Crèche

Is e an crèche poblach aig Pàrlamaid na h-Alba an t-aon ghoireas de leithid anns an Roinn-Eòrpa agus tha e ga mheasadh le Buidheann Chorporra Pàrlamaid na h-Alba na phàirt cudromach de chruthachadh Pàrlamaid a tha fosgailte agus air am faighear cothrom.

Is e am prìomh adhbhar a tha aige marasgladh a thoirt do chlann daoine a’ tadhal air Pàrlamaid na h-Alba ann an Dùn Èideann. 

Mar Phàrlamaid a tha càirdeil do theaghlaichean, bidh sinn a’ cur fàilte air luchd-tadhail eadar òg is aosta.  Tha an crèche ann mar roghainn do luchd-tadhail a tha ag iarraidh gum faigh am pàiste aca cùram fhad is a tha iad fhèin:

  • A’ tadhal air an taisbeanadh againn, a’ sealltainn mun bhùth no a’ gabhail srùbaig anns an taigh-bhidhe againn
  • A’ dol air fear de na tursan-iùil  againn
  • A’ coinneachadh ri Ball no neach-obrach
  • An sàs ann an coinneamhan-gnìomhachais aig a’ Phàrlamaid
  • A’ sealltainn air gnothaichean na Pàrlamaid beò san t-Seòmar no ann an seòmraichean nan comataidhean
  • A’ frithealadh air fear de na tachartasan againn

Tha an crèche saor an-asgaidh don phoball agus tha e a’ toirt seachad cùraim do chloinn aig aois 6 seachdainean gu 5 bliadhna. Tha e fosgailte bho 8 uairean sa mhadainn gu 6 uairean feasgar agus faodar a chleachdadh fad suas ri 4 uairean a thìde gach turas. Faodaidh tu àite a chur an taobh ro làimh no dìreach nochdadh (a rèir na tha ann de dh’àiteachan). Thathar a’ gealltainn gum faigh thu clàr làitheil de chur-seachadan a tha nan togail-inntinn is nam fealla-dhà!

Tha an crèche ga ruithe airson na Pàrlamaid le Kirktonholme Ltd. Gus barrachd ionnsachadh mu na cumhachan-cleachdaidh againn, airson barrachd fiosrachaidh no gus àite a chur an taobh, cuir fios dhan chrèche air 0131 348 6192 no le post-dealain gu creche@scottish.parliament.uk

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.