Linda Fabiani agus Cairistìona Ghreumach air an taghadh mar Leas-Oifigearan Riaghlaidh

12.05.2016

Às dèidh do Choinneach Mac an Tòisich BPA a bhith air a thaghadh mar Oifigear Riaghlaidh airson Pàrlamaid na h-Alba, chaidh baileat dìomhair eile a chumail leis na Buill agus chaidh Linda Fabiani BPA (clì) agus Cairistìona Ghreumach BPA a thaghadh mar Leas-Oifigearan Riaghlaidh.

Thuirt an Leas-Oifigear Riaghlaidh Linda Fabiani BPA:

"Tha e na urram a bhith air mo thaghadh airson dreuchd a bhios an dà chuid inntinneach agus dùbhlanach. Tha mi a’ coimhead air adhart gu mòr ri bhith cuideachadh le obair na còigeamh Pàrlamaid agus tha mi a’ gealltainn gun obraich mi gu cruaidh còmhla ri Buill eile gus dèanamh cinnteach gun soirbhich leis an ath Phàrlamaid.”

Thuirt an Leas-Oifigear Riaghlaidh Cairistìona Ghreumach BPA:

"Tha mi toilichte gun d’ fhuair mi taic bho Bhuill eile gus an dreuchd seo a ghabhail os làimh. Tha e na urram dhomh gum faigh mu cothrom obair còmhla ri Coinneach is Linda san ath sheisean.”

Eachdraidhean-beatha

Linda Fabiani BPA

Tha Linda Fabiani na BPA airson Cille Bhrìghde an Ear, agus rugadh i air 14 Dùbhlachd 1956 ann an Glaschu, agus chaidh i gu Àrd-sgoil Hyndland. Nuair a dh’fhàg i an sgoil fhuair i diofar obraichean mar rùnaire mus tug i dreuchd a-mach ann an roinn nan comann taigheadais. Às dèidh dhi dioplòma ann an taigheadas a thoirt a-mach aig Oilthigh Ghlaschu, chaidh i na Manaidsear Leasachaidh aig Comann Taigheadais Bhòid agus an uair sin bha i na Stiùiriche air Comann Taigheadais Chille Bhrìghde an Ear.

Chaidh a taghadh do Phàrlamaid na h-Alba airson a’ chiad uair sa Chèitean 1999, agus bha i na BPA airson Meadhan na h-Alba gu 2011, an uair sin chaidh a taghadh mar BPA airson Cille Bhrìghde an Ear.

Tha i na Ball Caidreabhach de dh’Institiud Ùghdarraichte an Taigheadais agus na Ball Caidreabhach Urramach de Chomann-laghail Rìoghail Ailtirean na h-Alba. Ann an 2007 fhuair i an t-urram Cavaliere dell’Ordine della Stella della Solidarieta’ Italia (Ridire de dh’Òrdugh na Reul airson Dlùth-phàirteachas leis an Eadailt) bho Riaghaltas na h-Eadailt mar thoradh air an obair a rinn i gus ceanglaichean a bhrosnachadh eadar an Eadailt agus Alba.

Tha i air a bhith na ball de Bhuidheann Chorporra Pàrlamaid na h-Alba agus den Chomataidh Fèin-riaghlaidh.

Cairistìona Ghreumach BPA

Tha Cairistìona na BPA airson Lodainn Mheadhanach a Deas, Srath Thuaidh agus Srath Labhdair, agus rugadh i ann am Burton-on-Trent, Staffordshire air 9 Sultain 1944. Chaidh a togail ann an Dùn Èideann agus chaidh i gu Oilthigh Dhùn Èideann.

Às dèidh dhi ceumnachadh, thug i a-mach dreuchd mar thidsear mus do thill i gu Oilthigh Dhùn Èideann mar oileanach nas sine far an d’ fhuair i ceum ann an lagh. Dh’obraich i mar neach-lagha an uair sin.

Tha Cairistìona air a bhith na BPA bho 1999, mar BPA liosta airson Alba a Deas an-toiseach, agus bho 2011 tha i air a bhith na BPA airson na sgìre-pàrlamaid, airson Lodainn Mheadhanach a Deas, Srath Thuaidh agus Srath Labhdair.

Bha Cairistìona na Neach-gairm air Comataidh a’ Cheartais aig Pàrlamaid na h-Alba agus air Fo-Chomataidh a’ Cheartais air a’ Phoileas. Tha i sa chathair aig a’ bhuidheann thar-phartaidh airson Math nan Ainmhidhean.

Cùl-fhiosrachadh 

’S iad na taghaidhean airson Oifigear Riaghlaidh Pàrlamaid na h-Alba agus an dithis Leas-Oifigearan Riaghlaidh na h-aon bhaileatan dìomhair a thèid a chumail ann am Pàrlamaid na h-Alba.

Chaidh Tricia Marwick a thaghadh mar an ceathramh Oifigear Riaghlaidh airson Pàrlamaid na h-Alba sa Chèitean 2011 agus chaidh Elaine Nic a’ Ghobhainn agus Iain Scott a thaghadh mar Leas-Oifigearan Riaghlaidh.  

Sa Chèitean 2007, chaidh Ailig MacFhearghais a thaghadh mar an treas Oifigear Riaghlaidh airson Pàrlamaid na h-Alba agus chaidh Alasdair Morgan agus Trish Godman a thaghadh mar Leas-Oifigearan Riaghlaidh.

Chaidh Seòras Reid a thaghadh mar an dàrna Oifigear Riaghlaidh airson Pàrlamaid na h-Alba sa Chèitean 2003, agus chaidh Murray Tosh agus Trish Godman a thaghadh mar Leas-Oifigearan Riaghlaidh.

Chaidh Sir Dàibhidh Steel a thaghadh mar a’ chiad Oifigear Riaghlaidh airson Pàrlamaid na h-Alba sa Chèitean 1999, agus chaidh Patricia NicFhearghais agus Seòras Reid a thaghadh mar Leas-Oifigearan Riaghlaidh. Chaidh Murray Tosh an àite Patricia NicFhearghais mar Leas-Oifigear Riaghlaidh bhon t-Samhain 2001.

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.