Cuiribh Fuaigheal ri Pannal an t-Sluaigh agus Grèis-bhrat Mòr na h-Alba na h-Alba a’ tilleadh do Thaigh an Ròid

01.07.2014

Agus 15 bliadhna o chaidh a’ Phàrlamaid fhosgladh gu h-oifigeil an 1999, tha fear de phròiseactan mòra ealain coimhearsnachd na h-Alba, Grèis-bhrat Mòr na h-Alba, air tilleadh gu Pàrlamaid na h-Alba.

Gus an latha eachdraidheil seo a chomharradh, dh’iarr an t-Oifigear Riaghlaidh air daoine bho air feadh Alba cuideachadh a thaobh “Pannal an t-Sluaigh”, rud ùr, fhuaigheal. Tha “Pannal an t-Sluaigh” mar chomharradh dathte air togalach Pàrlamaid na h-Alba agus air a’ cheangal ris a’ Grèis-bhrat Mòr na h-Alba, a chaidh a chruthachadh le Andrew Crummy, neach-ealain.

Aon uair ’s gu bheil “Pannal an t-Sluaigh” crìochnaichte, bidh e air a chrochadh suas sa Phàrlamaid mar phàirt den chruinneachadh ealain mhaireannach ann.

Bidh an Grèis-bhrat fosgailte don mhòr-shluagh an-diugh ’s air a thaisbeanadh gu Disathairne 13 Sultain.

Thuirt an t-Oifigear Riaghlaidh,  Am Fìor Urr. Tricia Marwick BPA

“Tha a bhith a’ toirt sùil air a’ Ghrèis-bhrat chrìochnaichte airson a’ chiad turais mar thachartas fìor tharraingeach. Tha e gu sònraichte iomchaidh gun do thill an taisbeanadh iongantach seo de dh’eachdraidh na h-Alba air an latha a tha sinn a’ comharradh 15 bliadhna den Phàrlamaid.

“Tha a h-uile bad pannail sa Ghrèis-bhrat mar theisteanas air na chaitheadh de dh’uairean a thìde ’s a dh’obair a chor ’s gun glacar gu h-àlainn eachdraidh shaidhbhir iom-fhillte na h-Alba.”

A thaobh cothrom air cuideachadh ann a bhith a’ cruthachadh pannail ùr, thuirt a’ Bh.ph. Marwick BPA:

“Tha mi a’ dèanamh fiùghair ri fàilte a chur air muinntir na h-Alba chun na Pàrlamaid gus am faigh iad air iad fhèin fhuaigheal a-steach gu eachdraidh na Pàrlamaid aca. Bidh seo mar dhìleab mhaireannach air a’ Ghrèis-bhrat ann an Taigh an Ròid agus air obair uidhir a làmhan.”

Agus e 143 meatair a dh’fhaid, ’s e Grèis-bhrat Mòr na h-Alba an Grèis-bhrat as fhaide air an t-saoghal. Tha gach fear dhe na 160 pannal àlainn mion-chruthaichte a’ glacadh amannan àraid fa leth ann an eachdraidh 420 millean bliadhna na h-Alba. Chaidh an sàr-phios ealain seo a chumadh leis an ùghdar Albannach Alexander McCall Smith cuide ris an neach-eachdraidh Alasdair Moffat agus an neach-ealain Andrew Crummy.

Thug mìle neach-fuaigheil o aois 4 gu 94 eachdraidh na h-Alba beò tro obair-ghrèis. Bha còrr is 50,000 uair a thìde san obair, agus tha eadhan aig an ìre seo còrr is 100,000 duine às Alba, às an Roinn Eòrpa ’s às tìrean eile air sùil a thoirt air an Tapastraidh ann an diofar àite thar Alba o chaidh a nochdadh an toiseach sa Phàrlamaid sa bhliadhna 2013. 

Thuirt Alexander McCall Smith:

“An turas mu dheireadh a thàinig an Grèis-bhrat chun na Pàrlamaid, bha pannal no dhà nach robh crìochnaichte. A-nis agus an obair sin dèanta tha sinn ga fhaicinn na ghlòir iomlan, air thaisbeanadh air sgàth muinntir is luchd-tadhail na h-Alba, anns an togalach a tha aig teis-meadhain beatha phoblach na h-Alba.

“Tha mi gu sònraichte toilichte gu bheil cothrom aig an fheadhainn sin nach fhaca e ann an Dùn Èideann an-uiridh an sàr-obair ealain àraid seo fhaicinn agus iongnadh a ghabhail a thaobh na chaidh a chur ann de ghràdh le còrr is mìle neach-ealain saor-thoileach bho air feadh Alba. Tha am fosgladh poblach den taisbeanadh iomlan glè chudromach dhuinn uile a bha an-sàs sa phròiseact-sa.”

A thaobh dealbhadh “Pannal an t-Sluaigh”, thuirt an neach-ealain Andrew Crummy:

“Dhomhsa, tha a bhith a’ cur aithne air, agus a’ tuigsinn, aisling ailtireachd togalach Pàrlamaid na h-Alba air sreathan brìghmhora a nochdadh a nì tarraing air dearbh-aithne is eachdraidh na h-Alba. Thathar an dòchas gu bheil na tha sa phannal de dhealbhadh mar sgàthan air annasachd an togalaich agus aisling nan daoine a thaobh dè as ciall don rud sin ris an canar deamocrasaidh san tìde ri teachd.”

Cùl-fhiosrachadh

Chuir an t-Oifigear Riaghlaidh a’ chiad fhuaigheal agus am fuaigheal mu dheireadh ri Grèis-bhrat Mòr na h-Alba mus deach fhosgladh aig Pàrlamaid na h-Alba an t-Sultain 2013. Tha e air a bhith air turas air feadh na dùthcha on àm sin.

Bithear a’ faighinn cothrom fuaigheal a chur ri “Pannal an t-Sluaigh” a rèir cò thig an toiseach, agus sin eadar amannan taghte gu 13 Sultain. Bidh luchd-fuaigheil eòlach ann gus treòr a thoirt dhaibhsan nach d’ rinn mòran, ma rinn dad, de dh’fhuaigheal a chor is gum fàg iad an làrach fhèin air eachdraidh.

Thèid an Grèis-bhrat a thaisbeanadh ann am Prìomh Thalla Pàrlamaid na h-Alba eadar 1 Iuchar is 13 Sultain (thoiribh fa-near gu bheil a’ Phàrlamaid fosgailte o Dhiluain – Disathairne). Tha e saor ’s an asgaidh faighinn a-steach gus an grèis-bhrat fhaicinn.

Agus iad a’ sealltainn, air dòigh àlainn, eachdraidh na h-Alba on àm a bha an dùthaich glaicte san eighre ’s air a cumadh leis an èigheanadh-shiubhail, gus an latha a chaidh Pàrlamaid na h-Alba ath-ghairm ann an 1999, tha na pannalan a’ cur an cèill eachdraidh dhrùidhteil, saidheans, dualchas, tionnsgalachd is poilitigs na h-Alba mar a bha iad thar nan linntean.

Cuideachd, bidh grunn thachartasan air an cumail sa Phàrlamaid mar chomharradh air cruthachdadh a’ Ghrèis-bhrata.

Contact information

Media information

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube