Tasglann naidheachd

Tubhailtean-mìosail an-asgaidh a-nis aig togalach Pàrlamaid na h-Alba

18.05.2018

Chaidh a dhearbhadh gum bi cungaidhean mìosail rim faighinn an-asgaidh sa bhad aig togalach Pàrlamaid na h-Alba.

A’ Mhòr-chuid de Chomataidh Co-ionannachd is Chòraichean Daonna a’ cur taic ri còraichean bhòtaidh do phrìosanaich

14.05.2018

Bu chòir còraichean bhòtaidh a bhith aig prìosanaich a tha fo ghrèim a rèir Comataidh Co-ionannachd is Chòraichean Daonna aig Taigh an Ròid.

Tha Comataidh Thaigh an Ròid a' moladh 'fuasgladh poilitigeach' a thaobh Clàs 11 no nach bu chòir Pàrlamaid na h-Alba taic a thoirt do Bhile an AE (Tarraing a-mach)

10.05.2018

Tha Comataidh Ionmhais agus Bun-reachd Thaigh an Ròid air moladh nach bu chòir do Phàrlamaid na h-Alba cead a thoirt do Chlàs 11 agus Pàipear-taice 3 de Bhile an AE (Tarraing a-mach).

Brus Crawford BPA ag ràdh gu bheil Taigh an Ròid ag ath-nuadhachadh a’ phròiseas buidseit

08.05.2018

Tha BPA a-nochd air pròiseas buidseit ùr Pàrlamaid na h-Alba a dhaingneachadh gu foirmeil (Dimàirt 8 Cèitean 2018).

Feum air ath-bheachdachadh radaigeach mu Aonad Sgrion ùr na h-Alba

05.05.2018

Tha comataidh Pàrlamaid na h-Alba ag iarraidh ath-bheachdachadh radaigeach air Aonad Sgrìn ùr na h-Alba gus dèanamh cinnteach gun urrainn dha an roinn sgrìn bheòthail ann an Alba a chuideachadh gu bhith a’ ruigsinn àirde a chomais.

Comataidh ann an Taigh an Ròid gu bhith a’ beachdachadh air an aois aig a bheil uallach airson eucoirean

27.04.2018

Tha an aois aig am faodar, ann an sùilean an lagha, uallach a chur air òigridh airson an gnìomhan gu bhith a’ tighinn fon phrosbaig ann an Comataidh Co-ionnanachdan agus Còraichean Daonna ann an Taigh an Ròid.

Taigh an Ròid gu bhith a’ cur fàilte air Ceann-suidhe Malawi

25.04.2018

Tha Ceann-suidhe Poblachd Malawi, A Shoillse an t-Àrd-ollamh Peter Mutharika, gu bhith a’ toirt òraid do na BPA uile. Bheirear an òraid anns an t-Seòmar ann am Pàrlamaid na h-Alba air Diardaoin 26 Giblean, an dèidh Ceistean a’ Phrìomh Mhinisteir.

Luchd-gairm Comataidh gu bhith a’ ceasnachadh a’ Phrìomh Mhinisteir

12.04.2018

Bidh Luchd-gairm Comataidh ann an Taigh an Ròid a’ ceasnachadh a’ Phrìomh Mhinisteir uair eile air prògram is prìomhachasan an Riaghaltais aice.

Leasanan thar a’ Chuain Siar do Phàrlamaid na h-Alba

05.04.2018

Thèid Seachdain na h-Alba a chomharrachadh le Pàrlamaid na h-Alba a-rithist nuair a bhios buidheann-riochdachaidh a’ tadhal air New York, Baile Québec agus Washington DC.

Dè seòrsa Alba a tha sibh ag iarraidh? Taigh an Ròid dol a bheachdachadh air amasan leasaichte Riaghaltas na h-Alba airson a’ chomann-shòisealta.

04.04.2018

Tha Riaghaltas na h-Alba an-diugh a’ beachdachadh air àrd-amasan leasaichte airson Alba agus na tha e an dòchas a choileanadh thar nan deich bliadhna a tha romhainn ...

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.