A bheil Rathaidean na h-Alba a’ faighinn maoineachadh ceart? Tha Comataidh aig Taigh an Ròid a’ faighneachd

01.07.2019

Tha a’ Chomataidh Eaconamaidh Dhùthchail agus Ceangalachd a’ lorg bheachdan bho raon farsaing de luchd-cleachdaidh rathaidean air èifeachdas na dòigh-obrach làithreach airson rathaidean ann an Alba a chumail suas, agus a’ faighneachd a bheil ìrean maoineachaidh làithreach gu leòr.

Tha lìonra rathaidean na h-Alba a’ toirt a-steach cha mhòr 56,000km de rathaidean, a bharrachd air slighean-coise, drochaidean, solais, soidhnichean agus loidhnichean. Tha uallach air ùghdarrasan ionadail airson 25,600km de rathaidean clàraichte agus 26,800km de rathaidean neo-chlàraichte. Tha Còmhdhail Alba an urra ri 3,600km de mhòr-rathaidean agus prìomh rathaidean, nach eil ach mu 6% den lìonra rathaid ach a tha a’ giùlan trian den trafaig.

Tha Sgrùdadh Alba, ann an sreath de dh’aithisgean air cumail suas rathaidean anns na bliadhnachan mu dheireadh, air a bhith a’ togail ceist mu inbhe rathaidean ionadail, ann an co-theacs bhuidseatan a tha a’ crìonadh.

Thuirt Neach-gairm na Comataidh, Eideard Mountain BPA: 

“Tha na mìltean mhìltean de rathaidean ann an lìonra rathaid na h-Alba a tha bunaiteach ann a bhith a’ ceangal choimhearsnachdan agus a’ cumail taic ri eaconamaidhean nàiseanta agus ionadail.

“Tha sinn airson cluinntinn bho gach neach-cleachdaidh rathaid air feadh na h-Alba, bho luchd-obrachaidh còmhdhail mharsanta mhòr, gnothachasan beaga ionadail, ùghdarrasan rathaid, buidhnean coimhearsnachd agus daoine fa leth gus an urrainn dhuinn tuigse dhomhainn fhaighinn air cho èifeachdach agus a tha rathaidean na h-Alba gan cumail.”

Thathar an dùil gun tèid toradh na h-eacarsaich seo a bhiathadh a-steach do phlanaichean buidseit Riaghaltas na h-Alba agus leasachadh poileasaidh san àm ri teachd.

Cùl-fhiosrachadh

Bu mhath leis a’ Chomataidh beachd fhaighinn air na raointean a leanas:

• Ciamar a thug co-dhùnaidhean mu chaitheamh airgid air obair rathaidean buaidh air càileachd rathaidean, luchd-cleachdaidh rathaidean, gnìomhachasan, seirbheisean poblach agus an eaconamaidh ann an Alba?

• Ma dh’fhuiricheas cosgais air rathaidean aig na h-ìrean aig a bheil e an-dràsta, dè a’ bhuaidh a dh'fhaodadh a bhith air na buidhnean gu h-àrd?

• Ciamar a b’ urrainnear dèiligeadh ri droch bhuaidh sam bith air lughdachadh ann an cosgais air rathaidean?

• An e am modail a th’ ann an-dràsta airson maoineachadh is lìbhrigeadh càradh rathaidean, a tha air a roinn eadar Còmhdhail Alba agus ùghdarrasan ionadail, an roghainn as tarbhaiche agus as èifeachdaiche?

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.