Prìomh Mhinistear gu bhith air beulaibh Luchd-gairm nan Comataidhean ann an seisean leudaichte

02.05.2019

Bidh cothrom aig Luchd-gairm nan Comataidhean ann an Taigh an Ròid am Prìomh Mhinistear a cheasnachadh aon uair eile air planaichean an Riaghaltais aice ann an seisean leudaichte de Bhuidheann Luchd-gairm na Pàrlamaid.

Bidh prìomh chùisean nan comataidhean air a’ chlàr-ghnothaich, nam measg a’ bhuaidh bho Bhrexit agus iomagainean a thaobh foghlam agus slàinte, nuair a nochdas am Prìomh Mhinistear air beulaibh an Luchd-gairm.

Thèid an seisean, a thachras air 8 Cèitean, a leudachadh bho naochad mionaid gu dà uair a thìde, air chor ’s gum faodar sgrùdadh nas mionaidiche a dhèanamh leis a’ Phrìomh Mhinistear.

A’ cur fàilte air an naidheachd mu dheidhinn an t-seisein, thuirt Cathraiche Buidheann an Luchd-gairm, an Leas-oifigear Riaghlaidh, Cairistìona Ghreumach BPA:

“Tha e deatamach gu bheil cothrom aig Luchd-gairm nan Comataidhean a bhith a’ ceasnachadh a’ Phrìomh Mhinisteir fhèin air obair an Riaghaltais.

“Bidh na Comataidhean againn an sàs ann an raon farsaing de dh’obair luachmhor gus an Riaghaltas a chumail cunntachail. Bidh iad a’ gabhail os làimh sgrùdadh mionaideach air raon de chùisean, bho shlàinte agus foghlam gu Brexit agus an àrainneachd, agus tro bhith a’ leudachadh an t-seisein seo gu dà uair a thìde, bidh fiù ’s barrachd ùine aca gu bhith a’ sgrùdachadh a’ Phrìomh Mhinisteir air na prìomh chùisean a tha a’ bualadh air gach taobh de bheatha muinntir na h-Alba.

“Tha sinn a’ dèanamh fiughair ri deasbad a bhios beothail agus spionnadail air na cùisean a tha as cudromaich do mhuinntir na h-Alba.”

Cùl-fhiosrachadh

Bidh an seisean fosgailte don phoball, agus faodar tiogaidean a chumail dhut tro Sheirbheisean Luchd-tadhail na Pàrlamaid. Faodar fios a chur gu seirbheisean luchd-tadhail na Pàrlamaid air 0131 348 5200 no [email protected].

Thèid a chraoladh beò gach cuid air Facebook agus air TBh na Pàrlamaid. Ma tha thu ag iarraidh a choimhead beò, tagh Seòmar Comataidh 2 air TBh na Pàrlamaid.

Bidh a’ choinneamh a’ tachairt eadar 12 agus 2f, air Diciadain 8 Cèitean ann an Seòmar Comataidh 2, agus bidh an Leas-oifigear Riaghlaidh Cairistìona Ghreumach BPA anns a’ chathair.

Tha na seiseanan seo a’ tachairt dà thuras gach bliadhna – thachair an seisean mu dheireadh air 24 Dàmhair 2018. 

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.