Comataidh ag iarraidh fianais air Bile an Reifreinn

21.03.2013

Tha a’ chomataidh aig Pàrlamaid na h-Alba ris a bheil e an urra sgrùdadh a dhèanamh air an reachdas gus reifreann air neo-eisimeileachd a chumail ag iarraidh fianais mun Bhile.

Air a thoirt a-steach agus air fhoillseachadh anns a’ Phàrlamaid an-diugh (21 Màrt), tha Bile Reifreann Neo-eisimeileachd na h-Alba air ullachadh a dhèanamh gun tèid an refireann a chumail Diardaoin 18 Sultain 2013.

 

Thuirt Neach-gairm Chomataidh Bile Reifreinn (Alba)  Brus Crawford BPA gun fheum am Bile earbsa na Pàrlamaid agus muinntir na h-Alba a ghlacadh.

 

Thathar a’ sireadh bheachdan air a’ Bhile bhon a h-uile neach is buidheann le ùidh sa chùis gun a bhith nas anmoiche na 6 Ògmhios 2013.

 

Thuirt Mghr Crawford:

 

“Tha a h-uile ball den chomataidh seo mothachail fhèin air a’ chuideam eachdraidheil a tha air a’ Bhile seo. Tha sinn ag iarraidh dèanamh cinnteach gum faigh an reachdas, nuair a thathar air aonta a chur ris, chan e a-mhàin taic bhon Phàrlamaid ach gun glac e earbsa muinntir na h-Alba.”

 

Tha e san amharc aig a’ chomataidh èisteachd ri fianais-labhairt air a’ Bhile ri tron Chèitein agus aithisg a thoirt dhan Phàrlamaid dìreach an dèidh fosadh an t-samhraidh (tràth san t-Sultain 2013).

 

Cùl-fhiosrachadh

Gheibhear lorg air a’ ghairm airson fianaise air duilleag-dachaigh na comataidh.

 

Is e dleastanas na Comataidh an reachdas a sgrùdadh (seach na h-argamaidean airson agus an aghaidh neo-eisimeileachd).  Tha a’ chomataidh ag iarraidh fianais gu sònraichte mu na leanas:

 

  • ceann-latha an reifreinn agus briathrachas na ceiste
  • na riaghailtean mu ghiùlan
  • na riaghailtean mu iomairt
  • àite Choimisean nan Taghaidhean
  • crìochan air ionmhas a thathar a’ moladh do bhuidhnean-iomairt agus do phartaidhean  poilitigeach

 

Fios Conaltraidh

Fios do na Meadhanan

Fios mun Chomataidh

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • [email protected]
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.