Ceòl, àbhachdas agus bàrdachd ann am Bàr Cafaidh aig an Fhèis Phoilitigs

08.08.2014

Tha Pàrlamaid na h-Alba air an clàr aice de dh’oirfideas an-asgaidh aig Bàr Cafaidh na Fèise aice a nochdadh an-diugh. Agus e a’ ruith aig an aon àm ri seisean Fèis Phoilitigs, bheir am Bàr Cafaidh cothrom air measgachadh dha-rìribh de cheòl, de dh’àbhachdas agus de bhàrdachd.

Agus mar as trice na ionad do na Buill agus na h-aoighean aca, thèid Lobaidh a’ Ghàrraidh aig Pàrlamaid na h-Alba atharrachadh a-rithist na ionad beothail far am faod daoine fois agus tlachd a ghabhail ann an cur-seachadan na Fèise. A bharrachd air a’ chothrom deoch no biadh a ghabhail, faodaidh luchd-tadhail cumail orra no dol an sàs ann an deasbadan ag èirigh à seisean Fèis Phoilitigs air an robh iad a’ frithealadh. Faodaidh luchd-tadhail sùil a thoirt cuideachd air taisbeanadh de chartùnaichean poilitigeach le Frank Boyle aig Evening News ann an Dùn Èideann.  

Dihaoine 15 Lùnastal  

An dèidh nan trì seiseanan aig Fèis Phoilitigs, faodaidh luchd-tadhail oidhche an fhosglaidh a chur seachad agus aonan de na còmhlain-dannsa as motha fèill ann an Alba, That Swing Sensation, a’ gabhail measgachadh anns am bi jazz, ceòl cliùiteach bho linn nan còmhlan-dannsa mòra agus roc-is-roilig bho na 1930an a-nall (18.00 gu 20.00).  

Disathairne 16 Lùnastal  

12.30 – The Dandylions 

Tha The Dandylions na chòmhlan ri ceòl roots gun innealan-ciùil dealanach, a thàinig còmhla ann an 2009, agus air a bheil fèill am measg luchd-leanmhainn a’ chiùil gun innealan dealanach ann an Alba. Le dithis sgrìobhadairean-òran, David Hershaw is Kellie Buchanan, agus am fìdhlear ainmeil Sandie Forbes, tha ceòl nan Dandylions làn tionnsgalachd agus suaicheantachd.

14.00 – NEWSBOY

Ri linn Ìsleachadh Mòr nan 1930an, bha am pàipear-naidheachd beò na dhealbh-cluiche mar fhreagairt le daoine air an t-saoghal mun cuairt orra. Tha NEWSBOY na phàipear-naidheachd beò aig a bheil e mar amas àite a chruthachadh gus ar cuid bheachd agus fhaireachdainnean mun t-saoghal sam beò sinn an-diugh a sgrùdadh. Agus e air a chruthachadh agus a riochdachadh le Matthew Knights is Rosanna Hall le sgrìobagan eile, thèid NEWSBOY a leughadh mar sgriobt anns an làimh le buidheann de chleasaichean dreuchdail.

15.00 – The Banjo Lounge 4

Tha The Banjo Lounge 4 na chòmhlan stèidhichte ann an Dùn Èideann, ri ceòl gun innealan dealanach anns an dèanar measgachadh de cheòl bhon àm a dh’fhalbh agus òrain iomraiteach ann an dòigh a tha tionnsgalach agus làn mac-meanmna, le fuinn bho Daft Punk, The Prodigy, Dizzy Rascal, New Order, Duran Duran and The Beastie Boys agus an leithid.

16.30 – GrownUps Djs

Agus e air a chruthachadh air mullach beinne fad’ às anns an Dùbhlachd 2011, tha GrownUps a’ toirt còmhla cliù mu cheòl neo-eisimeileach C86 agus eòlas DJ ann an aon chnap binn de cheòl. Bheir na DJs Kinghorror agus The Spotlight Kid na leabhrain dhubha leotha, roghainnean sònraichte de cheòl agus na ceudan de chlàran gus measgachadh annasach de cheòl den chiad ìre bho na sia deicheadan a chaidh seachad a chruthachadh. Gheibh sibh coimeasgachadh dha-rìribh de cheòl iomraiteach hip hop, indie, soul, R'n'B, disco, garage, ska, new wave, electro, agus alt, agus iad uile a’ bualadh air cuspair poilitigeach.

17.45 – Castle Rocks breakdancers

Le spionnadh mòr agus aodach tarraingeach, cluichidh na balaich, le car-a’-mhuiltein agus iomadh carachadh eile, ri ceòl trom breakbeat.

18.15 – Grown Ups Djs

19.30 – Susan Morrison

Bruidhnidh Susan gu h-ealamh is gu h-ealanta air caochladh chuspairean agus i mar bhean-an-taighe air an taisbeanadh seo de bheachdan cunnartach. Còmhla rithe bidh an t-Àrd-ollamh Graham Turner, Dr. Oliver Escobar, Eleanor Morton, an luchd-àbhachdais Vladimir McTavish (Paul Sneddon) is Keir MacAllister, agus Erich McElroy.

Didòmhnaich 17 Lùnastal

11.30 – Robyn Stapleton

Bidh Robyn Stapleton, a bhuannaich Ceòladair Òg Traidiseanta aig BBC Radio Alba am-bliadhna, a’ cluich is a’ ceòl anns an dòigh aice fhèin de cheòl traidiseanta bhon dùthchas Albannach agus Èireannach aice.

13.30 – Blueflint

Cluichidh an còmhlan-còigneir cliùiteach Blueflint, a chùm taic ris The Proclaimers air cuairt na Rìoghachd Aonaichte aca ann an 2012, banjo, fidheall, beus dùbailte agus na drumaichean le siansadh aoibhinn.

15.00 - Robot Doctors 

Cluichidh còmhlan-còigneir nan Robot Doctors taghadh beothail de dh’òrain ghasta, a bhios a’ dol na timcheall na do cheann fad làithean an dèidh làimhe. Chaidh òrain leis a’ chòmhlan seo a tha stèidhichte ann an Dùn Dè a thaghadh le luchd-gleidhidh Lìg Mòr Shasainn Manchester City FC mar cheòl ri làrach-lìn a’ chomainn.

16.30 – Gramophone Jass

A’ cur riochd an latha an-diugh air ceòl mòr linn nam praban (speakeasy), bheir an Gramophone Jass Band oirfideas seachad. Ri Linn Fèis an Iomaill ann an Dùn Èideann ann an 2013, chùm iad praban air nòs deireadh nan 1920an iad fhèin agus chluich iad airson a’ BhBC, NoFitState Circus agus Comhairle Ealain Bhreatainn. 

18.30 – Rally & Broad

Tha Rally & Broad na chabaret liriceach a chaidh a stèidheachadh ann an Dùn Èideann san Dàmhair 2012 agus ann an Glaschu san Fhaoilleach 2014. Còmhla ris na bàird agus luchd-cluiche Jenny Lindsay agus Rachel McCrum ann an deasbad poilitigeach bidh Bàrd Beurla Ghallda agus Liz Lochhead & Kieran Hurley a’ sealltainn air an àm a dh’fhalbh, Harry Giles & Alan Bissett air an àm san làthair agus an Reifreann agus Rachel Amey & Tracey S Rosenberg air an àm ri teachd.

Cùl-fhiosrachadh

Thèid Bàr Cafaidh na Fèise a chumail aig an aon àm ri Fèis Phoilitigs, a bhios a’ dol air adhart aig Pàrlamaid na h-Alba bho Dhihaoine 15 Lùnastal gu Didòmhnaich 17 Lùnastal. Agus i air a bhith ann fad deich bliadhna a-nis, seallaidh Fèis Phoilitigs air buaidh nan ceistean mòra anns an deasbad air neo-eisimeileach na h-Alba. Tha an clàr iomlan ri fhaotainn aig www.festivalofpolitics.org.uk / @FoP2014.  

Fios Conaltraidh

Fios do na meadhanan

 

 

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube