70mh cheann-bhliadhna de Latha Chòraichean Daonna gu bhith air a chomharrachadh ann am Pàrlamaid na h-Alba

10.12.2018

Bidh Pàrlamaid na h-Alba a’ comharrachadh an 70mh cheann-bhliadhna bhon a ghabh na Dùthchannan Aonaichte ri Foirgheall Coitcheann air Còraichean a’ Chinne-daonna le co-labhairt, a mhaireas aon latha, air Diluain 10 Dùbhlachd.

Aig a’ cho-labhairt, “Còraichean Daonna a’ gabhail thairis!”, bidh an Leas-oifigear Riaghlaidh Cairistìona Ghreumach BPA air ceann ghnothaichean, agus bithear a’ gabhail a-steach:

• Òraidean bhon Phrìomh Mhinistear; bho Ruth NicGuaire BPA, Neach-gairm, Comataidh Co-ionnanachdan agus Còraichean Daonna; agus bho Bhianca Jagger, Stèidheadair, Ceann-suidhe agus Ceannard air Urras Bhianca Jaggar airson Chòraichean Daonna;

• deasbad pannail le dìonadairean chòraichean daonna bho air feadh Alba;

• cuirm airson an 10mh cheann-bhliadhna de Choimisean Albannach nan Còraichean Daonna (an SHRC).

Am measg an fheadhainn a bhios an làthair aig a’ cho-labhairt, bidh riochdairean bho charthannasan agus buidhnean saor-thoileach a tha air còraichean daonna a chleachdadh gus atharrachaidhean a choileanadh; eòlaichean air còraichean daonna; agus buill den phoball a tha air pàirt a ghabhail ann an rannsachaidhean pàrlamaideach air còraichean daonna. Bidh iad uile a’ gabhail pàirt ann am bùithtean-obrach air feadh an latha.

A’ bruidhinn ron cho-labhairt, thuirt an Leas-oifigear Riaghlaidh Cairistìona Ghreumach BPA:

“B’ ann o chionn 70 bliadhna air ais an t-seachdain sa a ghabh na Dùthchannan Aonaichte ri Foirgheall Coitcheann air Còraichean a’ Chinne-daonna.

“An dèidh oillt is mì-dhaonnachd Dara Cogadh an t-Saoghail, stèidhich am foirgheall còraichean daonna airson a h-uile duine – saorsa labhairt, saorsa bho chreòtachd, còir ionannachd ron lagh. Chuir e an cèill gu bheil a h-uile duine air bhreith co-ionann, le còraichean do-dhealaichte.

“B’ e àm nuair a thàinig a’ chùis gu h-aon is gu dhà ann an nuadh-eachdraidh agus b’ e bonn-stèidh lagh chòraichean daonna eadar-nàiseanta.

“Bidh sinn a’ comharrachadh an 70mh cheann-bhliadhna tro bhith a’ meòrachadh air cùisean latha an-diugh agus a’ beachdachadh air na dùbhlain a tha ro Alba agus mar a dh’fhaodadh i ceannardas a nochdadh ann an raon nan còraichean daonna.”

Thuirt Neach-gairm Comataidh Co-ionnanachdan agus Còraichean Daonna, Ruth NicGuaire BPA, a bhios air ceann na cuirme airson an SHRC:

“Ged a bhios a’ cho-labhairt againn a’ comharrachadh 70mh cheann-bhliadhna an fhoirghill choitchinn, tha sinn glè mhothachail gu bheil cruth-tìre nan còraichean daonna an impis atharrachadh gu mòr agus an Rìoghachd Aonaichte ga deisealachadh gus an t-Aonadh Eòrpach fhàgail.

“Mar phàrlamaidich agus mar reachdadairean, tha uallach oirnn nach crìochnaich a thaobh còraichean a h-uile duine. Tha mi a’ dèanamh fiughair ri bhith a’ coinneachadh ris na curaidhean is luchd-urrais airson chòraichean daonna a bhios cuideachd an làthair agus sinn a’ beachdachadh air dè cho fada ’s a tha sinn air tighinn a bharrachd air beachdachadh air an rathad a tha a’ fosgladh romhainn.”

Cùl-fhiosrachadh

Bithear a’ comharrachadh an 70mh cheann-bhliadhna, bhon a chaidh Foirgheall Coitcheann air Còraichean Daonna a ghabhail ris, ann an Dùn Èideann air Diluain 10 Dùbhlachd. Bidh cothrom aig luchd nam meadhanan ris na tachartasan a leanas:

Tràth sa mhadainn, mion-fhiosrachadh air àm/àite (meadhan Dhùn Èideann) ri thighinn: Aithisg ga cur air bhog le Buidheann Comhairleachaidh a’ Phrìomh Mhinisteir air Ceannardas Chòraichean Daonna.

Bidh an Cathraiche, an t-Àrd-Ollamh Alan Miller, agus buill bho Bhuidheann Comhairleachaidh a’ Phrìomh Mhinisteir air Ceannardas Chòraichean Daonna a’ toirt na h-aithisg deireannaich aca, air mar a dh’fhaodas Alba a bhith na ceannard an t-saoghail air còraichean daonna, don Phrìomh Mhinistear, Nicola Sturgeon BPA. Am measg a prìomh mholaidhean, tha a’ bhuidheann a’ moladh gum bu chòir frèam-obrach ùr airson còraichean daonna a bhith againn gus beatha dhaoine ann an Alba a leasachadh.

Airson barrachd fiosrachaidh air an aithisg, faodaidh luchd nam meadhanan conaltradh a dhèanamh le: Kirsty Innes, [email protected] / 07790 910 646.

10:30 – 12:30: Tachartas “Còraichean Daonna a’ gabhail thairis!” ann an Seòmar Deasbaid Pàrlamaid na h-Alba. Le Leas-oifigear Riaghlaidh Cairistìona Ghreumach BPA sa chathair. Bidh aoighean a fhuair cuireadh a’ cluinntinn bho:

• Neach-gairm, Comataidh Co-ionnanachdan agus Còraichean Daonna, Ruth NicGuaire BPA (10:35)

• Cathraiche, Coimisean Albannach nan Còirichean Daonna, Judith Robertson (10:40)

• Bianca Jagger, Stèidheadair, Ceann-suidhe agus Ceannard air Urras Bhianca Jaggar airson Chòraichean Daonna. (10:55)

• Ball bho Phàrlamaid na Cloinne agus Ball bho Phàrlamaid Òigridh na h-Alba (Hannah MCP is Ryan McShane MSYP) (11:00)

• Am Prìomh Mhinistear, am Fìor Urr Nicola Sturgeon BPA (11:05)

Thathar a’ toirt nan amannan tuairmsichte airson tòiseachadh labhairt ann an camagan cruinn.

Bidh cuideachd deasbad pannail ann le prìomh luchd-tagraidh is eòlaichean Chòraichean Daonna, nam measg: ‘Caileag Ghlaschu’ Amal Azzudin; an neach-tagraidh airson Luchd-Ròmanaidh/Luchd-siubhail Davie Donaldson; Ceannard air Cùram na h-Alba, Dtr Donald MacAskill; agus Dtr Sally Witcher OBE, Ceannard air In-ghabhail Alba, eadar 11:30 is 12:30, a’ gabhail a-steach ceistean bhon luchd-èisteachd agus bhuapasan a tha a’ com-pàirteachadh air-loidhne.

Gus cothrom a chur air dòigh, no agallamhan iarraidh, le luchd pannail, òraidichean (a’ gabhail a-steach Bianca Jagger), leis an Leas-oifigear Riaghlaidh no le Neach-gairm na Comataidh, cuir fios gu Greg Black air 0131 348 6266 / [email protected]

Bidh pìosan film is fuaim, de chàileachd a bhios freagarrach airson craoladh, rim faotainn, ma nithear iarrtas orra, airson nan tachartasan san t-Seòmar Deasbaid. Bidh pioctairean rim faotainn ma nithear iarrtas orra. Feuch gun cuir thu fios gu Greg Black air 0131 348 6266 / [email protected] airson tuilleadh fiosrachaidh.

Ma tha ceistean agad mu na bhios am Prìomh Mhinistear a’ dèanamh airson Latha Còraichean Daonna an t-Saoghail, faodar an cur gu Linsey Stewart: 0131 244 4008 / [email protected]

17:30 – 19:30: Cuirm airson an 10mh cheann-bhliadhna aig Coimisean Albannach nan Còirichean Daonna ann an Lobaidh a’ Ghàraidh, Pàrlamaid na h-Alba, a’ gabhail a-steach:

• Òraid le Ministear airson Seann Daoine agus Co-ionnanachdan, Cairistìona NicShealbhaich BPA (17:40)

• Film goirid le deich sgeulachdan mu dheidhinn chòraichean daonna ann an gnìomh air feadh Alba (17:55)

• Òraid le Judith Robertson, Cathraiche aig Coimisean Albannach nan Còirichean Daonna (18:00)

• Bheirear cairt cho-latha bhreith ri Foirgheall Coitcheann air Còraichean Daonna le dithis bhall de Phàrlamaid Òigridh na h-Alba às leth nam fo-sgrìobhadairean bho air feadh Alba (18:20 – cothrom airson dealbhan)

Ma tha ceistean agad mu dheidhinn an tachartais airson Coimisean Albannach nan Còirichean Daonna, faodar an cur gu Judy Fladmark: 0131 244 3550 / 07876 817978 / [email protected]. Bidh pioctairean rim faotainn ma nithear iarrtas orra.

Bidh 2018 cuideachd a’ comharrachadh 20 bliadhna bhon a chaidh Achd Còirichean Daonna a ghabhail rithe.

Bidh Buidheann Chorporra Pàrlamaid na h-Alba a’ giullachd dàta bho luchd-naidheachd ann an dòigh thèarainte air los gum faodar aithriseadh air obair Pàrlamaid na h-Alba, a rèir riatanasan làithreach air dìon dàta.

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.