A’ Phàrlamaid dol a dh’ainmeachadh Àrd-neach-sgrùdaidh ùr do dh’Alba

06.03.2020

Thèid iarraidh air Phàrlamaid na h-Alba an ath sheachdain (Dimàirt 10 Màrt) Steafan Boyle ainmeachadh gu A Mòrachd a’ Bhanrigh airson a chur an dreuchd mar Àrd-neach-sgrùdaidh ùr na h-Alba.

Bidh Mgr Boyle a’ dol an àite Caroline Gardner a bhios a’ crìochnachadh na teirm 8-bliadhna aice san dreuchd air 30 Ògmhios 2020.

Tha an t-Àrd-neach-sgrùdaidh na neach-dreuchd neo-eisimeileach le uallach airson sgrùdadh £50 billean de dh’airgead poblach.

Bidh an t-Àrd-neach-sgrùdaidh a’ sgrùdadh cunntasan daingnichte Riaghaltas na h-Alba, Pàrlamaid na h-Alba agus còrr air 200 buidheann a’ toirt a-steach buidhnean riaghaltais (m.e. Seirbheis Prìosain na h-Alba agus Alba Eachdraidheil), buidhnean SNS, colaistean foghlam adhartach agus a h-uile buidheann phoblach neo-roinneil (m.e. Iomairt na h-Alba agus Visit Scotland).

Bidh an t-Àrd-neach-sgrùdaidh ag aithris do Phàrlamaid na h-Alba tron ​​Chomataidh Sgrùdadh Poblach agus Sgrùdadh Iar-reachdail air riaghladh ionmhais agus coileanadh bhuidhnean poblach ann an Alba.

Thèid beachdachadh air a’ ghluasad, a tha ag iarraidh aonta na Pàrlamaid gus Mgr Boyle ainmeachadh gu A Mòrachd airson a chur an dreuchd, air Dimàirt 10 Màrt 2020.

Is e dreuchd làn-ùine, aona-teirm a th’ ann airson ochd bliadhna le tuarastal de £142k gach bliadhna. Chaidh ainmeachadh an dèidh pròiseas fastaidh fosgailte le pannal taghaidh tar-phàrtaidh de BhPA fo stiùir an Oifigeir Riaghlaidh.

Fiosrachadh eachdraidh-beatha

Tha Mgr Boyle na Stiùiriche Sgrùdaidh aig Sgrùdadh Alba agus bidh e a’ stiùireadh sgrùdadh àrd-riaghaltais, a’ toirt a-steach sgrùdaidhean air Riaghaltas na h-Alba, Buidheann Chorporra Phàrlamaid na h-Alba agus Cunntas Maoin Àiteachais na h-Eòrpa.

Tha Mgr Boyle cuideachd na neach-sgrùdaidh ainmichte air Ùghdarras Poileis na h-Alba, Buidheann Peinnsein Phoblach na h-Alba agus Clàran na h-Alba, agus roimhe seo tha e air ùghdarrasan ionadail agus buidhnean SNS a sgrùdadh.

Mus do thòisich e aig Sgrùdadh Alba ann an 2013, bha àrd-dhreuchdan aig Mgr Boyle aig Comann Taigheadais Ghlaschu, Comann Taigheadais Cube agus Riaghladair Taigheadais na h-Alba.

Tha Mgr Boyle na neach-cunntais barantaichte agus na bhall de dh’Institiud Cairte Ionmhais Phoblaich is Cunntasachd. Tha e pòsta le dithis chloinne agus a’ fuireach ann an Glaschu.

Teacsa a’ ghluasaid mar a leanas:

Gum bi a’ Phàrlamaid ag ainmeachadh Steafan Boyle gu A Mòrachd a’ Bhanrigh, airson a chur an dreuchd mar Àrd-neach-sgrùdaidh na h-Alba.

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mu obair an Àrd-neach Sgrùdaidh an seo.

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.