Naidheachd

 

Mìcheal Gove BP gu bhith a’ nochdadh air beulaibh comataidhean Pàrlamaid na h-Alba

Thig poileasaidhean na Rìoghachd Aonaichte air àiteachas is iasgach san àm ri teachd fon phrosbaig nuair a chluinneas dà chomataidh bho Phàrlamaid na h-Alba bho Mhìcheal Gove BP, Rùnaire na Stàite airson na h-Àrainneachd, Biadh agus Cùisean Dùthchail.

Prìomh Mhinistear gu bhith air beulaibh Luchd-gairm nan Comataidhean ann an seisean leudaichte

Bidh cothrom aig Luchd-gairm nan Comataidhean ann an Taigh an Ròid am Prìomh Mhinistear a cheasnachadh aon uair eile air planaichean an Riaghaltais aice ann an seisean leudaichte de Bhuidheann Luchd-gairm na Pàrlamaid.

Feumar soilleireachd a thaobh adhbhar measadh coitcheann

Tha feum air stiùireadh nas soilleire a thaobh adhbhar measadh coitcheann ann an sgoiltean, a rèir aithisg a chuir Comataidh Foghlam agus Sgilean Phàrlamaid na h-Alba a-mach an-diugh.

A’ bonntachadh – rannsachadh san amharc air cudromachd chuspairean STEM

Tha cudromachd chuspairean saidheans, teicneolais, innleadaireachd agus matamataig (STEM) ann am bliadhnachan tràth foghlam na h-Alba gu bhith air an sgrùdadh le Comataidh Foghlaim agus Sgilean Phàrlamaid na h-Alba.

A Mòrachd a’ Bhanrigh gu bhith a’ toirt seachad òraid do Phàrlamaid na h-Alba

Chaidh a chur an cèill an-diugh gum bi A Mòrachd a’ Bhanrigh a’ toirt seachad òraid do Phàrlamaid na h-Alba air Disathairne mar phàirt den fhèilleachd gus 20mh cheann-bliadhna na Pàrlamaid a chomharrachadh.

Pàrlamaid na h-Alba a’ comharrachadh Latha an Tartain 2019

Bidh an Leas-oifigear Riaghlaidh, Linda Fabiani BPA, agus Liam MacArtair BPA a’ gabhail pàirt ann an sreath de thachartasan ann an Aimeireaga a Tuath gus Seachdain na h-Alba a chomharrachadh...

Pàrlamaid air oidhirp a chur air bhog gus leanabhan 1 Iuchair a shireadh

Tha Pàrlamaid na h-Alba air oidhirp a chur air bhog an-diugh gus na leanabhan a shireadh a rugadh air 1 Iuchar 1999, an t-aon latha a chaidh Pàrlamaid na h-Alba a stèidheachadh.

Bu chòir don Phàrlamaid an cothrom fhaighinn air sgrùdadh agus aonta a thoirt ri frèamaichean cumanta na Rìoghachd Aonaichte, a rèir Comataidh Ionmhas agus Bun-reachd

The Scottish Parliament should have the opportunity to scrutinise and agree all UK Common frameworks says Holyrood’s Finance & Constitution Committee.

Lèirmheas bho Chomataidh a’ Cheartais air poileas agus seirbheisean smàlaidh a’ cur cuideim air piseach ach a’ comharrachadh ‘sreath de leasachaidhean’ rin iarraidh fhathast

Tha lèirmheas air Achd Ath-leasachadh a’ Phoilis agus Luchd-smàlaidh (Alba) 2012 – aon de na cruth-atharrachaidhean as motha de sheirbheis phoblach bhon a thòisich fèin-riaghladh ...

Lean air na meadhanan sòisealta sinn

Twitter logo   Wordpress logo

Facebook logo   YouTube logo

Follow us on Twitter

Keep up to date