A’ sireadh bheachdan luchd-cùraim air reachdas

27.03.2015

Thathar a’ sireadh bheachdan an-diugh bho luchd-cùraim air reachdas a tha ag amas air piseach a thoirt air an taic a gheibh iad agus na còraichean aca a stèidheachadh fon lagh.

Tha a’ Chomataidh Slàinte is Spòrs air beachdan iarraidh agus i a’ tòiseachadh a’ sgrùdadh Bile an Luchd-chùraim (Alba). Tha a’ Chomataidh gu mòr airson cluinntinn bho luchd-cùraim òga agus inbhich a tha nan luchd-cùraim feuch a bheil iad a’ faireachdainn gum faigh iad barrachd taice na tha iad a’ faighinn an-dràsta ri linn an reachdais a thathar a’ moladh. 

Ma dh’aontaicheas a’ Phàrlamaid ris a’ Bhile, bhiodh ‘planaichean taice airson Inbhich a tha nan Luchd-cùraim’ a’ dol an àite measaidhean luchd-cùraim agus bhiodh a’ chòir aig luchd-cùraim òga air ‘Aithris Neach-cùraim Òig’. 

Bhiodh dleastanas air ùghdarrasan ionadail seirbheisean fiosrachaidh is taice a stèidheachadh agus a ruith do luchd-cùraim agus taic a thoirt do luchd-cùraim a choileanadh na slatan-tomhais airson taic. 

Bhiodh aig ùghdarrasan ionadail ri beachdachadh air am bu chòir taic a thoirt seachad le bhith toirt cothrom do luchd-cùraim beagan ùine a ghabhail dheth, agus bhiodh aca ri ealla a ghabhail ri beachdan an neach-chùraim nuair a bha iad a’ measadh feumalachdan an neach a bha a’ faighinn cùram. 

Thuirt Neach-gairm na Comataidh, Donnchadh MacNèill BPA: 

“Tha figearan bho chionn ghoirid air sealltainn gu bheil 17% de shluagh na h-Alba nan luchd-cùraim agus thuirt mu aon trian dhiubh gun robh an obair chùraim aca a’ toirt droch bhuaidh air an cuid slàinte. 

“Tha na mìltean de luchd-cùraim òga agus nas sine air feadh na dùthcha airidh air taic cheart. Tha e mar dhleastanas air a’ Chomataidh seo obrachadh a-mach a bheil an reachdas seo a’ toirt sin dhaibh. 

“Seach gu bheil am bile seo ag amas air còraichean luchd-cùraim òga agus inbhich a tha nan luchd-cùraim adhartachadh, tha e cudromach dhuinne mar Chomataidh gun cluinn sinn bho luchd-cùraim bho air feadh Alba feuch a bheil iad a’ smaoineachadh gun dèan am bile seo diofar dha-rìribh dhaibh. 

“Tha a’ Chomataidh seo a’ brosnachadh luchd-cùraim gu bhith cur fios thugainn agus na beachdan aca a thoirt dhuinn.” 

Thuirt Leas-neach-gairm na Comataidh, Bob Doris BPA:  

“Ma thèid an reachdas seo aontachadh, bidh e airson a’ chiad uair a’ stèidheachadh còraichean luchd-cùraim fon lagh. 

“Fàgaidh e uallach air ùghdarrasan ionadail gus còraichean luchd-cùraim a chur teis-meadhan nan seirbheisean taice a bhios iad a’ toirt do luchd-cùraim òga is inbhich a tha nan luchd-cùraim. 

“Tha luchd-cùraim a’ dèanamh obair ro luachmhor, chan e a-mhàin leis an obair a nì iad bho latha gu lath, ach cuideachd leis an dòigh sa bheil iad a’ cur ris an eaconamaidh, puing a bhios daoine a’ dìochuimhneachadh gu tric.” 

Cùl-fhiosrachadh 

Tha mu 745,000 daoine ann an Alba a tha nan luchd-cùraim agus mu 44,000 luchd-cùraim òga. 

Ann a bhith sireadh bheachdan, bidh a’ Chomataidh a’ faighneachd nan ceistean a leanas: 

·         A bheil thu a’ toirt taic don Bhile? 

·         Dè na buannachdan nad bheachd-sa a thigeadh à cumhachan a’ Bhile? 

·         Dè na dòighean nad bheachd-sa a ghabhadh am Bile atharrachadh no a neartachadh? 

·         A bheil dad ann a chuireadh tu ris a’ Bhile? 

·         A bheil dad ann a thoireadh tu air falbh bhon Bhile? 

’S e 22 Giblean an ceann-latha airson fianais a thoirt don Chomataidh

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.