Comataidh na Pàrlamaid a’ sireadh bheachdan air molaidhean a thaobh bhrathadairean anns an NHS agus gearainean air mar a thathar gan làimhseachadh

08.05.2019

Tha Comataidh Slàinte is Spòrs ann am Pàrlamaid na h-Alba air co-chomhairleachadh a chur air bhog air co-dhiù a bhios molaidhean ùra bho Riaghaltas na h-Alba a’ coileanadh atharrachadh cultair anns an dòigh sa bhios NHS na h-Alba a’ làimhseachadh chasaidean a tha air an togail le brathadairean.

Tha a’ Chomataidh togarrach air beachdan a chluinntinn cuideachd air mar a bhios na molaidhean a’ bualadh air an dòigh sa bhios an NHS a’ dèiligeadh ri brathadairean.

Tha seo a’ leantainn air reachdas air a mholadh le Riaghaltas na h-Alba a bhiodh ag iarraidh air Ombudsman Sheirbheisean Poblach na h-Alba (an SPSO) an dreuchd a ghabhail os làimh mar Oifigear Neo-eisimeileach Nàiseanta airson Bhrathadairean (an INWO) ann an NHS na h-Alba.

Mar phàirt den dreuchd seo, bhiodh an SPSO, a tha neo-eisimeileach gu tur bhon Riaghaltas, ag ath-bhreithneachadh air mar a dhèilig am bòrd-slàinte, an t-seirbheis slàinte teaghlaich no an solaraiche neo-eisimeileach ri dragh a’ bhrathadair, agus an robh iad reusanta nan co-dhùnaidhean. Bhiodh comas aig an SPSO cuideachd sgrùdadh a dhèanamh air mar a chaidh am brathadair a làimhseachadh leis an fhastaidhear aca.

Thuirt Lewis Dòmhnallach BPA, Neach-gairm Comataidh Slàinte is Spòrs:

“Anns an lèirmheas a rinn sinn an-uiridh air riaghladh NHS na h-Alba, thog sinn grunn iomagainean air làimhseachadh bhrathadairean.

“Rinn an aithisg soilleir nach robh na rianan airson làimhseachadh bhrathadairean làidir gu leòr a thaobh gach cuid an èifeachdas agus an neo-eisimeileachd bho fhastaidhearan NHS agus bho Mhinistearan na h-Alba, agus nach bu chòir do bhrathadairean claon-bhreith fhulang mar thoradh air na gnìomhan aca.

“Tha sinn ag iarraidh a chluinntinn bhuapasan a tha ag obair mar phàirt de NHS na h-Alba, air chor ’s gum faod sinn tuigsinn a bheil iadsan a’ faireachdainn gum biodh na molaidhean bho Riaghaltas na h-Alba a’ toirt misneachadh gu leòr dhaibh gu bhith a’ faireachdainn cofhurtail casaid a thogail.

“Tha a’ Chomataidh soilleir gum bu chòir gun robh an comas aig luchd-obrach uile an NHS a bhith ag aithris dragh sam bith a th’ aca ann an dìomhaireachd agus gum feum na draghan sin a bhith air an rannsachadh ann an dòigh a tha cothromach, trìd-shoilleireach agus neo-eisimeileach.”

Tha an SPSO an dùil modail a chur air adhart a bhios a’ sealltainn do bhuidhnean slàinte iomchaidh mar a bu chòir dhaibh dèiligeadh ri draghan bhrathadairean. Bhiodh an t-Oifigear Neo-eisimeileach Nàiseanta airson Bhrathadairean (an INWO) ag ath-bhreithneachadh, an lorg nan inbhean seo, mar a chaidh cùis a’ bhrathadair a làimhseachadh taobh a-staigh na buidhne, ann an cùisean far nach robh am brathadair riaraichte leis an ion-sgrùdadh a rinneadh.

Chaidh suidheachadh bhrathadairean a thogail ann an rannsachadh na Comataidh ‘Riaghladh an NHS ann an Alba’, a chaidh fhoillseachadh anns an Iuchar 2018. Anns an aithisg aca, thog a’ Chomataidh grunn iomagainean mu dheidhinn an t-siostaim airson bhrathadairean ann an NHS na h-Alba.

· Cho-dhùin iad gun robh atharrachadh cultair a dhìth gus cultar de fhosgailteachd is trìd-shoilleireachd a thoirt air adhart le dòighean-obrach soilleir trom faodadh luchd-obrach na draghan aca a thogail.

· Thuirt iad gun robh iad an dòchas gum biodh an dreuchd ri teachd, an t-Oifigear Neo-eisimeileach Nàiseanta airson Bhrathadairean, a’ cuideachadh gus an t-atharrachadh cultair seo a choileanadh.

· Rinn iad iarrtas air ionad fòn nàiseanta a stèidheachadh airson bhrathadairean.

· Agus cho-dhùin iad gum bu chòir do bhùird slàinte an NHS Gaisgich Brathaidh a chur an dreuchd nach robh nan stiùirichean neo-ghnìomach air a’ bhòrd. 

Chaidh lèirmheas neo-eisimeileach fhoillseachadh o chionn ghoirid, an ‘Lèirmheas Sturrock’, air casaidean gun robh cultar de bhurraidheachd ann an NHS na Gàidhealtachd, agus bha draghan coslach gan nochdadh o chionn ghoirid aig NHS Siorrachd Àir agus Arainn. 

Cùl-fhiosrachadh

Bidh an gairm airson bheachdan air an dreuchd ùir a thathar a’ moladh, an t- Oifigear Neo-eisimeileach Nàiseanta airson Bhrathadairean, agus air na h-inbhean a chruthaicheas Ombudsman Sheirbheisean Poblach na h-Alba air làimhseachadh bhrathadairean taobh a-staigh nan seirbheisean slàinte, fosgailte gus 22 Cèitean.

Gheibhear làn-fhiosrachadh air an duilleig-lìn againn:

https://www.parliament.scot/parliamentarybusiness/CurrentCommittees/111784.aspx

Faodaidh tu leughadh aithisg na Comataidh, ‘Riaghladh an NHS ann an Alba - a’ dèanamh cinnteach gun lìbhrigear an cùram slàinte as fheàrr airson Alba’, an seo:

https://sp-bpr-en-prod-cdnep.azureedge.net/published/HS/2018/7/2/The-Governance-of-the-NHS-in-Scotland---ensuring-delivery-of-the-best-healthcare-for-Scotland-1/HSS052018R07Rev.pdf

Faodaidh tu barrachd ionnsachadh mu dheidhinn obair Comataidh Slàinte is Spòrs air làrach-lìn Pàrlamaid na h-Alba.

Contact information

Media Information

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • [email protected]
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.