Comataidh an Ionmhais air fàilte a chur air comharrachadh thoraidhean ann an Dreachd den Bhuidseat

09.12.2013

Tha an cuideam a chuir Riaghaltas na h-Alba air toraidhean air fàilte fhaighinn bho Chomataidh an Ionmhais anns an aithisg aice air dreachd 2014-15 a chaidh fhoillseachadh an-diugh. 

Tha an cuideam a chuir Riaghaltas na h-Alba air toraidhean air fàilte fhaighinn bho Chomataidh an Ionmhais anns an aithisg aice air dreachd 2014-15 a chaidh fhoillseachadh an-diugh.

Tha a’ Chomataidh a’ comharrachadh an Fhrèama Nàiseanta mu Choileanadh (NPF) mar eisimpleir a thathar ag aithneachadh gu h-eadar-nàiseanta mar dhòigh air a bonntachadh air toraidhean gus coileanadh le riaghaltas a thomhas. A dh’aindeoin seo, tha a’ Chomataidh ag innse nach eilear cho eòlach sin air a’ fhrèam ann an Alba, a’ fàgail nach eilear a’ toirt na h-uimhir de bhuannachdan agus a dh’fhaodte às. 

Tha a’ Chomataidh cuideachd a’ measadh a’ ghluasaid gu cosg casgach (preventative spending) agus a’ tighinn chun a’ cho-dhùnaidh gu bheil fianais air choreigin air adhartas ann a dh’aindeoin cho doirbh is a tha an àrainneachd fhiosgail. Ach tha ceist air a’ Chomataidh cuideachd nach eil na buidhnean poblach gu lèir a’ dèanamh a’ cho-dhùnaidh dhoirbh crìoch a chur ri maoineachadh airson cuid de na seirbheisean a tha ann an-dràsta gus airgead is goireasan a tha deatamach airson dòigh-dèiligidh chasgach a leigeil mu sgaoil. 

Thuirt Neach-gairm Chomataidh an Ionmhais Coinneach Gibson BPA: 

“Tha Comataidh an Ionmhais a’ cur fàilte mhòr air an NPF agus tha sinn a’ dèanamh gàirdeachas ris an dòigh-dhèiligidh stèidhichte air toraidhean le Riaghaltas na h-Alba a chuireas taic ri sgrùdadh air ionmhas agus ri cunntachalachd.  

“Tha an coltas ann, ge-tà, nach eilear eòlach gu math air an NPF an taobh a-muigh buidhnean luchd-phoilitigs agus tha sinn den bheachd gum bu chòir gum biodh am poball mothachail air a’ chuideam na lùib.” 

“A thaobh cosg casgach, tha sinn mothachail gur h-e àrainneachd fhiosgail car doirbh a tha ann agus a’ cur fàilte air an eisimpleir a nochd Comhairle na Gàidhealtachd agus SNS na Gàidhealtachd far a bheil fianais ann an da-rìribh air an atharrachadh chultarail is structarail a tha dhìth san dòigh san tèid seirbheisean poblach a lìbhrigeadh.  

“Tha an coltas ann, ge-tà, gu bheil adhartas nas slaodaiche ann an sgìrean eile agus is e sin as coireach gun do dh’iarr sinn air an Riaghaltas na cnapan-starra mòra ri atharrachadh a nochdadh agus na gnìomhan a tha e a’ gabhail gus aghaidh a thoirt orra seo a shònrachadh.”

Cùl-fhiosrachadh

Tha am Frèam Nàiseanta mu Choileanadh ag ràdh gur h-e Rùn Riaghaltas na h-Alba “riaghaltas agus seirbheisean poblach a chuimseachadh ri dùthaich nas soirbheachaile a chruthachadh, le cothroman do dh’Alba gu lèir soirbheachadh, le bhith a’ cur ri fàs eaconamach seasmhach.” Tha mar bhunait ris an Fhrèam Nàiseanta mu Choileanadh còig amasan ro-innleachdail agus 16 toraidhean nàiseanta a’ sònrachadh na tha an Riaghaltas ag iarraidh toirt gu buil thairis air deich bliadhna. Tha caogad de chomharraichearan nàiseanta “a’ cumail sùil air adhartas a dh’ionnsaigh toirt nan Toraidhean Nàiseanta gu buil agus lìbhrigeadh an Rùin air a’ cheann thall”. 

Tha an làrach-lìn Scotland Performs na thùs-fiosrachaidh bunaiteach mu choileanadh Riaghaltas na h-Alba.

Read the report

10th Report, 2013 (Session 4): Draft Budget 2014-15

Contact information

Media information

Committee information

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • [email protected]
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.