Comataidh na h-Eòrpa gus Rùnaire na Stàite airson Alba a cheasnachadh a thaobh Brexit

04.03.2020

Ceasnaichidh Comataidh Cultair, Turasachd, na Roinn Eòrpa agus Cùisean an Taobh A-muigh Rùnaire na Stàite airson Alba Diardaoin (5 Màrt) mun Aonta Fhàgail agus mun chàirdeas anns an àm ri teachd eadar Aonadh na h-Eòrpa agus an Rìoghachd Aonaichte. 

O chionn beagan sheachdainean, tha a’ Chomataidh air fianais a ghabhail bho raon farsaing eòlaichean air a’ phròtacal mu Èirinn a Tuath agus na prìomhachasan as coltaiche a bhios aig an AE agus Riaghaltas na RA sa bharganachadh a tha air fàire mun chàirdeas eatorra. Tha a’ Chomataidh air fianais a ghabhail cuideachd bho Rùnaire a’ Chaibineit airson Bun-reachd, na Roinn Eòrpa agus Cùisean an Taobh A-muigh, Mìchael Russell BPA.

Thuirt Neach-gairm na Comataidh Sìne NicAilpein BPA:

“Tha an ùine a’ fàs teann don RA gus an càirdeas a bhios aice ris an AE san àm ri teachd aontachadh agus tha soilleireachadh a dhìth oirnn fhathast mun chruth san nochd an càirdeas sin.   

“Bidh buaidh nach beag aig a’ chàirdeas anns an àm ri teachd eadar an t-Aonadh agus an RA air beatha dhaoine ann an Alba bho là gu là. Thathar an dòchas gun toir an seisean Diardaoin – a’ chiad turas a bhios Rùnaire na Stàite air fianais a thoirt do Phàrlamaid na h-Alba – beagan soilleireachaidh air cò ris a bhios an càirdeas anns an àm ri teachd coltach.”

Thuirt an Leas-neach-gairm, Claire Baker:

"Tha fianais a ghabh a’ Chomataidh o chionn beagan sheachdainean air sònrachadh gun fheumar mionaideachd nach beag obrachadh a-mach mu obrachadh pròtacal Èireann a Tuath, agus tha cruth a’ chàirdeis leis an AE sam àm ri teachd gu math mì-chinnteach fhathast, le fàgail gun aonta a thaobh malairt gu math coltach tachairt fhathast.  

“Feumaidh Rùnaire na Stàite airson Alba aghaidh a chur air ceistean mòra gus am faod sinn 9 mìosan de mhì-chinnt a bharrachd a sheachnadh.”

Gheibhear pàipearan na comataidh airson Diardaoin an seo:

https://www.parliament.scot/S5_European/Meeting%20Papers/20200305_MeetingPapers.pdf

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.