BPA a’ tadhal air an Eilean Sgitheanach gus beachdan a chluinntinn air Bile ‘toirmeasg peanas corporra’

07.03.2019

Thèid coinneamh de Chomataidh Co-ionannachd is Còraichean Daonna Phàrlamaid na h-Alba a chumail ann am Port Rìgh le BPA a’ beachdachadh air molaidhean gus casg a chur air peanas corporra chloinne le càirdean agus luchd-cùraim san dachaigh. Coinnichidh BPA ri raon de bhuidhnean air an eilean mus bi coinneamh fhoirmeil aca le riochdairean bho chreideamhan agus siostaman creideimh eadar-dhealaichte.

Tha a’ Chomataidh an-dràsta a’ sgrùdadh Bile na Cloinne (Dìon Co-ionann bho Ionnsaigh), agus ciamar a dh’fhaodadh an lagh a bhith ag obair ma gheibh e aonta. Tha an ìre seo anns a’ phròiseas Pàrlamaideach na chothrom do BhPA cluinntinn bho luchd-ùidh, molaidhean a dhèanamh mun Bhile, agus tighinn gu beachd mar Chomataidh co-dhiù a bheil iad a’ toirt taic don Bhile a bhith na lagh.

Thèid coinneamh fhoirmeil na Comataidh, a tha fosgailte don phoball, a chumail eadar 4:00 - 6:00f air Dihaoine 15 Màrt ann an Àrainn Fhinn, Port Rìgh. Tha fàilte cuideachd ron phoball do sheisean Ceist is Freagairt anns an Àrainn bho 3:15f.

Nas tràithe air an latha, coinnichidh Buill cuideachd ri sgoilearan bho Bun-Sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh, Àrd-sgoil Phort Rìgh, luchd-cùraim òga agus buidhnean phàrantan air an eilean, gus am beachdan a chluinntinn mu na molaidhean.

Ron turas, thuirt Neach-gairm na Comataidh, Ruth NicGuaire BPA:

 “Tha smachd corporra chloinne na chuspair connspaideach. Tha sinn air cluinntinn gu ruige seo bho dhaoine le beachdan eadar-dhealaichte a tha tric làidir anns na beachdan sin.

“Tha ùidh mhòr aig BPA anns an fhianais a tha sinn a’ faighinn aig an ​​ìre chudromach seo den phròiseas reachdail. Bidh sinn a’ toirt aire do bheachdan mus dèan sinn aithris air ais chun na làn-Phàrlamaid air na h-ath cheumannan.”

Thuirt Ms NicGuaire cuideachd:

“Tha sinn an dòchas gum bi uiread ’s a ghabhas comasach air tighinn gus coimhead air a’ choinneamh againn ann an Àrainn Fhinn, agus gun gabh muinntir an Eilein Sgitheanaich an cothrom cuideachadh le deasbad na Comataidh.”

Gus tiogaid a chlàradh airson Ceist & Freagairt agus coinneamh phoblach, cuir fòn gu 0131 248 5200, fòn an-asgaidh 0800 092 7600, post-dealain visit@parliament.scot no theirig air-loidhne gu www.parliament.scot/tickets-for-committees

Cùl-fhiosrachadh

Bu chòir do na meadhanan a tha airson tadhal air pàirt sam bith den latha fios a chur air Greg Black air 07920 296 862.

Tha a’ Chomataidh gu ruige seo air cluinntinn bho luchd-foghlaim, buidhnean cloinne agus carthannais ann an Dùn Èideann.

Is e seòladh Àrainn Fhinn, Rathad Viewfield, Port Rìgh, IV51 9ET.

Is iad na fianaisean ris a bheil dùil nochdadh air beulaibh na coinneimh ann am Port Rìgh:

      Seumas MacGillIosa – an  t-Institiùd Crìosdail

      Fianais fhathast ri innse – Caidreachas Soisgeulach

      Fianais fhathast ri innse – An Eaglais Shaor Leantainneach

      Màiri Chaimbeul-Jack – Cuaigearan ann am Breatainn

      An t-Urr Peadar Nimmo – Comhairle Eaglaise is Mòr-chomainn, Eaglais na h-Alba, Ministear Eaglais na h-Alba aig Seann Àrd Eaglais Naoimh Steafain, Inbhir Nis

      Friseal Sutharlanach – Daonnairean ann an Alba

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.