Dh’fhaighnich buill tùsail buidheann-stiùiridh Thaigh an Ròid: a bheil Pàrlamaid na h-Alba air coileanadh na prionnsabalan bunaiteach aice?

Thàinig buill tùsail na Buidhne-stiùiridh Co-chomhairleachaidh air ais còmhla an-diugh gus beachdachadh a bheil Taigh an Ròid air coileanadh na prionnsabalan bunaiteach aice agus iad air a bhith an sàs ann an sàr-mhìneachadh nan dòighean ann am bu chòir Pàrlamaid ùr na h-Alba a bhith ag obrachadh..

Às dèidh fiathachadh aig an Oifigear Riaghlaidh Coinneach Mac an Tòisich fhaighinn, tha naoinear de bhuill sa bhuidhinn-stiùiridh air a bhith a’ coimhead air ais thar nam fichead bliadhna de Phàrlamaid na h-Alba gus beachdachadh a bheil a’ phoilitigs ùr do dh’Alba air tighinn gu buil, mar a bhathar an dùil.

Bheir a’ bhuidheann a cuid smaointean air sgaoileadh chumhachdan seachad aig an Fhèis Phoilitigs anns an Dàmhair, 2019.

Thuirt Mgr Mac an Tòisich gun robh e an dòchas nach b’ ann a-mhàin gun coimheadadh a’ bhuidheann air ais thar nam fichead bliadhna den Phàrlamaid ach gun toireadh buill beachdan seachad air ath-leasachadh na Pàrlamaid agus an dòigh a bhiodh i ag obrachadh san àm ri teachd.

A’ bruidhinn air ath-ghairm na Buidhne-stiùiridh Co-chomhairleachaidh agus ceann-bliadhna nam fichead bliadhna aice, thuirt an t-Oifigear Riaghlaidh:

“Bha mi air mo dhòigh uiread bhall den Bhuidhinn-stiùiridh Co-chomhairleachaidh fhaicinn an làthair agus an sàs sna tachartasan am bliadhna, a’ comharrachadh fichead bliadhna den Phàrlamaid. Leis an dreuchd dheatamaich a bha aig a’ bhuidhinn, a’ toirt cruth air a’ Phàrlamaid fhèin agus a’ stèidheachadh a chuid phrionnsabalan bunaiteach, bha mi an dùil gum biodh seo iomchaidh, gu dearbh.

A’ leantainn air na tachartasan sin, chuir mi romham cuireadh a chur gu buill na buidhne air chor 's gun tigeadh iad còmhla, uair eile, an-seo aig Taigh an Ròid. Bha mi airson còmhradh a thòiseachadh air an dòigh a ghnìomhaich a’ Phàrlamaid a-rèir nam prionnsabal bunaiteach sin agus fiù ’s nas cudromaiche, is dòcha, gus sireadh beachdan nam ball tùsail air dòighean a ghabhas piseach a thoirt air an dòigh a bhios a’ Phàrlamaid ag obrachadh.

Mar an ceudna roimhe, dh’iarr mi air Henry McLeish a bhith na chathraiche an t-seisein. Tha iadsan a bha an sàs sa bhuidhinn air an t-uabhas a chumail rithe agus bha mi an dùil na smuaintean is beachdan làithreach aca a ghabhail a-steach do làmh-sgrìobhainn ghoirid no aithisg a bhiodh na bunait do thachartas na Fèis Phoilitigs, an ath-bhliadhna. Tha mi an dòchas, cuideachd, gus toir na beachdan aca buaidh air buidheann ath-leasachadh na Pàrlamaid, air a bheil mise nam chathraiche. Tha mi a’ dèanamh fiughair mhòr ri bhith a’ cluinntinn na beachdan air a’ Phàrlamaid is air an fhàs a thàinig oirre.”

Thàinig a’ bhuidheann còmhla aig a’ Phàrlamaid aig 2:00f air Dimàirt 27 an Lùnastal.

’S iad seo a bha an sàs innte:

• Fìor Urr. Henry McLeish, Cathraiche
• 
Fìor Urr. An Ridire Seòras Reid
• 
Fìor Urr. Am Morair (Jim) Wallace of Tankerness QC
• 
An t-Ollamh Alice Brown
• 
An Ridire Andrew Cubie CBE
• M
gr Keith Geddes CBE
• Dame Deirdre Hutton DBE
• Ms Joyce McMillan
• Ms Esther Roberton

Cùl-fhiosrachadh

Annsa an Dùbhlachd 1998, dh’fhoillsich a’ Bhuidheann-stiùiridh Co-chomhairleachaidh an aithisg aice: Toirt Cruth air Pàrlamaid na h-Alba. Mhìnichear san aithisg prionnsabalan deatamach airson na Pàrlamaide ùire agus molaidhean air an dòigh a bu chòir dhi a bhith ag obrachadh, gu h-aon is gu dhà, a’ gabhail a-steach clàr coileanta Òrduighean Seasmhach, a’ riaghladh gnòthaich an t-seòmair is nan comataidhean agus pròiseas reachdail.

Chùm a’ bhuidheann na prionnsabalan deatamach a leanas seo an àrd:

· Bu chòir do Phàrlamaid na h-Alba a bhith a’ riochdachadh is a’ taisbeanadh co-roinneadh chumachdan eadar muinntir na h-Alba, luchd-reachdais agus Raighaltas na h-Alba;

· Bu chòir do Riaghaltas na h-Alba a bhith cunntachail do Phàrlamaid na h-Alba agus an Riaghaltas is a’ Phàrlamaid do mhuinntir na h-Alba fhèin.

· Bu chòir do Phàrlamaid na h-Alba a bhith so-ruigsinneach, fosgailte, freagairteach, agus deònach modhan-obrach a leasachadh a dhèanadh comasach dòighean com-pàirteach a thaobh leasachaidh, agus measadh is sgrùdadh poileasaidh is reachdais.

· Bu chòir do Phàrlamaid na h-Alba, na cuid obrach is cur-an-dreuchd, a bhith ag aithneachadh an fheum a bhith a’ brosnachadh cothroman co-ionnan don a h-uile duine.

B’ e Ministear Stàite aig Oifis na h-Alba Henry McLeish BP bha na chathraiche na buidhne. Chaidh an aithisg a chur ro sheann Rùnaire Stàite do dh’Alba, Dòmhnall Mac an Deòir BP. Gheibhear aithisg na buidhne an-seo.

Rian nam meadhanan

Bheir neach-dhealbh na Pàrlamaid fhèin dealbhan-chamara an asgaidh den choinneimh, le làimh.

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.