Comataidh Riaghaltas Ionadail is Ath-bheothachadh
Bile Airm-àile is Ceadachadh (Alba)
Gairm airson Fianais sgrìobhte
Tha Comataidh Riaghaltas Ionadail is Ath-bheothachadh aig Pàrlamaid na h-Alba air gairm a chur a-mach an-diugh, Dimàirt 1 An t-Iuchar 2014, airson fianais sgrìobhte bho na h-uile le ùidh sa chùis mar chuid den bheachdachadh aice aig Ìre 1 de Bhile Airm-àile is Ceadachadh (Alba). Chaidh am Bile seo a thoirt a-steach ann am Pàrlamaid na h-Alba, le Riaghaltas na h-Alba, Diluain 14 Cèitean 2014.
Tha cuireadh gu buidhnean agus daoine fa leth fianais ann an sgrìobhadh a chur fa chomhair na Comataidh, a’ nochdadh nam beachdan aca air ullachaidhean aghaidh a thoirt air gin sam bith no a h-uile gin de na ceistean a thaobh poileasaidh am broinn a’ Bhile. Tha lethbhreac den Bhile, agus de na sgrìobhainnean na chois, ri fhaotainn ait làrach-lìn Pàrlamaid na h-Alba aig: http://www.scottish.parliament.uk/parliamentarybusiness/Bills/76383.aspx
Adhbhar a’ Bhile
Tha am Bile ag atharrachadh rèim a’ cheadachaidh ann an Alba ann an trì raointean farsaing gus siostam a’ cheadachaidh a leasachadh agus a neartachadh leis na h-amasan (a) rian agus sàbhailteachd phoblach a ghleidheadh, (b) eucoir a lùghdachadh agus (c) am poileasaidh mu shlàinte phoblach a thoirt air adhart.
Tha am Bile a’ feuchainn ri seo a thoirt gu buil le bhith a’ dèanamh mar a leanas. Anns a’ chiad dol-a-mach, tha e air dà rèim ùra de cheadachadh a stèidheachadh ann an Alba—
- (i) rèim ùr de cheadachadh gus arm-àile (air weapon) a bhith agad agus a bhith ga chleachdadh ann an Alba, agus
- (ii) rèim ùr de cheadachadh airson obrachadh ionadan oirfideas feiseil (sexual entertainment venues) ann an Alba.
San dara dol-a-mach, tha am Bile ag atharrachadh rèim a’ cheadachaidh a tha ann an-dràsta fo Achd Ceadachadh (Alba) 2005 gus riarachadh deoch-làidir do dhaoine fo aois 18 gus a gabhail ann an àite poblach a dhèanamh na eucoir. Tha am Bile cuideachd a’ toirt air adhart caochladh atharrachaidhean teicnigeach air siostam a’ cheadachaidh gus deoch-làidir a reic.
San treas àite, tha am Bile atharrachadh rèim chatharra a’ cheadachaidh a tha ann an-dràsta mu cheadachadh thagsaidhean agus gabhail charbadan prìobhaideachd air iasad; dèiligeadh ann am meatailt air caitheamh agus ionadan oirfideas poblach. Tha a h-uile h-aon de na h-ullachaidhean seo ga thoirt ann am barrachd mionaideachd gu h-ìseal.
Anns an dealachadh, tha ullachadh anns a’ Bhile gum bùird-ceadachaidh air an aon rèir barrachd mu cheistean leithid seiseanan-èisteachd mu cheadachadh deoch-làidir agus mu cheadachadh catharra. Tha am Bile cuideachd air dreuchd ùr de dh’Oifigearan Inbhean Ceadachadh Catharra (“CLSO”), air a bhonntachadh air na h-Oifigearan Inbhean Ceadachadh a chaidh a chruthachadh fo Achd 2005, a stèidheachadh.
Ma tha sibh ag iarraidh beachdan a chur fa chomhair na Comataidh mu earrann sam bith den Bhile, feumaidh sibh a dhèanamh tron fhoirm gairm airson fianais air an Lìon:
Is e an ceann-latha deireannach gus beachdan a chur a-steach 5f Diluain 29 Sultain 2014.
Ma tha sibh ag iarraidh gun tèid a’ ghairm airson fianais a thoirt dhuibh ann an riochd eile, nach cuir sibh fios thugainn ann an aon de na dòighean a leanas—
- cuiribh post-dealain thugainn aig [email protected]
- cuiribh fòn thugainn air 0131 348 6040 no 0131 348 5223;
- sgrìobhaibh thugainn aig—
Clàrcan Chomataidh Riaghaltas Ionadail is Ath-bheothachadh
Seòmar T3.40
Oifis na Comataidh
Pàrlamaid na h-Alba
Dùn Èideann EH99 1SP
Fiosrachadh conaltraidh
Chaidh an stuth seo fhoillseachadh le:
Pàrlamaid na h-Alba
Dùn Èideann
EH99 1SP
Rè àm an reifreinn, feumaidh Pàrlamaid na h-Alba am fiosrachadh seo a thoirt seachad airson adhbharan fosgailteachd agus gus cumail ri riaghailtean iomairt.
Airson barrachd fiosrachaidh, faic Earrann 4, Paragraf 27 de dh’Achd Reifreinn Neo-eisimeileachd na h-Alba 2013. Thoir an aire nach eil Pàrlamaid na h-Alba an urra ri susbaint air làraich-lìn air an taobh a-muigh.