Ma leudaichear a’ chòir bhòtaidh, am bi barrachd a’ gabhail pàirt?

01.07.2019

Dè a’ bhuaidh a bhios aig laghan ùra air com-pàirteachadh poilitigeach? Is i seo a’ cheist a bhios Comataidh Inbhean, Dòighean-obrach agus Cur-an-Dreuchd Poblach a’ faighneachd agus iad a’ cur air bhog gairm airson bheachdan air Bile Taghaidhean Albannach (Còir Bhòtaidh agus Riochdachadh).

Tha am Bile a’ leudachadh chòraichean, a thaobh cò dh’fhaodas a bhith na thagraiche airson taghaidhean Pàrlamaid na h-Alba agus taghaidhean riaghaltas ionadail, gu saoranaich bho dhùthchannan cèin, a bharrachd air cur an gnìomh grunn atharrachaidhean eile don chòir bhòtaidh ann an Alba.

Tha na h-atharrachaidhean seo a’ gabhail a-steach solaran a bhios a’ leudachadh na còire-bhòtaidh gus a h-uile duine a tha a’ fuireach ann an Alba a ghabhail a-steach agus solaran a bhios a’ leudachadh na còire bhòtaidh do phrìosanaich.

Tha a’ Chomataidh a-nis a’ faighneachd dè an èifeachd a bhios aig seo air com-pàirteachadh poilitigeach ann an Alba.

Thuirt Neach-gairm na Comataidh, Bill Kidd BPA:

“Ged a tha am Bile a tha romhainn beag, tha an t-àrd-amas aige soilleir. Tro bhith a’ leudachadh còir bhòtaidh air cò a dh’fhaodas seasamh ann an taghaidhean airson Pàrlamaid na h-Alba no airson riaghaltas ionadail, tha e ag amas air iomadachd a mheudachadh a bharrachd air com-pàirteachadh poilitigeach.

“Ach tha sinn airson cluinntinn ciamar a bhiodh seo ag obair nuair a thig e gu h-aon is gu dhà agus am biodh an t-atharrachadh seo a’ toirt buaidh air cò a bhios an sàs ann am poilitigs.”

Gheibhear barrachd fiosrachaidh air a’ ghairm airson bheachdan bhon Chomataidh an seo:

https://www.parliament.scot/parliamentarybusiness/CurrentCommittees/112305.aspx

Cùl-fhiosrachadh

Thug Riaghaltas na h-Alba am Bile Taghaidhean Albannach (Còir Bhòtaidh agus Riochdachadh) a-steach air 20 Ògmhios 2019.

Gheibhear barrachd fiosrachaidh air a’ Bhile air làrach-lìn na Pàrlamaid:

https://www.parliament.scot/parliamentarybusiness/Bills/112098.aspx

Bidh Buidheann Chorporra Pàrlamaid na h-Alba a’ giullachd dàta bho luchd-naidheachd ann an dòigh thèarainte air los gum faodar aithriseadh air obair Pàrlamaid na h-Alba, a rèir riatanasan làithreach air dìon dàta. Tha còir agad sgur dhe fo-sgrìobhadh aig àm sam bith. Airson tuilleadh fiosrachaidh, faic am Brath Prìobhaideachd againn.

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.