An t-Oifigear Riaghlaidh air fàilte a chur air coimhearsnachdan na h-Alba gu Taigh an Ròid

26.10.2012

Tha Oifigear Riaghlaidh Pàrlamaid na h-Alba, Tricia Marwick BPA, air fàilte chridheil a chur air buidhnean-coimhearsnachd à Alba gu lèir ron cheathramh Cho-labhairt mu Choimhearsnachdan aig a' Phàrlamaid air Disathairne (27 Dàmhair).

Tha e mar amas aig a’ cho-labhairt cuideachadh ri buidhnean ionadail barrachd a thuigsinn mun Phàrlamaid agus mar a dh’fhaodar ceangal a dhèanamh rithe. Thig còrr is 120 buidhnean beaga saor-thoileach, comainn chatharra agus buidhnean-gnìomha ionadail aig nach bi eòlach is dòcha air a bhith a' toirt an cuid iomairtean gu Pàrlamaid gu Taigh an Ròid airson an latha.

 

Còmhla ris an Oifigear Riaghlaidh bidh na Buill eile Sanndra NicIlleBhàin, Jenny Marra, Cailean Beatie, Stiùbhart Maxwell, Margo NicDhòmhnaill agus Murchadh Friseal. Seallaidh buidhnean-obrach air comataidhean, obair nam Ball, athchuingean, buidhnean tar-phartaidh, cleachdadh lìonraidhean sòisealta agus na meadhanan.

 

Agus i a’ labhairt air thoiseach air gnothaichean, thuirt an t-Oifigear Riaghlaidh Tricia Marwick BPA:

 

 

“Le còrr is 120 de riochdairean à Alba gu lèir, tha a’ Cho-labhairt seo na cothrom dha-rìribh do bhuidhnean ionadail coinneachadh, ionnsachadh bho chàch-a-chèile agus faighinn a-mach mar a bheirear cluas ri claisneachd dhaibh aig Taigh an Ròid.

 

“Bheir i, tha mi an dòchas, an dìomhaireachd air falbh bhon mhodh-obrachaidh poilitigeach a bheir do bhuidhnean beaga ionadail eòlas, acfhainn agus misneachd gus buaidh a thoirt air na bhios a' tachairt an dà chuid aig Taigh an Ròid agus anns na coimhearsnachdan ionadail aca." 

 

Tha a’ cho-labhairt mar phàirt den rùn leanmhainneach aig a’ Phàrlamaid ceangal a dhèanamh ri muinntir na h-Alba gu lèir. A bharrachd air a bhith a’ cur fàilte air daoine gu Taigh an Ròid, bidh a' Phàrlamaid cuideachd a' dol a-mach gu coimhearsnachdan agus air 5 Samhain, bidh a' Phàrlamaid a' tadhal air Hamhaig don chiad Latha Pàrlamaid riamh aice. Tha seo a’ gabhail a-steach tadhal air sgoiltean, coinneamh aig Comataidh an Ionmhais agus sreath cheanglaichean le buidhnean-coimhearsnachd. An-uiridh thadhail mu 12,000 de chlann-sgoile air Taigh an Ròid agus thadhail luchd-obrach bhon Phàrlamaid air 300 de sgoiltean.

 

Thèid an seisean làn san t-Seòmar a chraoladh beò air an Lìon air làrach-lìn Pàrlamaid na h-Alba aig 10.30f. Faodaidh luchd-leanmhainn truitrich sùil a chumail air naidheachdan na co-labhairt le bhith a’ cleachdadh #CoCo4 #gaidhlig

Fios conaltraidh

Fios bho na meadhan:

Fiosrachadh a' phobail

  • Fòn: 0800 092 7500
  •  Fòn teacsa
    0800 092 7100
  • Fàilte ro text relay
  • Teacs: 07786 209888
  •  [email protected]
Fòn: 0800 092 7500

Lean air twitter sinn @ParlAlba