BPA a’ cur fàilte air Sgeama Tilleadh Eàrlas Bhotal na h-Alba

10.12.2019

Bidh buaidh tharbhach, sheasmhach air oidhirpean gus dèiligeadh ri atharrachadh gnàth-thìde aig an sgeama tilleadh eàrlas bhotal a tha ga mholadh, a rèir aithisg a chuir Comataidh Àrainneachd, Atharrachadh Gnàth-thìde agus Ath-leasachadh Fearainn aig Pàrlamaid na h-Alba a-mach an-diugh.

Anns an aithisg aca, tha a’ Chomataidh a’ toirt fa-near, ged a bha taic fharsaing aig an sgeama fhèin, gun robh eas-aonta ann mu chuid de dh’obrachadh an t-siostaim, a’ toirt a-steach dè na stuthan a bu chòir a bhith ann, ciamar a bhiodh e ag obair agus cuin a thòisicheadh e.

Tha a’ Chomataidh a-nis air iarraidh air Riaghaltas na h-Alba dèanamh cinnteach gu bheil am bun-structar an àite gus dèanamh cinnteach gu bheil an sgeama ruigsinneach agus ri fhaighinn leis a h-uile duine a dh’fheumas a chleachdadh.

Tha aithisg an latha an-diugh cuideachd ag iarraidh gum bi ìre eàrlais as ìsle de 20sg air a stèidheachadh ann an reachdas. Ach, bu chòir sùbailteachd a bhith ann gus an ìre sin a chur an-àirde gus taic a thoirt do lìbhrigeadh builean àrainneachd agus sòisealta.

A’ bruidhinn nuair a chaidh an aithisg a chur air bhog, thuirt Neach-gairm na Comataidh, Gillian Martin BPA:

“Chan eil teagamh sam bith nach eil an sgeama tilleadh eàrlais ann an Alba àrd-mhiannach. Agus tha e soilleir bhon fheadhainn bhon cuala sinn bho air feadh na dùthcha gu bheil taic ann don sgeama agus na h-amasan aige gus cuideachadh le bhith a’ coileanadh thargaidean dùbhlanach atharrachadh gnàth-thìde agus dèiligeadh ri duilgheadasan sgudail, gu sònraichte san àrainneachd mara againn.

“Ach airson an sgeama seo a bhith èifeachdach, feumaidh sinn dèanamh cinnteach gu bheil seo ag obair ann an dòigh a tha so-thuigsinn agus furasta a chleachdadh don phoball agus do ghnìomhachasan. Tha sinn a’ toirt taic do phrìomh fhòcas an sgeama ach an-diugh tha sinn air iarraidh air an Riaghaltas dèanamh cinnteach gun urrainn dhuinn stuthan a chur ris an sgeama, ceum air cheum, gus am bi e cho farsaing ’s a ghabhas.

“Chuala sinn cuideachd bho mhòran ghnìomhachasan mu na draghan aca a thaobh mar a bhios seo ag obair gu pragtaigeach. Tha sinn a’ creidsinn gum feum Riaghaltas na h-Alba èisteachd ris na draghan sin agus tha sinn air tuilleadh fiosrachaidh iarraidh mu obrachadh an sgeama mus tèid a sgaoileadh.”

Bheachdaich a’ Chomataidh air farsaingeachd nan stuthan a bhiodh mar phàirt den sgeama. Ged a tha iad a’ gabhail ris gum biodh an sgeama ag amas an toiseach air crogain is botail dighe, tha a’ Chomataidh air iarraidh air an Riaghaltas beachdachadh air an sgeama a dhèanamh cho coileanta sa ghabhas agus stuthan eile a thoirt a-steach leithid chartonan, pùidsean agus plastaigean eile mean air mhean.

Am measg mholaidhean eile san aithisg tha;

Gum bu chòir aon Rianadair Sgeama, air a stiùireadh le gnìomhachas,  a stèidheachadh le riochdairean bho gach pàirt den t-sèine solair a’ toirt a-steach gnìomhachasan beaga, ùghdarrasan ionadail, mòr-reiceadairean, luchd-dèanaimh, luchd-reic, riaghladh sgudail, roinnean NGO àrainneachd agus Aonaidhean Ciùird.

Gum bu chòir do Riaghaltas na h-Alba pròiseasan a chur an sàs gus dèanamh cinnteach nach toir an sgeama droch bhuaidh air buidhnean le feartan fo dhìon, daoine le comas-gluasaid no ruigsinneachd cuibhrichte, iadsan ann an sgìrean iomallach no dùthchail agus iadsan air teachd-a-steach ìosal.

Cùl-fhiosrachadh

Anns a’ Chèitean 2019, rinn Rùnaire a’ Chaibineit airson na h-Àrainneachd, Atharrachadh Gnàth-shìde agus Ath-leasachadh Fearainn aithris ann am Pàrlamaid na h-Alba gun deigheadh ​​Sgeama Tilleadh Eàrlais a thoirt a-steach ann an Alba. Dhaingnich Riaghaltas na h-Alba sa Phrògram Riaghlaidh aca san t-Sultain 2019 gu robh iad an dùil sgeama a thoirt a-steach. Chaidh na Dreachd Riaghailtean a chur sìos anns a’ Phàrlamaid air 10 Sultain 2019.

Chaidh na Riaghailtean a chur air adhart gu Comataidh ECCLR airson beachdachadh. Aig a’ choinneamh aca air 3 Sultain 2019, dh’aontaich a’ Chomataidh an dòigh-obrach aca a thaobh beachdachadh air na dreachd riaghailtean a chaidh a mholadh. Chuir a’ Chomataidh a-mach gairm poblach airson fianais agus thug iad cuireadh do phrìomh luchd-ùidh am beachdan a chur a-steach. Chuala a’ Chomataidh bho luchd-ùidh air 12 Samhain agus bho Rùnaire a’ Chaibineit air 19 Samhain. Tha Riaghaltas na h-Alba an dùil na dreachd riaghailtean deireannach a thoirt a-steach tràth ann an 2020.

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.