Bu chòir do Riaghaltas na RA Alba a thoirt a-mach às a’ Bhile Aonaidhean-ciùird, a rèir Comataidh Thaigh an Ròid

18.01.2016

Bu chòir do Riaghaltas na RA Alba a thoirt a-mach às a’ Bhile Aonaidhean-ciùird gus nach tèid dàimhean gnìomhachais a mhilleadh ann an Alba, a rèir aithisg comataidh Thaigh an Ròid an-diugh.

Agus mura h-eil Riaghaltas na RA deònach am Bile aca atharrachadh, bu chòir do Riaghaltas na h-Alba a h-uile dòigh as urrainn dhaibh a chleachdadh gus atharrachaidhean a chur a-steach agus aontachadh ann an Taigh nam Morairean, gus a’ bhuil sin a thoirt a-mach.

Tha Comataidh Tiomnadh Cumhachd Thaigh an Ròid ag ràdh cuideachd mura soirbhich leis a’ phròiseas seo gum bu chòir, aig a’ char as lugha, cumhachdan a thaobh cruthachadh riaghlaidhean a thoirt do Mhinistearan na h-Alba a’ buntainn ri tìde dheth do luchd-obrach airson obair aonaidh-ciùird a dhèanamh (‘facility time’) agus pàigheadh cìs an aonaidh a-mach à pàigheadh an luchd-obrach (‘check-off’). Tha na cùisean seo a’ buntainn gu làidir ri seirbheisean poblach ann an Alba, leithid ùghdarrasan ionadail, Seirbheis na Slàinte agus Poileas na h-Alba, a tha uile tiomnaichte.

Thuirt Neach-gairm na Comataidh Tiomnadh Cumhachd (Cumhachdan a-Bharrachd) Bruce Crawford BPA:

“Tha mòran an aghaidh an reachdais seo ann an Alba, agus tha mòr-chuid mhòr den chomataidh an aghaidh phrionnsapalan coitcheann Bile Aonaidhean-ciùird Riaghaltas na RA.

“Tha sinn mothachail gu bheil Riaghaltas na RA airson am Bile seo a chur troimhe a dh’aindeoin dìth fianais cheart sam bith a chuireas taic ri am beachdan.  Chan eil e glè choltach, ma-thà, gun èist iad ris an iarrtas againn stad a chur anns a’ phròiseas reachdais ann am Pàrlamaid na RA, gus nach tèid am Bile a dhèanamh na lagh ann am pàirt sam bith den RA.

“Air an adhbhar sin, tha a’ Chomataidh a’ moladh gun toir Riaghaltas na RA Alba a-mach à raon-ùghdarrais a’ Bhile, tro atharrachaidhean ann an Taigh nam Morairean no aig an Ìre Aithisg. Às aonais nan atharrachadh seo, bidh cumhachd aig Jeremy Hunt air riaghlaidhean a chruthachadh a thaobh dhàimhean gnìomhachais ann an Seirbheis na Slàinte ann an Alba.”

Thuirt Mgr Crawford cuideachd:

“Tha sinn ag aontachadh ris na thuirt an Neach-labhairt Sgiobachd aig COSLA, an Comhairliche Tòraidheach Billy Hendry ann am fianais. Bhruidhinn e air a’ Bhile Aonaidhean-ciùird mar “nì gun fheum a tha air a sparradh oirnn gun chòir, a dh’fhaodadh barrachd an-fhois gnìomhachais adhbharachadh air feadh na h-Alba” agus, rud a tha na adhbhar iomagain, a dh’fhaodadh obair com-pàirteachais a mhilleadh anns an roinn phoblaich.”

Is e an ath cheum gum bi an làn Phàrlamaid a’ deasbad na h-aithisg mar chùis èiginn gus beachd Thaigh an Ròid a dhèanamh soilleir do Riaghaltas na RA mus crìochnaich am Bile a shlighe tro Phàrlamaid na RA.

Cùl-fhiosrachadh

1. Tha àireamhan a lìbhrig Riaghaltas na h-Alba a’ leigeil fhaicinn gu bheil, bhon Chèitean 2007, co-strì gnìomhachais air lùghdachadh 84 sa cheud agus gur e an suidheachadh Albannach a thaobh call làithean air sgàth co-strì gnìomhachais an suidheachadh as fheàrr ann an nàiseanan na RA gu lèir. Tha a’ Chomataidh a’ creidsinn ma thèid am Bile Aonaidhean-ciùird a chur an gnìomh gum faodadh e cron a dhèanamh air dàimhean gnìomhachais ann an Alba agus, mar a sheallas na h-àireamhan seo, nach eil feum air Bile den leithid ann an Alba.

2. Tha a’ Chomataidh a’ toirt fa-near co-dhùnaidhean na Comataidh Poileasaidh Riaghlaidh aig Riaghaltas na RA fhèin nach robh am Measadh Buaidh a rinn an Roinn Gnothaich, Innleachd agus Sgilean air a’ Bhile “idir math gu leòr” agus nach eil fianais gu leòr ann airson tuairmeas Riaghaltas an RA de lùghdachadh 65 sa cheud ann an stad obrach. Anns an fharsaingeachd, thuirt a’ Chomataidh Poileasaidh Riaghlaidh a thaobh a’ Mheasadh Buaidh a rinn an Riaghaltas “gu bheil  fianais a dhìth airson mòran de na h-àireamhan air an tugadh luaidh”.

3. Tha a’ Chomataidh a’ toirt fa-near beachd Riaghaltas na RA “nach eil feum air gluasadan cead reachdais sam bith airson nach eil gnothach a’ Bhile tiomnaichte gu Seanadh na Cuimrigh no Pàrlamaid na h-Alba”.

4. Ge bith am buin cead reachdais don Bhile seo no nach buin, tha e na bhriseadh-dùil mòr don Chomataidh cho beag co-chomhairle a rinn Riaghaltas na RA air buaidh a’ Bhile le luchd-fastaidh mòra san roinn phoblaich an Alba agus le buidhnean eile san fharsaingeachd. A-mach às an 544,700 neach ag obair san roinn phoblaich ann an Alba (21 sa cheud den luchd-obrach Albannach gu lèir), tha 89.5 sa cheud air am fastadh san roinn phoblaich thiomnaichte, le Riaghaltas na h-Alba a’ fastadh 17,100 luchd-obrach ionnan ri làn-ùine (suas gu an treas Cairteal 2015).  Mar sin, bha còir aig Riaghaltas na RA èisteachd a thoirt do am beachdan, mar luchd-fastadh mòra le dleastanas airson dàimhean gnìomhachais.

5. Chaidh Ailig Johnstone BPA an aghaidh co-dhùnaidhean is molaidhean na Comataidh.

6. Tha dùil gun dèan làn Phàrlamaid na h-Alba deasbad air aithisg na Comataidh ro dheireadh an Fhaoillich 2016.

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.