Comataidh a’ Cheartais ag iarraidh gum faigh an tsar dàta pearsanta cumhachdan a bharrachd

09.12.2019

Tha Comataidh a’ Cheartais aig Pàrlamaid na h-Alba air taic a chur ri prionnsapalan coitcheann Bile a chruthaicheas Coimiseanair Beò-meatrachd na h-Alba agus a stèidhicheas Còd Cleachdaidh air mar a bhios am poileas a’ làimhseachadh beò-meatrachd.  Ach, tha iad ag iarraidh gum faigh an neach a gheibh an dreuchd barrachd chumhachdan gus dàta pearsanta a chumail sàbhailt agus prìobhaideachd a dhìon.

Cho-dhùin BPA air a’ Chomataidh gu robh Coimiseanair airson coimhead às dèidh fiosrachadh pearsanta beò-meatrach, a’ toirt a-steach aithnichearan (identifiers) bith-eòlasach no giùlain, an dà chuid riatanach agus a’ tighinn aig deagh àm. Tha dòighean-obrach beò-meatrach a’ phoileis a’ toirt a-steach modhan traidiseanta leithid lorgan-meòir, agus teicneòlas ùr a tha a’ leasachadh gu luath, leithid anailis phàtranan guth agus aithneachadh aghaidh.

Bha a’ Chomataidh airson gum biodh dreuchd a’ Choimiseanair sùbailte, gus a dhèanamh comasach eòlas a chur air seòrsachan ùra de dhàta beò-meatrach air nach eil am poileas air beachdachadh gu ruige seo no nach eil iad a’ cleachdadh fhathast.

Ach, tha a’ Chomataidh ag iarraidh gun tèid ullachaidhean a’ Bhile a neartachadh agus gum bi an Coimiseanair cuideachd a’ cumail sùil air dàta beò-meatrach a bhios buidhnean poileis eile ag obair ann an Alba a’ cleachdadh, leithid Poileas Còmhdhalach Bhreatainn agus a’ Bhuidheann Eucoir Nàiseanta. Mar a tha cùisean an-dràsta, cha bhiodh ùghdarras aig a’ Choimiseanair ach airson sùil a chumail air Poileas Alba agus Ùghdarras Poileis na h-Alba.

Tha a’ Chomataidh cuideachd ag iarraidh gum bi barrachd chumhachdan co-èigneachaidh aig a’ Choimiseanair gus dèanamh cinnteach gu bheilear a’ cumail ris a’ Chòd Cleachdaidh.

A’ bruidhinn nuair a chaidh an aithisg fhoillseachadh, thuirt Neach-gairm na Comataidh, Màiread Mitchell BPA:

“Tha aithneachadh eucoireach agus cumail a’ mhòr-chomainn sàbhailte aig cridhe na bhios am poileas a’ dèanamh. Faodaidh dàta beò-meatrach a bhith na chuideachadh mòr anns an obair seo. Ach feumaidh cruinneachadh agus cleachdadh a bhith co-rèireach, agus air a sgrùdadh gu ceart.

“Mar a bhios teicneòlas a’ tighinn air adhart aig astar agus cothrom aig a’ phoileas air barrachd fiosrachaidh na riamh roimhe, feumaidh an Coimiseanair seo dèanamh cinnteach gun tèid aire a chumail air còraichean a’ phobaill is a’ chinne-daonna.

“Ged a tha Buill a’ cur fàilte air cruthachadh Coimiseanair Beò-meatrachd, tha a’ Chomataidh air cuid de raointean cudromach a chomharrachadh far am feumar an reachdas a neartachadh.

“Gus dèanamh cinnteach gu bheil an neart agus an comas sgrùdaidh riatanach aig a’ Choimiseanair gus prìobhaideachd a dhìon gu h-èifeachdach, tha a’ Chomataidh airson cumhachdan co-èigneachaidh nas làidire agus dearcnachadh air buidhnean poileis eile a chur ri raon-ùghdarrais a’ Choimiseanair mus tèid an dreuchd a chruthachadh.

“Tha a’ chomataidh cuideachd ag iarraidh gum bi na prionnsapalan mu dhìon chòraichean a’ chinne-daonna, prìobhaideachd agus sàbhailteachd coimhearsnachd air an toirt a-steach don Bhile, agus a bhith nam bunait airson cleachdadh dàta beò-meatrach leis a’ phoileas.”

Cùl-fhiosrachadh

Faodar an aithisg shlàn a luchdachadh a-nuas an seo, agus gheibhear cùl-fhiosrachadh mu sgrùdadh na Comataidh air a’ Bhile aig a’ cheangal seo.

Bidh Buidheann Chorporra Pàrlamaid na h-Alba a’ làimhseachadh dàta luchd-naidheachd gu tèarainte gus aithris air obair Pàrlamaid na h-Alba a dhèanamh comasach, a rèir riatanasan dìon dàta làithreach. Tha a’ chòir agad dì-chlàradh aig àm sam bith. Airson barrachd fiosrachaidh, faic ar Sanas Prìobhaideachd

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.