Pàrlamaid na h-Alba a' gabhail pàirt ann an Seachdain na h-Alba 2015

09.04.2015

Bidh Oifigear Riaghlaidh Pàrlamaid na h-Alba, Am Ball Urramach Tricia Marwick, aig ceann buidheann-riochdachaidh de BhPAan 's iad an sàs ann an sreath ghnothaichean ri linn Seachdain na h-Alba 2015 bho an-diugh air adhart.

Coinnichidh a’ bhuidheann ri àrd-riochdairean taghte agus prìomh bhuidhnean agus gabhaidh iad pàirt ann an tachartasan anns na cathair-bhailtean mòra a thug buaidh nach bu bheag sna Stàitean Aonaichte, Nua-Eabhrac (New York) agus Chicago.

 

Bidh an t-Oifigear Riaghlaidh mar Àrd-Mharasgal Onoireach air Mòr-chaismeachd an 17mh Latha a' Bhreacain air 6mh Avenue ann an Nua-Eabhrac, cuide ri Àrd-Mharasgal na Caismeachd, Greum MacTamhais on t-sreath teilibhisein chliùiteach Outlander.

 

Cuideachd, bidh i a’ toirt seachad prìomh-òraidean aig an dà chuid Oilthigh Nua-Eabhrac agus Oilthigh Chicago, a’ meòrachadh air mar a tha traidisean aig muinntir na h-Alba a bhith an sàs ann an deamocratasaidh na h-Alba agus na dùbhlannan a thàinig am bàrr ri linn Reifreann Neo-eiseimileachd na h-Alba an-uiridh.

 

Thuirt an t-Oifigear Riaghlaidh:

 

Is iomadh ceangal a tha eadar Alba is Na Stàitean Aonaichte: cultar is dualchas, eaconamaidh is eachdraidh. Tha Seachdain na h-Alba mar chomharra air na dlùth-bhannan seo agus tha mise glè thoilichte a bhith os cionn buidheann-riochdachaidh Albannach a tha a’ dol gu Nua-Eabhrac is gu Chicago.”

 

Cuide rithe bidh a co-BhPAan, Màiri Nic a' Phì, Cairistiona NicShealbhaich is Màiri Ní Sgannláin (Scanlon), a tha a’ gabhail os làimh gnothaichean fa leth a tha mar phàirt cudromach don obair a tha iad ris an ceartuair ann an comataidhean pàrlamaideach Thaigh an Ròid.

 

Nì a’ bhuidheann gu lèir na leanas:

 

               Coinneamh cuide ri Boireannaich nan Dùthchanann Aonaichte (UN Women)

               Diofar thachartasan a thaobh Latha a' Bhreacain ann an Nua-Eabhrac

               Coinneamh cuide ri Mèar Chicago, Rahm Emanuel agus Comhairle Chicago  

 

Am measg rudan eile a ghabhas an t-Oifigear Riaghlaidh os làimh tha:  

 

               Turas is gnothaichean eile aig Oilthigh Nua-eabhrac

               Coinneamh cuide ri riochdairean Albannaich Chicago

               Coinneamh cuide ri Bòrd-deasachaidh a’ Chicago Tribune

               Turas is gnothaichean eile aig Oilthigh Chicago

 

Am measg nan coinneamhan a ghabhas Mary Fee BPA (a tha mar bhall air Comataidh Bunstructair is Cur-an-Seilbh Calpa) os làimh tha:

 

 

               Ùghdarras Còmhdhail a’ Phrìomh-bhaile (Nua-Eabhrac)

               Roinn Còmhdhail Cathair Nua-Eabhrac

               Ùghdarras Transit Chicago

      Coinneamh mu bhunstructair didsiteach agus am bann leathan cuide ri  Comhairle Cathair Chicago

 

Am measg nan coinneamhan a ghabhas Màiri Nic a' Phì BPA (a tha mar bhall air Comataidh an Fhoghlaim is Cultair) os làimh tha: 

 

      Ceann-suidhe Comataidh Comhairle Chicago a thaobh Foghlaim is Phàistean

      Oifis Stàite Nua-Eabhrac a thaobh Slàinte Inntinn

      Ceann-suidhe Comataidh a thaobh Slàinte is Dìon na h-Àrainneachd, Comhairle Chicago  

      Ruigsinneachd Foghlaim cuide ri Comhairle Chicago 

 

Am measg nan coinneamhan a ghabhas Cairistìona NicShealbhaich BPA (a tha mar Neach-gairm Comataidh Caidreamh nan Gnothaichean Eòrpach is Taobh-a-Muigh) os làimh tha:  

 

·         Leas-Cheannard Buidheann-riochdachaidh Chatalunya sna SA

·         Leas-Riochdaire Riaghaltas Fhlandrais sna SA

·         Comhairle Chicago a thaobh Gnothaichean Dhùthchannan Cèine

·         Buidheann Nàiseanta Leasachaidh Alba-Chicago

·         Iar-Cheann-Suidhe Dol-an-Sàs na Cruinne (Globan Engagement) aig Oilthigh Chicago

 

Cùl-sgeul

 

Bho 1998, tha Latha a' Bhreacain air a bhith aithnichte aig Taigh Riochdairean nan SA mar chomharra oifigeil air na chuir muinntir Alba-Aimeireagaidh ri dualchas is beatha nan SA. Thar nan 10 bliadhna a chaidh seachad, tha na chuirear an gnìomh de thachartasan Albannach airson Latha a' Bhreacain air fàs gu bhith mar chlàr a mhaireas seachdain agus a chuireas air adhart gnothaichean na h-Alba ann an Aimeireagaidh-a-Tuath ‘s e nis air ainmeachadh mar Sheachdain na h-Alba.

 

‘S e a tha ann an Seachdain Alba ach clàr fad seachdain de thachartasan ann an Aimeireagaidh, rud a tha ag amas air a h-uile rud Albannach a chur air adhart. Cumaidh caogad millean duine thar an t-saoghail a-mach gur Albannaich iad – a’ chuid is motha dhiubh ann an Aimeireagaidh is an Canada.

Fios Conaltraidh

Fios do na meadhanan

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • [email protected]
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.