Buaidh Ath-leasachadh Shochairean air Pàistean ’s air Teaghlaichean air a toirt am follais

02.03.2015

S iad pàrantan is daoine ciorramach a dh’fhulaingeas as cruaidhe tro phrògram Riaghaltas na RA a thaobh ath-leasachadh shochairean, a rèir rannsachadh ùr a chaidh a choimiseanadh le Comataidh Ath-leasachadh Shochairean aig Pàrlamaid na h-Alba.

Tha an aithisg, a chaidh fhoillseachadh an-diugh, a’ cur an cèill a’ chiad uair a chaidh buaidh clàr-gnothaich Riaghaltas na RA a thaobh ath-leasachadh shochairean air diofar sheòrsaichean de theaghlaichean ann an Alba a thomhas.

Rinneadh an rannsachadh air sgàth na Comataidh leis na h-Ollamhan Christina Beatty agus Steve Fothergill o Ionad Rannsachadh Sòisealta, Eaconamach is Sgìreil Oilthigh Hallam.

Tha an fhianais ùr a’ sealltainn gu bheilear a’ meas, ann an Alba, gun caill lànain phòsta aig a bheil pàistean a tha an eisimeil riutha cuibheasachd de chòrr is £1,400 sa bhliadhna, agus gur dòcha gun caill pàrantan singilte le clann a tha an eisimeil riutha cuibheasachd de mu £1,800 sa bhliadhna bhon teachd-a-steach aca.

Gu h-iomlan, caillidh teaghlaichean le pàistean cuibheasachd de £960m sa bhliadhna – figear a tha faisg air dà thrian den chall airgid ann an Alba.

Thathar a’ sealltainn cuideachd gu bheil iadsan a nì tagradh s a tha ciorramach agus aig a bheil duilgheadasan slàinte air fulaing tro bhuaidh neo-mheasarra. Thathar a’ meas gun deach sochairean dhaibhsan a tha neo-chomasach a lùghdachadh le timcheall air £2,000 sa bhliadhna, le cuid de na h-aon daoine a’ fulaing call ro-mhòr a thaobh Cuibhreann-Ciorraim agus sochairean eile a chaidh a lùghdachadh.

Thuirt Neach-gairm na Comataidh, Mìcheal MacMhathain BPA:

“Tha a’ Chomataidh Ath-leasachadh Shochairean air barrachd is barrachd de dh’fhianais a chruinneachadh a chuireas an cèill buaidh clàr-gnothaich nan leasachaidhean seo air coimhearsnachdan na h-Alba. Tha an fhianais as ùire seo a’ sealltainn gur ann air an fheadhainn as fheumaile air taic is cuideachadh, s e sin pàrantan is daoine ciorramach, as cruaidhe buaidh nan ath-leasachaidhean seo. Ann an Alba na 21mh linn cha ghabhar ri seo.”

Tha an aithisg cuideachd a’ sealltainn gu bheilear an dùil gur ann air teaghlaichean a tha ag obair a dh’fhaodadh an dàrna leth den lùghdachadh ann an sochairean tuiteam.

Thuirt Leas-neach-gairm na Comataidh, Clare Adamson BPA:

“Tha Riaghaltas na h-Alba ri mholadh air sgàth s gun tug iad a-steach ceuman gus cuid de na buaidhean a bu mhiosa de chlàr-gnothaich ath-leasachadh shochairean a lùghdachadh. Tha cumhachdan ùra thar raon de shochairean rin toirt do Thaigh an Ròid sna bliadhnaichean ri teachd agus bidh an rannsachadh seo mar chuideachadh ann a bhith a’ treòrachadh nan cumhachdan ùra sin a dh’ionnsaigh iadsan as fheumaile air taic.”

Gu ruige seo, cha robh dòigh ann air buaidh nan sochairean diofraichte air diofar sheòrsaichean de theaghlaichean a thomhas. O chionn s gu bheil a h-uile buaidh air daoine maraon ri linn diofar sheòrsaichean shochairean, tha buaidh iomlan nan ath-leasachaidhean air fuireach falaichte.

Thathar an dùil gum bi na staitisgean mar innleachd fìor-riatanach do dh’ùghdarrasan ionadaile agus do dh’ùghdarrasan riaghaltais ann a bhith a’ toirt cumadh air freagairtean cuimseach agus lìbhrigeadh sheirbheisean.

Tha an rannsachadh a’ tighinn an dèidh dhà aithris a chaidh roimhe, aithrisean a thomhais buaidh ionmhasail leasachadh shochairean ann an Alba san fharsaingeachd agus a rèir gach sgìre ùghdarrais ionadail, cho math ris a’ bhuaidh aig ìre uàird (ward).

Thathar an dùil gun èist a’ Chomataidh ri fianais a thaobh na h-aithris seo aig a’ choinneamh aca air 10 Màrt.

Thuirt an t-Oll. Steve Fothergill o Ionad Rannsachadh Sòisealta, Eaconamach is Sgìreil Oilthigh Hallam:

“Tha na figearan a’ sealltainn gu bheil buaidh nan ath-leasachaidhean a thaobh shochairean glè neo-chothromach. Cha tugadh an aire don bhuaidh mhòr air teaghlaichean le pàistean, gu sònraichte, ri linn s gur e a bh’ ann ach buaidh maraon caochladh ath-leasachaidhean. Tha ministearan a’ cho-riaghaltais air cumail a-mach gu bheil “sinn uile còmhla sa chùis”. Ach tha buaidhean ath-leasachadh shochairean, mar a nochdas iad nar n-aithris, a’ sealltainn nach eil seo fìor idir.”

Cùl-fhiosrachadh

Thug a’ Chomataidh Ath-leasachadh Shochairean aithisgean seachad roimhe seo air:  

·     Buaidh Ath-leasachadh Shochairean air Alba

·     Buaidh Ionadail Ath-leasachadh Shochairean

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.