Tha barrachd iarrtais agus brùthadh air a’ bhuidseat a’ dèanamh adhartas le cùram do sheann daoine nas dorra, tha comataidh aig a’ Phàrlamaid a’ cur an cèill

17.06.2014

Nì sluagh na h-Alba a’ fàs aosta agus lùghdachadh anns an fharsaingeachd air buidseat bliadhnail Riaghaltas na h-Alba adhartas le bhith a’ gluasad cùram do sheann daoine bhon ospadal don dachaigh nas dorra, a rèir aithisg phàrlamaideach bho Thaigh an Ròid.

Agus i air a foillseachadh an-diugh, tha an aithisg le Comataidh Sgrùdadh Poblach air cruth às ùr air cùram do dhaoine aosta a’ leigeil fhaicinn gun fheum caiteachas air slàinte agus cùram sòisealta do sheann daoine àrdachadh bho mu £4.5 billean ann an 2011/12 gu faisg air £8 billean ann an 2031 gus barrachd iarrtais a riarachadh. Tha seo a’ tachairt nuair a bhios buidseat bliadhnail Riaghaltas na h-Alba san fharsaingeachd fhathast a’ lùghdachadh gu 2015/16 agus chan eil dùil gun tèid air ais gu ìrean 2009/10 gu ruige 2025/26.

Tha aithisg na comataidh a’ tighinn an dèidh aithisg ‘Reshaping care for older people’ (Gearran 2014) bho Àrd-neach Sgrùdaidh na h-Alba agus Coimisean nan Cunntasan (AGS), a thuirt nach gabh na h-ullachaidhean a tha ann an-dràsta “cumail suas”.   

Ri linn fianais don chomataidh, thug Àrd-neach Sgrùdaidh na h-Alba aithisg nach deach ach “beagan adhartais a dhèanamh le bhith a’ gluasad cùram bhon ospadalan gu cùram aig an dachaigh no sa choimhearsnachd seach gu bheil ionmhas a’ lùghdachadh agus àireamh nan seann daoine ag àrdachadh.” 

Am measg nan toraidhean eile a fhuair a’ chomataidh, tha:  

·         A thaobh clàr 10 bliadhna Riaghaltas na h-Alba agus COSLA Reshaping care for older people (RCOP), mhìnich AGS gu bheil beàrn mhòr ann am fiosrachadh nàiseanta air feumalachdan agus freagarrachd sheirbheisean. Dhearbhaich Riaghaltas na h-Alba nach eilear air am fiosrachadh a thional air an aon rèir fhathast gus an ìre cheart de mhisneachd a thoirt mun t-suidheachadh anns an fharsaingeachd, no gus coimeas seaghach eadar sgìrean a chur air chomas. Chuir a’ Chomataidh fàilte mar sin air rùn Riaghaltas na h-Alba aithisg a thoirt mun obair gus a dhèanamh cinnteach gun cuir fiosrachadh nàiseanta ri clàr RCOP.  

·         Tha a’ Chomataidh air moladh gum foillsich Riaghaltas na h-Alba fiosrachadh gu cunbhalach air adhartas gus an cuibhreann den bhuidseat iomlan air slàinte agus cùram sòisealta a thathar a’ cosg air cùram aig an dachaigh àrdachadh.  

·         Tha a’ Chomataidh mothachail air raon nan tionnsgnaidhean a chuidich Maoin Atharrachaidh £300 millean, dà bhliadhna bho thòisich an clàr 4 bliadhna seo le Riaghaltas na h-Alba. Ach dh’iarr a’ Chomataidh barrachd fiosrachaidh a thaobh mar a thèid èifeachdas na maoine seo a thomhas.  

Thuirt Neach-gairm Chomataidh Sgrùdaidh Phoblaich Ùisdean MacEanraig BPA: 

“Tha a’ Chomataidh mothachail gu bheil poileasaidh riaghaltasan san ùine fhada gus cùram a ghluasad bhon ospadal don dachaigh no don choimhearsnachd na atharrachadh nach beag fhathast. Tha seo air a dhèanamh nas dorra buileach le àrdachadh air iarrtas bho shluagh na h-Alba a’ fàs aosta agus brùthadh air buidseatan.   

“Tha an dùbhlan seo air aon den fheadhainn as motha mu choinneimh na h-Alba an-diugh. Tha e a’ fàgail gu bheil e deatamach fhèin gun tèid adhartas a dhèanamh ann a bhith a’ cur riochd às ùr air cùram do sheann daoine seach gum feumar an dòigh san tèid cùram a thoirt seachad atharrachadh agus aig an aon àm iarrtas a riarachadh a rèir nam buidseatan a tha rim faotainn an-dràsta agus san àm ri teachd.  

“Tha a’ Chomataidh mothachail nach eil sinn ach ann am bliadhna a ceithir de chlàr deich bliadhna gus cruth às ùr a thoirt air cùram agus gun deach adhartas a dhèanamh gu ìre rè na h-ùine sin. Gus am bi ceum mòr air thoiseach anns an adhartas sin, ge-tà, tha e deatamach fhèin gun toir Bùird Seirbheis Nàiseanta na Slàinte, Comhairlean agus com-pàirtichean am feum as fheàrr às an fhiosrachadh a tha ri fhaotainn mu sheirbheisean ionadail.  

“Tha e deatamach fhèin mar sin gun gabh buaidh nan atharrachadh seo tomhas gu h-èifeachdach. Agus ceist ann mu bheàrnan san fhiosrachadh aig ìre nàiseanta, dh’iarr sinn ùrachadh air Riaghaltas na h-Alba air an obair aca san raon seo.”  

Am measg molaidhean Chomataidh Sgrùdaidh Phoblaich, tha: 

·         Agus an coltas ann gun àrdaich iarrtas air seirbheisean slàinte is cùram sòisealta ri linn atharrachaidhean air ìrean an t-sluaigh agus nas lugha de dh’airgead ri fhaotainn gus pàigheadh airson nan seirbheisean, tha a’ Chomataidh den bheachd gu bheil e cudromach gun tèid fiosrachadh air na cosgaisean gus cùram a thoirt do sheann daoine, agus mar a thèid an cùram sin a thoirt seachad, a thuigsinn gu soilleir;  

·         Tha’ Chomataidh den bheachd ma tha adhartas dha-rìribh gu bhith ann le bhith ag atharrachadh mar a tha cùram ga roinn gu bheil e deatamach gun toir comhairlean, Seirbheis Nàiseanta na Slàinte (NHS) agus com-pàirtichean am feum as motha às an fhiosrachadh a bheir Frèam nan Goireasan Amalaichte (IRF) seachad mu atharrachaidhean ann an sgìrean ionadail. Chuireadh a’ Chomataidh fàilte air barrachd fiosrachaidh bho Sgioba nan Co-leasachaidhean (JIT) air mar a tha e a’ daingneachadh gu bheil fios bho IRF ga amalachadh gu h-iomlan agus ga chleachdadh le Comhairlean, Seirbheis Nàiseanta na Slàinte agus le com-pàirtichean;   

·         Chuireadh a’ Chomataidh fàilte cuideachd air freagairt bho Riaghaltas na h-Alba agus JIT a thaobh mar a chuireadh iad aghaidh air srian ri fiosrachadh IRF mu chlaonaidhean san ùine fhada agus na bhios comhairlean a’ cosg air an fheadhainn aig aois 75 no nas sine;          

 

·         Tha a’ Chomataidh ag iarraidh barrachd fiosrachaidh bho Riaghaltas na h-Alba air dè an gnìomh a tha e a’ gabhail gus leasachadh a thoirt air cion seasmhachd ann am Bùird Seirbheis Nàiseanta na Slàinte, ann an Comhairlean agus com-pàirtichean san dòigh san tèid cunntas a thoirt air na diofar sheòrsaichean de chaiteachas airson seann daoine.   

Cùl-fhiosrachadh  

Bho 2004 tha e air a bhith mar amas aig Riaghaltas na h-Alba ‘cothromachadh a’ chùraim a charachadh’. Tha seo a’ ciallachadh gluasad bho sheirbheisean institiùideach leithid ospadal agus dachaighean-cùraim gu cùram aig an dachaigh no sa choimhearsnachd. Tha e cuideachd a’ ciallachadh a bhith a’ sealltainn barrachd air seirbheisean a chosgas no a chuireas maille air droch shlàinte. 

Ann an 2010, chuir Riaghaltas na h-Alba agus Còmhdhail Ùghdarrasan Ionadail na h-Alba (COSLA) clàr 10 bliadhna, Reshaping Care for Older People (RCOP) air bhog. The mar amas aige seo leasachadh a thoirt air càileachd agus toraidhean cùraim, agus cuideachadh gus na dùbhlain an lùib sluagh a’ fàs aosta a thoirt a-mach.  

Tha sluagh na h-Alba a’ fàs nas aosta, le dùil gun àrdaich an àireamh a-mach às a’ cheud de t-sluagh aig aois 65 no nas sine bho 17% gu 25% eadar 2010 agus 2035. Bidh mòran aig am bi deagh shlàinte agus gun fheum aca air cothrom air seirbheisean slàinte agus cùraim shòisealta dian no fad ùine fhada. Ann an 2012, ge-tà, fhuair 9 a-mach às a’ cheud aig aois 65 no nas sine cùram aig an dachaigh no a’ fuireach fad ùine fhada ann an dachaigh-cùraim no ospadal. Dh’èirich an àireamh seo às a’ cheud gu barrachd is trian airson daoine aig aois 85 no nas sine.   

Cha do mheudaich an ùine a bhios daoine a’ mairsinn ann an deagh shlàinte a rèir faid na beatha ris a bheil dùil. Cuideachd, bidh àireamh nan duilgheadasan a thaobh slàinte san ùine fhada a thig air daoine a’ dol am meud a rèir na h-aoise. Ann an ceàrnaidhean sònraichte de dh’Alba, bidh ìrean nas àirde de dh’easbhaidh agus de dhroch shlàinte a’ fàgail gum bi daoine feumach air barrachd cothrom air cùram slàinte agus sòisealta agus aig ìre nas òige.

Read the report

6th Report, 2014 (Session 4) Report on Reshaping care for older people

Contact information

Media information

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • [email protected]
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.