Plana Gàidhlig Buidheann Chorporra Pàrlamaid na h-Alba 2013-18 - Ceisteachan co-chomhairleachaidh

Tha am plana a’ toirt cunntas air mar a bhios Buidheann Chorporra Pàrlamaid na h-Alba (SPCB) a' toirt a-steach na Gàidhlig na cuid sheirbheisean, mar a chuireas i cleachdadh na Gàidhlig air chomas ann an conaltradh agus mar a dh'adhartaicheas is a leasaicheas i a' Ghàidhlig.

Thathar air Plana Gàidhlig na Buidhne a chur ri chèile fo Earrann a Trì de dh’Achd na Gàidhlig (Alba) 2005.

 

Fiosrachadh mu fhreagairtean a gheibhear

  • Thèid fiosrachadh pearsanta sam bith a bheir sibh seachad a làimhseachadh a rèir feumalachdan Achd Dìon-dàta 1998 
  • Bhiodh e feumail nan thoireadh sibh dhuinn fiosrachadh mas e ur toil e a bheir air chomas dhuinn fios a chur thugaibh ma tha ceist sam bith againn mun fhreagairt agad
  • Tha e san amharc againn an fhreagairt agad fhoillseachadh nas lugha na a dh'innseas sibh dhuinn nach eil sibh ag iarraidh gun dèan sinn seo.  Ma dh’innseas sibh dhuinn gu bheil sibh ag iarraidh gun tèid an fhreagairt agad fhoillseachadh gun urra, nì sinn a leithid.
  • Chan fhoillsich sinn an t-ainm sgrìobhte no an seòladh agad.
  • Mas ann às leth buidhne a tha sibh a’ freagairt, foillsichidh sinn ainm na buidhne
  • Faodaidh gun deasaich sinn an fhreagairt agad mas e gu bheil fios na broinn a dh’fhaodadh neach beò eile a chomharrachadh no ma tha aithrisean san fhreagairt agad a tha tuaileasach nar beachd
  • Thèid am fiosrachadh a chuireas sibh thugainn a chleachdadh dìreach airson a’ cho-chomhairleachaidh seo.
   
   
   
   
 
 
   
 
   
 
   
 
   
   

Gaelic consultation

This link will take you to the English version of the consultation.