Tha Comataidh an Ionmhais & na Bun-reachd Thaigh an Ròid a’ rabhadh gu bheil fianais làidir ann air cunnart deamografaigeach a thaobh meud buidseat na h-Alba

07.11.2018

Tha Comataidh an Ionmhais & na Bun-reachd Thaigh an Ròid a’ rabhadh gu bheil fianais làidir ann air cunnart deamografaigeach a thaobh meud buidseat na h-Alba.

Tha fianais làidir ann gu bheil cunnart deamografaigeach a’ bagairt air meud buidseat na h-Alba san àm ri teachd, a rèir Comataidh an Ionmhais & na Bun-reachd aig Taigh an Ròid.  Dh’fhaodadh seo buaidh a thoirt air caiteachas poblach ann an Alba.  

Anns an aithisg sgrùdaidh ro-bhuidseit aca airson 2019-20, tha a’ chomataidh ag ràdh gu bheil an cunnart deamografaigeach a’ togail dà cheist bhunasach:

·         A bheil cumhachdan poileasaidh gu leòr aig Riaghaltas na h-Alba gus dèiligeadh ris a’ chunnart? 

·         A bheil am Fream-obrach Fioscaileach a’ toirt feart gu leòr don eadar-dhealachadh deamografaigeach eadar Alba agus an còrr den RA?

Tha a’ chomataidh a’ moladh gu bheil e riatanach gun tèid làn bheachdachadh a dhèanamh air na ceistean seo mar phàirt de dh’ath-bhreithneachadh air an Fhrèam-obrach Fhioscaileach.

Tha a’ chomataidh a’ nochdadh gu bheil dùil gun tig crìonadh anns an àireamh dhaoine ann an Alba aig aois obrach (aois 16-64 bliadhna) bho 2018 a-mach, nuair a bhios an àireamh sa chòrr den RA a’ fàs.  Bidh dùil gun cuir seo bacadh air fàs Làn-thoradh Dùthchail na h-Alba, a rèir Choimisean Fioscaileach na h-Alba.

Tha Sealladh Fioscaileach  Riaghaltas na h-Alba ag ràdh, ged nach eil e na rud ùr gu bheil an sluagh a’ fàs nas aosta, gu bheil “dùil gun tachair seo nas luaithe bho 2021 a-mach agus aig reat nas luaithe na an còrr den RA.”  

Tha Riaghaltas na h-Alba a’ comharradh dà chùis an lùib seo: 

· meudachadh mòr san àireamh dhaoine aois 75 agus nas sine;  

· sluagh aois obrach nas aosta, le nas lugha de dhaoine òga agus barrachd dhaoine aois 50 agus nas sine.  

Tha aithisg na comatadh cuideachd ag ràdh gu bheil fìor chunnart ann, air sgàth na dòigh sam bi am Frèam-obrach Fioscaileach ag obair, gum bi buidseat na h-Alba air a lùghdachadh, mura h-eil uiread daoine ann  aig  aois obrach, mar thoradh air crìonadh ann an in-imrich an taca ris a’ chòrr den RA.  

Tha a’ Chomataidh mothachail gu bheil poileasaidh in-imriche na chùis ghlèidhte agus nach eil Riaghaltas na RA ag aontachadh gu feum Alba poileasaidh in-imriche sònraichte dhi fhèin.  

Ged-thà, ann an co-theacsa Brexit agus suidheachadh deamografaigeach eadar-dhealaichte ann an Alba an taca ris a’ chòrr den RA, tha a’ Chomataidh a’ moladh gun dèan an t-ath-bhreithneachadh air an Fhrèam-obrach Fhioscaileach  làn sgrùdadh air buaidh poileasaidh in-imriche às dèidh don RA an AE fhàgail.   

Thuirt Neach-gairm Comataidh an Ionmhais & na Bun-reachd, Brus Crawford BPA:

“Tha an cunnart deamografaigeach a nochd an aithisg againn a’ togail dà cheist bhunasach: a bheil cumhachdan poileasaidh gu leòr aig Riaghaltas na h-Alba gus dèiligeadh ris a’ chunnart agus a bheil am Fream-obrach Fioscaileach a’ toirt feart gu leòr don diofar dheamografaigeach eadar Alba agus an còrr den RA?  

“Tha a’ chomataidh a’ moladh gu bheil e riatanach gun tèid làn bheachdachadh a dhèanamh air na ceistean seo mar phàirt de dh’ath-bhreithneachadh air an Fhrèam-obrach Fhioscaileach.”

Thuirt Mgr Crawford cuideachd:

“’S e an droch rud, ged nach e naidheachd ùr a th’ ann gu bheil an sluagh againn a’ fàs nas sine, gu bheileas an dùil gum bi seo a’ tachairt nas luaithe bho 2021, agus gu bheil seo a’ tachairt nas luaithe na an còrr den RA.  Anns an fhad-ùine feumaidh gach Riaghaltas Albannach dèiligeadh ris na dùbhlain a thig an lùib seo.” 

Cùl-fhiosrachadh 

Às dèidh taghaidhean na h-Alba ann an 2021 thèid ath-bhreithneachadh a dhèanamh air an Fhrèm-obrach Fhioscaileach a gheibh cùl-taic bho aithisg neo-eisimeileach le molaidhean a thèid a chur air beulaibh Riaghaltas na h-Alba agus na RA ro dheireadh 2021.” 

Làn-aithisg na Comataidh. 

Duilleag-lìn na Comataidh agus clàr-obrach.

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.