Ceum nas fhaisge air ceadachadh airson gunnaichean-adhair an Alba

23.03.2015

Thathar air ceum eile a ghabhail an-diugh (23 Màrt) gu ruige ceadachadh ghunnaichean-adhair às dèidh do Chomataidh Riaghaltas Ionadail is Ath-bheothachadh aithisg ìre a h-aon fhoillseachadh air Bile Gunnaichean-adhair is Ceadachadh (Alba).

Tha a’ Chomataidh a’ toirt a taic do cheadachadh gunnaichean-adhair, ach tha i cuideachd ag iarraidh gun neartaich Riaghaltas na h-Alba an sgeama le bhith a’ cur comharraidhean-aithneachaidh fa leth orra a nì ceangal eadar gunna-adhair agus an neach leis a bheil e. Chuidicheadh sin am poileas le aghaidh a thoirt air mì-ghnàthachadh eucoireach (criminal misuse) ghunnaichean-adhair.

A bharrachd air gunnaichean-adhair, bheachdaich a’ Chomataidh cuideachd air atharrachaidhean do cheadachadh deoch-làidir, tagsaidhean is càraichean prìobhaideach air mhàl, luchd-malairt seann mheatailt, oirfideas poblach, agus ionadan oirfideas feise (sexual entertainment venues).

Nuair a bha a’ Chomataidh a’ beachdachadh air a’ Bhile, chuala i gun robh teicneòlas ùr agus modhan-gnothaich ùra mar ‘Dial-a-booze’, ‘pedi-cabs’ agus ‘apps’ gus tagsaidhean a chur air dòigh a’ fàs nas cumanta. Tha a’ Chomataidh ag aithneachadh gu bheil feum ann airson rèim cheadachaidh iomchaidh gus dèiligeadh ri teicneòlas a tha ag atharrachadh agus modhan-gnothaich ùra, agus chaidh iarraidh san aithisg gum bi sgrùdadh nas fharsainge air a chumail air ceadachadh an Alba.

Tha am Bile cuideachd a’ toirt a-steach rèim cheadachaidh airson ionadan oirfideas feise. Tha a’ Chomataidh a’ moladh gun tèid cur às do shaoradh a thathar a’ moladh, a’ leigeil le ionadan oirfideasan a chumail  chan ann ach ceithir tursan sa bhliadhna gun cheadachas ionaid, oir bhiodh sin a’ ciallachadh gum faodadh luchd-eagrachaidh slighe fhaighinn seachad air na riaghailtean le gluasad nan tachartas bho ionad gu ionad. Tha a’ Chomataidh den bheachd gun toirear barrachd dìon a thaobh sàbhailteachd an luchd-oirfideis tro riaghladh nan ionad.

Thuirt Neach-gairm na Comataidh, Caomhain Stiùbhart BPA: 

“Chan eil teagamh ann nach eil gunnaichean-adhair cunnartach. Chaidh losgadh air neach-obrach rèile agus neach-smàlaidh o chionn ghoirid agus iad a’ dèanamh na h-obrach aca agus bidh rudan mar sin a’ tachairt fada ro thric. Air an adhbhar sin tha sinn a’ cur fàilte air planaichean gus rèim  ceadachadh airson ghunnaichean-adhair a thoirt a-steach. ’S e obair chudromach tìmeil a th’ann. Feumar dèiligeadh ri mì-ghnàthachadh gunnaichean agus tha am Bile seo na cheum nas fhaisge a dh’ ionnsaigh an amais seo.

“Às dèidh dhuinn beachdachadh air seo, is lèir dhuinn gum bu chòir sùil às ùr a thoirt air an rèim ceadachaidh a th’ann an-dràsta, gu h-àraidh Achd  Riaghaltas Catharra (Alba), gus dèanamh cinnteach gu bheil iad a’ dèiligeadh ris an dùbhlain a tha romhainn an Alba an là-an-diugh.”  


Am measg nam moladh anns an aithisg tha:

Gunnaichean-adhair

  • Bu chòir don Riaghaltas iomairt fiosrachaidh a chur air dòigh gus fiosrachadh soilleir is iomlan a thoirt don phoball feuch am biodh ceadachadh ann airson a h-uile gunna-adhair no gum faigheadh daoine cuidhteas de na gunnaichean aca ann an dòigh laghail.
  • Bu chòir beagan saorsa a bhith aig Poileas Alba a thaobh mar a thèid siostam teisteanasan nan gunnaichean-adhair a chur an sàs feuch an urrainn dhaibh dèiligeadh ri amannan nuair a     tha tòrr dhaoine a’ cur a-steach airson teisteanasan agus ri amannan nuair nach eil uiread a’ cur a-steach.
  • Bu chòir do Riaghaltas na h-Alba dèanamh cinnteach nach cuir Pàirt 1 den Bhile casg air gnothachasan an Alba bho bhith a’ reic ghunnaichean-adhair do dhaoine a tha fuireach ann an dùthchannan eile san RA.

Ceadachadh Deoch-làidir

  • Bu chòir do cheadachasan cluba agus corra-cheadachasan a bhith gan gabhail a-steach nuair a bhios Bùird Cheadachaidh a’ beachdachadh air aithrisean os-solarachaidh (overprovision statements).
  • Ri linn mar a tha an t-uabhas fianais ann air a’ chron a nì e air daoine ma ghabhas iad cus deoch-làidir agus mar a dh’fhaodas daoine a tha air cus deoch-làidir a ghabhail mì-rian adhbharachadh, bu chòir amas a bharrachd a thaobh ceadachd a bhith ann an Achd 2005 gus lùghdachadh a dhèanamh air na tha daoine ag òl.

Tagsaidhean is Càraichean Prìobhaideach air Mhàl

  • Bu chòir do Riaghaltas na h-Alba beachdachadh air làn-sgrùdadh a dhèanamh air gach taobh de cheadachadh airson tagsaidhean is càraichean prìobhaideach air mhàl agus tilleadh an uair sin le aithisg don Chomataidh seo mus tig teirm na Pàrlamaid seo gu ceann.
  • ’S e am prìomh adhbhar a tha ceadachadh ann airson tagsaidhean is càraichean prìobhaideach air mhàl gus dèanamh cinnteach gum bi am poball sàbhailte, mar sin ma dh’atharraicheas cùisean sa mhargadh seo, mar eisimpleir ri linn teicneòlas ùr, bu chòir dèanamh cinnteach nach bi na h-atharrachaidhean sin a’ leigeil le daoine obair gun cheadachas.
  • Bu chòir don aon deuchainn eòlais a bhith aig dràibhearan tagsaidh agus dràibhearan chàraichean prìobhaideach air mhàl.

Luchd-malairt Meatailt

  • A’ cur fàilte air moladh gus casg a chur air pàigheadh le airgead-làimhe agus airson soillearachadh air dòighean-pàighidh.
  • Bu chòir do Riaghaltas na h-Alba soillearachadh a dhèanamh air na seòrsachan ID airson clàran digiteach.
  • Bu chòir beachdachadh air na roghainnean a th’ ann gus clàr nàiseanta de luchd-malairt meatailt an Alba a stèidheachadh.
  • Bu chòir do dh’ìre nan càintean a chur an àirde gus cur an cèill na buaidhe nach beag a dh’fhaodadh a bhith ann nan rachadh meatailt a ghoid.

Ionadan Oirfideas Feise

  • Bu chòir gun cuirear às don t-saoradh far nach fheumadh rèim cheadachaidh a bhith aig ionad mura cumar barrachd air ceithir tachartasan sa bhliadhna.
  • Bu chòir do rèim cheadachaidh airson ionadan a tha cur air dòigh oirfideas feise a bhith riatanach.
  • Bu chòir do gach eileamaid (a’ gabhail a-steach sanasachd is deoch-làidir) a bhuineas ri ceadachadh airson ionadan a tha cur oirfideas feise (sexual entertainment) air dòigh a bhith fo smachd aon bhuidhne.

 

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.