Comataidh ag aontachadh gum bu chòir oideachadh ciùil a bhith an asgaidh

22.01.2019

Bu chòir oideachadh ciùil ann an sgoiltean a bhith an asgaidh. Is e seo co-dhùnadh aithisg a chaidh a thoirt a-mach an-diugh le Comataidh Foghlam is Sgilean aig Taigh an Ròid a bhios a’ sgrùdadh solarachadh teagasg ciùil ann an sgoiltean.

Rè an rannsachaidh, chuala a’ Chomataidh mun droch bhuaidh a dh’fhaodas a bhith aig cosgaisean teagaisg, le aon ùghdarras ionadail ag ràdh gun tàinig lùghdachadh de faisg air 70% anns an àireamh sgoilearan a’ faighinn teagasg ciùil nuair a chaidh cosgaisean a chur air an teagasg.

Ged a bha a’ Chomataidh mothachail air còir ùghdarrasan ionadail a bhith a’ dèanamh cho-dhùnaidhean mu chaiteachas ionadail, tha an aithisg a’ sònrachadh a’ chunnairt do theagasg ionnstramaidean ciùil ann an Alba mura tèid dad a dhèanamh, agus ag iarraidh air ùghdarrasan ionadail coimhead a-rithist air an stiùireadh airson nan seirbheisean sin.

Tha a’ Chomataidh a’ moladh ath-bhreithneachadh air maoineachadh airson teagasg ciùil agus leudachadh air taic Riaghaltas na h-Alba airson phrògraman leithid Iomairt Ciùil na h-Òigridh.

Thuirt Neach-gairm na Comataidh, Clare Adamson BPA:

“Chan eil mòran teagaimh ann mun bhuannachd a bheir ceòl dhuinn mar dhaoine fa leth, mar choimhearsnachdan agus gu dearbh a’ bhuannachd aige do chultar is eaconamaidh na h-Alba san fharsaingeachd. Ach, airson cus dhaoine òga, tha na cothroman sin gan call air sgàth chosgaisean a tha a’ sìor fhàs. Is e sin an t-adhbhar gu bheil a’ Chomataidh againn a’ creidsinn anns a’ phrionnsabal gum bu chòir oideachadh ciùil a bhith an-asgaidh.

“Ach, tha sinn ag aithneachadh gu bheil cìsean ann airson teagasg ciùil ann an iomadh ùghdarras ionadail agus nach b’ e co-dhùnadh furasta a bh’ ann an sin dhaibh. Chan eil seo a’ ciallachadh, ged-thà, nach eil dad a ghabhas dèanamh. Feumaidh ùghdarrasan ionadail obair nas cruaidhe gus dèanamh cinnteach nach bi an fheadhainn as lugha stòrais a’ fulang na h-easbhuidh as motha. Is e seo as coireach gu bheil sinn air moladh ath-sgrùdadh air maoineachadh nan seirbheisean sin agus gun tèid barrachd a dhèanamh gus lùghdach is lasachadh prìs a chur am meud far a bheil sin comasach.

“Uair is uair chuala sinn a’ chùis seo air a dheasbad ann am Pàrlamaid na h-Alba. Ach fhad ’s a bhios sinn a’ bruidhinn, tha daoine òga a’ call a-mach. Feumaidh cùisean atharrachadh. Feumaidh COSLA agus Riaghaltas na h-Alba a h-uile nì as urrainn dhaibh a dhèanamh gus dèanamh cinnteach gu bheil teagasg ri fhaotainn aig prìs ruigsinneach agus gu faigh a h-uile duine cothrom air. Mura tachair sin tha cunnart ann gu ruig sinn suidheachadh far a bheil teagasg ciùil ann an Alba ann an staid èiginn nach gabh a leasachadh.”

Cùl-fhiosrachadh

Anns an fhianais, chuala a’ Chomataidh bho Chomhairle Lodainn an Iar a thuirt:

“Bho thug sinn a-steach cìsean, tha an àireamh de dh’oileanaich bun-sgoile a’ faighinn oideachadh sìos bho 1,128 san t-Samhain mu dheireadh [2017] gu 234 am-bliadhna [2018] ... Aig ìre àrd-sgoile, tha an àireamh de dh’oileanaich air tuiteam bho 1,042 san t-Samhain 2017 gu 514 san t-Samhain am-bliadhna [2018].”

San Dùbhlachd 2018, dh’aithris an Improvement Service Scotland gu robh cosgaisean airson oideachadh ciùil fa leth mar a leanas:

 

Ùghdarras Ionadail

 

Cosgaisean 2018/19 (per sgoilear, per ionnsramaid)

 

Cathair Obair Dheathain

 

£340

 

Siorrachd Obair Dheathain

 

£328

 

Aonghas

 

£231 (agus £30 fastadh)

 

Earra-Ghàidheal is Bòd

 

£239.97

 

Siorrachd Chlach Mhannan

 

£524

 

Dùn Phrìs is Gall-Ghàidhealaibh

 

£200

 

Dùn Dè

 

Gun chosgais (£85 fastadh)

 

Siorrachd Àir an Ear

 

£180

 

Siorrachd Dhùn Breatann a Ear

 

£177

 

Lodainn an Ear

 

£280

 

Siorrachd Rinn Friù

 

£300

 

Dùn Èideann

 

Gun chosgais

 

Eilean Siar

 

Gun chosgais

 

Ealais Bhreac

 

£156

 

Fìobha

 

£220

 

Glaschu

 

Gun chosgais

 

Gàidhealtachd

 

£318

 

Inbhir Chluaidh

 

£117

 

Meadhan Lodainn

 

£205.50

 

Moireibh

 

£378

 

Siorrachd Àir a Tuath

 

£198

 

Siorrachd Lannraig a Tuath

 

£150

 

Arcaibh

 

Gun chosgais

 

Peairt is Ceann Rois

 

£295

 

Siorrachd Rinnfriù

 

Gun chosgais

 

Crìochan na h-Alba

 

£140

 

Sealtainn

 

£200

 

Siorrachd Àir a Deas

 

£200

 

Siorrachd Lannraig a Deas

 

£210

 

Sruighlea

 

£267

 

Siorrachd Dhùn Breatann an Iar

 

Gun chosgais (£85 fastadh)

 

Lodainn an Iar

 

£354

 

Contact information

Media information

Committee information

 

 

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • [email protected]
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.