Comataidh a’ lorg bheachdan air Bile Maoin Shochairean (Alba)

25.06.2014

Tha Comataidh Ath-leasachadh Shochairean aig Pàrlamaid na h-Alba air beachdan iarraidh air Bile Maoin Shochairean (Alba) aig Pàrlamaid na h-Alba. Chaidh am Bile a thoirt a-steach 10 Ògmhios agus e na amas na h-ullachaidhean eadar-amail mu Mhaoin Shochairean na h-Alba (Scottish Welfare Fund) a chur air bunait reachdail.

Is iad amasan aig Maoin Shochairean na h-Alba eadar-amail cùl-taic a thoirt seachad ann an àm na h-èiginn nuair a bhios bagairt dhìreach air slàinte agus sàbhailteachd ann, le bhith a’ toirt seachad tabhartas èiginn (Crisis Grant) nach fheumar a phàigheadh air ais; agus a’ cur air chomas de dhaoine mairsinn, no cumail orra a’ mairsinn, gu neo-eisimeileach, gun fheum air cùram institiùideach, le bhith a’ toirt seachad tabhartas nach fheumar a phàigheadh air ais (Tabhartas Cùram Coimhearsnachd). An lùib seo tha cuideachadh do theaghlaichean air a bheil brùthadh seach an àbhaist. Mar eisimpleir far a bheil dàimh an teaghlaich air briseadh sìos, is dòcha le ainneart dachaigheil ann, agus gum feumar imrich mar thoradh.

Tha Comataidh Ath-leasachadh Shochairean ag iarraidh air daoine agus buidhnean fios a chur thuca leis na beachdan aca mun bhile, a’ sealltainn gu sònraichte a bheil am Bile air amas Riaghaltas na h-Alba cuideachadh a thoirt airson feumalachd san ùine ghoirid agus cùram-coimhearsnachd a thoirt gu buil.  

Thuirt Neach-gairm na Comataidh Mícheál Mac Mathúna BPA:

“Tha àite cudromach aig a’ Chomataidh againn ann a bhith a’ sgrùdadh na mhol Riaghaltas na h-Alba, agus a’ cur comhairle ris a’ Phàrlamaid anns an fharsaingeachd mu na beachdan againn. Tha e cudromach gun cluinn sinn bho luchd-pàirteachaidh (stakeholders) mu na beachdan aca – an dà chuid ann an sgrìobhadh agus anns na coinneamhan a chumas sinn eadar seo agus an t-Samhain.

“Tha a’ Mhaoin eadar-amail air a bhith ann dà bhliadhna mar-thà agus tha sinn ag iarraidh cluinntinn bho dhaoine mu na chaidh ionnsachadh anns an ùine seo, agus, gu cudromach, an fheum sinn barrachd ionnsachadh. Mar eisimpleir, tha sinn ag iarraidh faighinn a-mach dè am beachd a tha aig daoine air a’ mholadh gum bi an roghainn aig riaghaltais ionadail solar na maoine a fhàgail an urra ri treas pàrtaidh air an taobh a-muigh no a’ mhaoin a rianachd thar crìochan riaghaltais ionadail.”

Fon sgeama eadar-amail, tha ath-bhreithneachadh air an dara h-ìre ga dhèanamh le pannal gun chlaonadh a tha air a dhèanamh suas le luchd-obrach riaghaltas ionadail a tha air leth bho sgioba na Maoine. Tha am Bile a’ moladh, ge-tà, gun tèid an t-ath-bhreithneachadh air an dara h-ìre a dhèanamh le Ombudsman Seirbheisean Poblach na h-Alba. 

Thuirt an Leas-neach-gairm Seumas Hepburn BPA:

“Ann a bhith a’ sgrùdadh a’ Bhile, nì a’ Chomataidh sgrùdadh air na cosgaisean an lùib nam moladh na bhroinn. Mar sin, tha sinn ag iarraidh air daoine beachd a ghabhail a bheil na cosgaisean a dh’ainmicheadh airson rianachd na maoine agus suidheachadh Ombudsman Seirbheisean Poblach na h-Alba gus rianachd a dhèanamh air ath-bhreithneachadh aig an dara h-ìre ruigsinneach agus iomchaidh.”

A’ cur fianais-sgrìobhte a-steach don Chomataidh

Cha bu chòir gum biodh beachdan nas fhaide na 4 duilleagan A4. Bu chòir freagairtean a chur, uimhir is a ghabhas e dèanamh, gu dealanach agus ann an riochd MS Word chun an t-seòlaidh post-dealain a leanas: 

[email protected]

Mus cuir sibh an fhianais agaibh a-steach, leughaibh poileasaidh na Pàrlamaid mu làimhseachadh fianais-sgrìobhte le comataidhean-cuspair agus comataidhean èigneachail: Poileasaidh my Làimhseachadh Fianais-sgrìobhte le Comataidhean-cuspair agus Comataidhean Èigneachail.

Faodar freagairtean a chur tron phost cuideachd, gu:

Clàrc Chomataidh Ath-leasachadh Shochairean

Seòmar TG.01

Pàrlamaid na h-Alba

Dùn Èideann

EH99 1SP

Is e an ceann-latha deireannach a tha ann gus beachdan fhaighinn Diardaoin 28 Lùnastal.

Airson fios mun Chomataidh, cuiribh fios gu:

Rebecca Macfie: 0131 348 5182

[email protected]

Faodaidh sibh a’ Chomataidh a leantainn air twitter: @sp_welfareref

Gairm Fianais

Fios conaltraidh

 

Fios do na meadhanan

 

 

Fios comataidh

  • Rebecca Macfie: 0131 348 5182
  • Fàilte ro Text Relay
  • rebecca.macfie
    @scottish.parliament.uk

 

 

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • [email protected]
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

Relevant Details

 

 

Chaidh seo fhoillseachadh le:

Pàrlamaid na h-Alba
Dùn Èideann
EH99 1SP

Rè àm an reifreinn, feumaidh Pàrlamaid na h-Alba am fiosrachadh seo a thoirt seachad airson soilleireachd agus airson cumail ri riaghailtean iomairt.

Airson barrachd fiosrachaidh, faic Earrainn 4, Para 27 ann an Achd Reifreann air Neo-eisimeileachd do dh’Alba 2013.

Thoir an aire nach eil Pàrlamaid na h-Alba an urra ri làraichean-lìn air an taobh a-muigh.

 

 

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.