Dealbhan-camara mheadhanan as fheàrr san t-saoghal gan taisbeanadh aig Pàrlamaid na h-Alba

14.06.2019

Chaidh a ghairm an-diugh gum bi taisbeanadh an-asgaidh a’ sealltainn cuid de na dealbhan-camara as smuaineachail a thogadh thar 2018 ga chumail aig Pàrlamaid na h-Alba as t-samhradh.  

Seallaidh Taisbeanadh Dealbh Naidheachd an t-Saoghail 2019 còrr is 140 ìomhaigh a’ dealbhadh naidheachdan mòra 2018, nam measg, turasan gàbhaidh fhògarrach do na Stàitean Aonaichte, buil ionnsaigh ann an Siria a thathas fo amharas a rinneadh le gas, agus an reifreann air casg-breith a cheadachadh ann an Èirinn. 

Tha ìomhaighean buadhail eile ag innse sgeulachdan cudromach an t-saoghail air cuspairean leithid na h-àrainneachd, spòrs agus nàdar. Chithear an taisbeanadh an-asgaidh ann an Talla a’ Phobaill ann am Pàrlamaid na h-Alba bho 31 Iuchar gu 24 Lùnastal.

A’ gairm an taisbeanaidh, thuirt Oifigear Riaghlaidh Phàrlamaid na h-Alba, am Fìor Urr. Coinneach Mac an Tòisich BPA:

“Tha an taisbeanadh smuaineachail seo a’ cur an cèill cuid de na sgeulachdan as motha air thalamh ann an 2018. Tha e an dà chuid a’ cuimhneachadh dhuinn cho mìorbhaileach ’s a tha an saoghal, agus cuideachd cho an-iochdmhor ’s a tha e.   

“Tha Taisbeanadh Dealbh Naidheachd an t-Saoghail a’ nochdadh gu làidir cho tarbhach ’s a tha naidheachdas dhealbhan, a’ cur sgeul cudromach an cèill ann an aon ìomhaigh. Tha e iomchaidh dhuinn gu bheil sinn ga chumail sa Phàrlamaid againn, an aon àite ann an Alba ga shealltainn.   

“Bidh an taisbeanadh an-asgaidh seo air leth tarraingeach do dhuine sam bith le ùidh ann am poilitigs, gnothaichean làithreach no togail dhealbhan.  Nach tig sibh a chèilidh oirnn as t-samhradh, bidh failte romhaibh aig àm sam bith.”

Cùl-fhiosrachadh

Faodaidh na meadhanan iomhaighean bho fharpais 2019 fhaicinn agus a luchdachadh a-nuas airson ath-riochdachadh bhon làraich-lìn seo.

Gus ùidh a chlàradh a bhith an làthair aig ro-shealladh mheadhanan an taisbeanaidh, cuir fios air greg.black@parliament.scot

Bidh an taisbeanadh fosgailte 10m – 5f, Diluain – Disathairne eadar 31 Iuchar – 24 Lùnastal.

Tha a’ Phàrlamaid air a bhith a’ cumail Taisbeanadh Dealbh Naidheachd an t-Saoghail 2019 bho 2006.

Contact information

Media Information

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.