Na ghabhas dèanamh

Parliament building at nightTha Pàrlamaid na h-Alba fosgailte do luchd-tadhail Diluain gu Disàthairne agus tha e an-asgaidh a bhith a’ tadhal air. Faodar tadhal air a’ bhùth, biadhlann agus taisbeanadh uair sam bith a bhios an togalach fosgailte.

Bidh an togalach duinte dhan phoball air a' madainn,  Diciadain 28 Lùnastal airson trèanadh luchd-obrach. Fosglaidh sinn a-rithist aig 13:00.

Tha bileagan fiosrachaidh is mapaichean ann gus do chuideachadh leis an turas. Thoir an aire gum faod uairean, fosglaidh, tursan-trèoraichte 7c atharrachadh mar thoradh air gnothaichean is tachartasan pàrlamaideach.

Gheibh thu a-mach barrachd mu obair na Pàrlamaid tro na tursan-trèoraichte againn, a tha saor is an-asgaidh. Ma tha thu airson gnothaichean na Pàrlamaid fhaicinn, faodaidh tu tiocaid air dòigh gus coinneamhan comataidh no deasbadan san t-Seòmar-deasbaid fhaicinn.

Nuair a tha a' Phàrlamaid na fosadh, cha bhi coinneamhan comataidh no coinneamhan den làn Phàrlamaid ann.

Cinn-latha fosaidh mar a chaidh aontachadh leis a' Phàrlamaid:

 

  • 29 Ògmhios – 1 Sultain 2013
  • 12 – 27 Dàmhair 2013
  • 21 Dùbhlachd 2013 – 5 Faoilleach 2014
  • 8 Gearran - 16 Gearran 2014
  • 5 Giblean - 20 Giblean 2014
  • 28 Ògmhios - 3 Lùnastal 2014
  • 23 Lùnastal - 21 Sultain 2014
  • 11 - 26 Dàmhair 2014
  • 20 Dùbhlachd 2014 - 4 Faoilleach 2015

(Tha na cinn-latha seo uile ion-ghabhalach) 

Dè an latha a bu mhath leibh tadhal?

Biodh fios agaibh gur e Pàrlamaid obrachaidh a tha annainn agus gum faodadh atharrachaidhean a bhith ann a thaobh na nì sibh a rèir dèn latha an tadhail sibh. Mura h-eil sibh cinnteach dè bu mhath leibh dèanamh, air neo gu bheil e san amharc agaibh tadhal air latha sònraichte, gheibh sibh a-mach shìos dè ghabhas dèanamh air gach latha.

 

Diluain is Dihaoine

Mar is trice cha bhi a' Phàrlamaid air chois Diluain no Dihaoine 's mar sin cha ghabh frithealadh air deasbad neo coinneamh comataidh air na làithean seo. Mas saor-latha  poblach Diluain no Dihaoine agus sibh a' tadhal, tha cùisean mar a bhios iad air Disathairne. Air Diluain is Dihaoine faodaidh sibh:

 

 

Uairean fosglaidh àbhaisteach Diluain is Dihaoine:

Giblean gu Sultainn10.00m gu 5.30f (cothrom deireannach 5.00f)
Damhair gu Màrt: 10.00m gu 4.00f (cothrom deireannach 3.30f)

 

Dimàirt, Diciadain agus Diardaoin:

Tha seo air chois agus a' Phàrlamaid ann. Cha bhi turasan treòraichte poblach a' dol agus a' Phàrlamaid ann. Dimàirt, Diciadain is Diardaoin faodaidh sibh:

 

  • Ticeadan iarraidh gus frithealadh air deasbad ann an Seòmar Deasbad na Pàrlamaid (Diciadain is Diardaoin)
  • Ticeadan iarraidh gus coinneamh comataidh a fhrithealadh (Dimàirt is Diciadain) 
  •  Tadhal air  a' bhùth
  •  Greim bìdh fhaighinn sa chafé
  •  Taisbeanadh na Pàrlamaid a rannsachadh agus tuilleadh ionnsachadh mu    mar a dh'obraicheas Pàrlamaid na h-Alba
  •  Faighinn a-steach gu Seòmar nan Deasbadan on Ghailearaidh Phoblach (feumar ticead saor 's an asgaidh agus a' Phàrlamaid ann; cha ruigear a leas gun a' Phàrlamaid ann) 
  •  Tlachd a ghabhail san obair-ealain air taispeanadh ann an ionadan poblach an togalaich 
  •  Feum a chur air a' chrèche saor 's an asgaidh

 

Uairean fosglaidh àbhaisteach Dimàirt, Diciadain is Diardaoin: 

9.00m gu 6.30f (cothrom deireannach 6.00pm) 

Airson Dimàirt gu Diardaoin agus a' Phàrlamaid na fosadh (faicibh na cinn-latha shuas), tha na gnìomhan a ghabhas dèanamh is na h-uairean fosglaidh mar a tha iad air Diluain is Dihaoine.

 

Disathairne agus Saor-làithean Poblach

 

Uairean fosglaidh àbhaisteach Disathairne
11.00m to 5.30f (cothrom deireannach 5.00f)

Dè tha thu ag iarraidh dèanamh?

Tha cothrom-inntrigidh don togalach a rèir feumalachdan gnothaichean na Pàrlamaid

Dh'fhaodte gun tèid uairean fosglaidh, tursan-treòraichte agus cothroman a dhol a-steach do phàirtean den togalach atharrachadh gun mòran rabhaidh mar thoradh air gnothaichean pàrlamaideach.

Fiosrachadh teàrainteachd

 

Police HatFeumaidh a h-uile neach-tadhail a dhol tro sgrìneadh teàrainteachd air an t-slighe a-steach don togalach. Dh'fhaodte gun cuir seo greis ris an turas agad, a' crochdadh air cia mheud neach-tadhail a bhios a' tadhal air an togalach.