Cumaidh sinn oirnn a’ cumail sùil gheur air tachartasan, agus cumaidh sinn conaltradh cunbhalach ri reachdadaireachdan eile san RA, Riaghaltas na h-Alba agus am Prìomh Oifigear Meidigeach.

“Tha sinn ag aithneachadh gu bheil an èiginn slàinte seo a’ cur dragh mòr air luchd-obrach, Buill agus luchd-tadhail, agus bidh sinn a’ sìor thoirt aire don fhiosrachadh as ùire a tha ri fhaighinn agus a’ leantainn comhairle slàinte a’ phobaill gu dlùth.”

Cùl-fhiosrachadh

Bidh Buidheann Chorporra Pàrlamaid na h-Alba a’ làimhseachadh dàta luchd-naidheachd gu tèarainte gus aithris air obair Pàrlamaid na h-Alba a dhèanamh comasach, a rèir riatanasan dìon dàta làithreach. Tha a’ chòir agad dì-chlàradh aig àm sam bith. Airson tuilleadh fiosrachaidh, faic ar Sanas Prìobhaideachd.

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.