BPAan ag ràdh nach eil an Lagh air Smachd Chon a th’ ann an-dràsta idir èifeachdach gu leòr

18.07.2019

Tha BPAan air a’ Chomataidh Sgrùdadh Poblach is Sgrùdadh Iar-reachdais air a ràdh an-diugh nach eil an reachdas air smachd chon a th’ ann an-dràsta idir èifeachdach gu leòr agus tha iad air iarraidh air Riaghaltas na h-Alba measadh iomlan a dhèanamh sa bhad air a h-uile lagh air smachd chon.

Tha a’ Chomataidh dìreach air crìoch a chur air measadh air an Achd Smachd Chon 2010. Chuala BPAan fianas bho dhaoine a dh’fhuiling ionnsaigh chon no a chunnaic cù a’ dèanamh ionnsaigh agus tha iad air co-dhùnadh gu bheil fhathast àireamh mì-chiatach de dh’ionnsaighean chon ann an Alba. 

Chuala a’ Chomataidh gun robh dìth dàta na bhacadh mòr ann a bhith a’ measadh èifeachdas Achd 2010 agus gun robh e mì-fhreagarrach gu robh Ministearan na h-Alba air fàilligeadh na cumhachdan a thugadh dhaibh fo Achd 2010 a chleachdadh gus Stòr-dàta Smachd Chon a stèidheachadh ann an Alba agus gum feumar sin a cheartachadh sa bhad. 

Chaidh aithneachadh gun do chuir grunn nithean bacadh air èifeachdas na h-Achd, a’ gabhail a-steach: cion mothachaidh agus dìth stòrais aig ìre ùghdarras ionadail a tha air ciallachadh nach eil gu leòr de luchd-smachd chon gam fastadh gus an lagh a chur an gnìomh.

A’ bruidhinn nuair a chaidh an aithisg fhoillseachadh, thuirt Neach-gairm na Comataidh, Jenny Marra BPA: 

“Chan eil lagh chon ann an Alba idir èifeachdach gu leòr. Tha fhathast cus chon a’ toirt ionnsaigh air clann agus chan eil tuigse gu leòr ann air na laghan a dh’fhaodadh stad a chur air na h-ionnsaighean sin agus chan eil na laghan air an cur an sàs tric gu leòr. 

“Tha e a-nis soilleir nach eil an lagh a th’ ann an-dràsta air smachd chon ag obair. Tha feum air ath-leasachadh sa bhad gus am faodar dèiligeadh ceart ri coin chunnartach agus coin nach eil fo smachd agus gus an urrainn dhuinn gluasad gu siostam a chuireas stad air clann a bhith air an leòn le coin.” 

Dh’aithnich a’ Chomataidh gun robh feum air gnìomh san eadar-ama mus rachadh ​​sgrùdadh air reachdas a thoirt gu buil. Am measg nam moladh gus seo a choileanadh bha: 

· Stèidheachadh ‘Stòr-dàta Smachd Chon Albannach’ sa bhad airson èifeachdas na h-Achd a leasachadh.

· Riatanas a chur air dotairean-teaghlaich, ospadalan, ùghdarrasan ionadail agus Poileas Alba dàta cunbhalach a chlàradh agus a chruinneachadh a thaobh ionnsaighean a chaidh innse.

· Ùghdarrasan ionadail a’ cleachdadh nan cumhachdan fo-lagh aca gus àiteachan-cluiche tèarainte a chruthachadh do chloinn taobh a-staigh phàircean anns a bheil coin air an toirmeasg.

· Iomairt mothachaidh sa bhad mu Achd 2010 gus foghlam a thoirt don mhòr-shluagh air mar as urrainnear a chleachdadh.  

Cùl-fhiosrachadh 

Faodar an aithisg iomlan fhaighinn an seo

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.