Iarraidh air soilleireachadh a thaobh Chosgaisean Slàinte

25.06.2012

Cosgaidh Alba còrr is £11 billean air slàinte gach bliadhna ach tha fhathast dìth soilleireachaidh ann mu mar a thathar a' cosg a' bhuidseit sin le bùird NHS, a rèir aithisg a chuireadh a-mach le Comataidh Slàinte is Spòrs.

Thuirt Neach-gairm Comataidh Slàinte is Spòrs, Donnachadh MacNèill BPA: 

"Gheibh slàinte tè de na roinnean is motha de bhuidseat Riaghaltas na h-Alba, rud a tha ceart is còir. 'S e ròl Pàrlamaid na h-Alba sgrùdadh a dhèanamh a chor is gun dèanar cinnteach gu bheilear a' cosg airgead poblach gu glic.

"Ged a bhios na 14 Bòrd Slàinte againn a-nis a' toirt ìre de dh'fhiosrachadh do na BPAan air mar a chosgas iad na buidseatan aca, 's e an rud a tha nis fa-near dhuinn ach dè cho ceart is cho soilleir is a tha am fiosrachadh sin.

"Mar thoradh air an dìth seo, cha tèid aig a' Chomataidh air freagairt a thoirt do cheistean bunaiteach a thaobh mar a chosgas Bùird NHS na buidseatan aca - ceistean a bhuineas ri feabhas, èifeachd is planadh seirbheisean NHS."

Tha sgrùdadh na Comataidh air buidseatan Bùird NHS cuideachd ag ràdh: tha e cudromach gum bithear a' sàbhaladh airgid san NHS ach feumar feabhas is leantainneachd sheirbheisean a chumail suas 's aig an aon àm 's a thathar so-lùbte ann a bhith a' coileanadh fheumalachdan ionadaile.

Bithear a' sgrùdadh ma, agus ciamar, a tha Bùird NHS a' toirt a-mach feabhas is leantainneachd sheirbheisean san ath shreath de sgrùdaidhean. Gidheadh, chì a' Chomataidh mar rud iomchaidh e gum bi teagamh aca nuair nach bi gealladh nam Bòrd gu bheil iad a' cumail suas feabhas, leantainneachd is so-lùbailteachd ri fhaicinn gu soilleir a thaobh slatan-tomhais neo sgrùdaidhean.

Bheir a' Chomataidh sùil eile air na tha an treas earrann a' cur a-steach a thaobh Maoin an Atharrachaidh, measaidhean air sgeamannan pìolat agus an eadar-ghluasad o mhaoin chomharraichte gu maoin àbhaisteach.

Nì a' Chomataidh measadh air a' chothromachadh eadar maoin a bharrachd agus cuideam nan cosgaisean thar siostam na slàinte gu lèir.

Feumaidh am fiosrachadh riatanach a bhith aig a' Chomataidh a chor 's gun toir iad freagairtean air ceistean bunaiteach leithid: A bheil sinn a' cosg gu glic? Ciamar a tha sinn a' dèanamh cinnteach gu bheil seirbheisean èifeachdach? Dè tha sinn a' dèanamh gus dèanamh cinnteach gu bheil feabhas ar seirbheisean a thaobh toradh air luchd-cleachdaidh seirbheisean-slàinte air an dìon? Agus ciamar a tha sinn a' planadh airson atharrachaidh?

Leanaidh obair na Comataidh san dòigh a bhuineas ris na suirbhidhean a rinneadh roimhe, ach le bhith a' feuchainn ri fòcas na cùise atharrachadh o bhith a' cruinneachadh dàta gu bhith ris a rèir nan ceistean shuas air an deach cuideam a chur.

Thuirt Leas Neach-gairm Comataidh Slàinte is Spòrs, Bob Doris BPA:

"Tha ar Comataidh a' tuigsinn gu bheil cosg air slàinte a' bualadh air a h-uile coimhearsnachd ann an Alba.

"Cuiridh a' Chomataidh fàilte mhòr air dealas leantainneach Rùnaire a' Chaibineit am fiosrachadh mionaideach as riatanaiche a thoirt seachad a chor is gum bi gach sgrùdadh nas dlùithe.

"Bidh seo gu h-àraid cudromach aig àm 's a tha casg air cosg san earrann phoblach agus a thaobh nan ceistean cudromach leithid atharrachadh ann an àireamh ar mòr-shluaigh. Is soilleir gum bi a leithid a' toirt buaidh air mar a lìbhrigeas NHS na h-Alba na seirbheisean aca, agus gu dearbh mar a bhithear a' cosg air slàinte sna làithean ri teachd."

Cùl-sgeul

A h-uile foghar bidh comataidhean Pàrlamaid na h-Alba a' beachdachadh air dreachd buidseat Riaghaltas na h-Alba. Rinn Comataidh Slàinte is Spòrs, agus iad airson sgrùdadh nas dlùithe a dhèanamh aor cosg bùird NHS, obair a bharrachd as t-earrach. 'S e an aithisg seo toradh na h-obrach sin fa chomhair gach roinn buidseit ann an 2012-13.

Chaidh Comataidh Slàinte is Spòrs a chuideachadh san rannsachadh leis a' chomhairliche buidseit aca, Dr. Anndra Walker. 'S e Dr. Walker Àrd-Òraidiche ann an Eaconamaidh Slàinte aig Ionad Robastan airson Eòlas Staitistigs, Oilthigh Ghlaschu.

The Report

9th report into NHS Board scrutiny 

Contact information

Media

Committees

Public information

  • Telephone: 0800 092 7500
  • Textphone users can contact us on 0800 092 7100
  • We also welcome calls using the Text Relay service
  • Text message: 07786 209888
  • sp.info@scottish.parliament.uk

You can also follow us on twitter @scotparl