Sreath "Mar a tha Pàrlamaid na h-Alba ag obair"

HTSPW_beag

Mar a tha Pàrlamaid na h-Alba ag obair

Tha Mar a tha Pàrlamaid na h-Alba ag obair a' toirt seachad fiosrachadh bunaiteach mun Phàrlamaid agus a h-obair. Anns a' bhileig, tha earrannan ann mu mar a thèid BPA a thaghadh, mar a bhios comataidhean ag obair, agus mar a nì a' Phàrlamaid laghan.

HTSPW_Gaidhlig_shimplidh_beag

Mar a tha Pàrlamaid na h-Alba ag obair (Gàidhlig Shimplidh)

Seo tionndadh den bhileig Mar a tha Pàrlamaid na h-Alba ag obair a tha sgrìobhte ann an Gàidhlig shimplidh gun seantansan fada. Tha i a' mìneachadh dè nì Pàrlamaid na h-Alba agus mar a tha i ag obair.

seomar_deasbaid_beag

Dè bhios a' tachairt san t-Seòmar Deasbaid?

Tha a' bhileag Dè bhios a' tachairt ann an Seòmar Deasbaid Pàrlamaid na h-Alba a' mìneachadh dè bhios a' tachairt anns an t-seòmar. Tha fiosrachadh ann cuideachd mu chruth an t-Seòmair.

comataidhean_beaga

Comataidhean Pàrlamaid na h-Alba - dè th' annta agus dè bhios iad a' dèanamh?

Tha an leabhran Comataidhean Pàrlamaid na h-Alba - dè a th' annta agus dè bhios iad a' dèanamh? a' mìneachadh nan dòighean-obrach aig comataidhean an obair aca: rannsachaidhean, a' sgrùdadh reachdas agus a' cumail Riaghaltas na h-Alba cunntachail.

An Aithisg Oifigeil

'S e an Aithisg Oifigeil an clàr oifigeil den a h-uile rud a thèid a ràdh aig coinneamhan poblach aig Pàrlamaid na h-Alba agus a comataidhaen. Tha a' bhileag seo a' mìneachadh dè th' anns an Aithisg Oifgeil agus a' mineachadh mar a thèid a dhèanamh.

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.