Còd giùlain do luchd-tadhail

Ma bhios tu a’ tadhal air a’ Phàrlamaid gus a bhith ann airson gnothaichean anns an t-Seòmar no aig coinneamh comataidh, tha còd giùlain ann a dh’fheumas tu leantainn, fo òrdugh an Oifigeir Riaghlaidh.

Feumaidh tu:

  • Cuimhneachadh gur bheil obair a' dol air adhart san togalach
  • Gabhail ris a h-uile stiùireadh bho oifigearan na Pàrlamaid
  • Cumail a h-uile màileid no poca leat fhèin no anns na cistean poblach
  • Na bi smocadh anns an togalach idir
  • Na bi ag ithe no ag òl ach a-mhàin sna taighean bidh
  • Thoir an lanyard "Neach-tadhail" agus pas air ais
  • Faigh rud sam bith a ghlèidh muinntir na tearainteachd dhut nuair a dh'fhalbhas tu

Ma bhios to a' dol gu gnothaichean na Pàrlamaid:

  • Cuir dheth fònaichean-làimh, pèidsearan agus coimpiutairean laptop
  • A bhith sàmhach nuair a thig thu a-steach, a shuidheas tu agus a dh'fhàdhas tu na gailearaidhean.
  • Cead fhaighinn ro-làimh a bhith a’ peantadh no tarraing dealbh

Thoir an aire gu bheil na leanas toirmisgte anns na gaileiridhean, rè gnothaichean na Pàrlamaid

  • Bualadh bhoisean, èigheachd a-mach no a’ cur bacadh air gnothaichean
  • Taisbeanadh bhrataichean no sluagh-ghairmean, a' gabhail a-steach brataichean no sluaighean-gairm air aodach 
  • A' cleachdadh camarathan no stuthan clàraidh